Gàidhlig

Tha na ceumannan tro mheadhan na Gàidhlig againn a’ còmhdachadh farsaingeachd de chuspairean a’ gabhail a-steach nam meadhanan, ceòl traidiseanta agus teagasg, cànan agus cultar na Gàidhlig agus leasachadh coimhearsnachd.

Is sinne an t-aon stèidheachd an Alba a thabhann cheumannan gu tur tro mheadhan na Gàidhlig.

Ruairidh Greumach,
Gàidhlig agus Leasachadh BA (le Urram)

Bhon uair a cheumnaich Ruairidh Greumach bhon chùrsa BA (le Urram) ann an Gàidhlig agus Leasachadh aig Sabhal Mòr Ostaig UHI ann an 2014, tha e air a bhith ag obair mar Oifigear Leasachaidh le Urras Coimhearsnachd Shlèite mar phàirt den phrògram ScotGrad.

“Is e Sabhal Mòr Ostaig UHI an t-aon àrainn oilthigh den t-seòrsa, a bhios a’ tabhann dhut an dà chuid na h-innealan acadaimigeach is sòisealta gus àrainneachd Ghàidhlig agad fhèin a chruthachadh. Is e seo a tha a’ fàgail gu bheil e cho eadar-dhealaichte bho àite sam bith eile. Le Comann nan Oileanach ann cuideachd, comann oileanaich beothail air an àrainn fhèin, tha a h-uile rud agad a bhith a’ toirt do làn chomas gu buil ann an àrainneachd Ghàidhlig.”

B’ e aon de na rudan a b’ fheàrr le Ruairidh mun chùrsa greis-ghnìomhachais a rinn e sa chiad bhliadhna, nuair a bha cothrom aige trì seachdainean a chur seachad aig Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, ag obair gu dlùth ris an luchd-teagaisg.

Megan NicGill-Fhaolain
Ceumnaiche bhon chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus na Meadhanan

meganmaclellan.jpgCheumnaich Megan NicGill-Fhaolain bhon BA (le Urram) Gàidhlig agus na Meadhanan ann an 2013. Tha Megan a-nis na preseantair agus rannsaiche air a’ phrògram Ghàidhlig do chlann, Dè a-nis? Tha i stèidhte aig BBC Scotland ann an Glaschu. A dh’aindeoin ’s gun robh i airson gluasad gu bàile mòr airson a cuid ionnsachaidh an toiseach, cha b’ ann fada mus do thuig Megan na buannachdan a bha an lùib a bhith san Eilean Sgitheanach:

"Chanainn gur e seo an t-àite as fheàrr a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig no a’ neartachadh na sgilean a th’ agad. Tha thu gu tur air do bhogadh anns a’ chànan agus a’ chultar. Dhomhsa, is e an àrainneachd ionnsachaidh b’fheàrr a bh’ ann."

Laura NicIllFhinnein
Ceumnaiche bhon chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus na Meadhanan

lauramaclennan.jpgChuir Laura NicIllFhinnein crìoch air ceum BA (le Urram) ann an Gàidhlig agus na Meadhanan ann an 2012. Agus i a’ bruidhinn mun àm aice aig Sabhal Mòr Ostaig UHI, thuirt i:

"Na ceithir bliadhna a chuir mi seachad san Eilean Sgitheanach, chòrd iad rium gu mòr, is bha mi gu math fortanach na h-òraidichean as fheàrr a bhith agam airson na Gàidhlig agus nam meadhanan an dà chuid."

Is e Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an t-aon stèidheachd ann an Alba a bhios a’ tabhann cheumannan a th’ air an teagasg gu tur tro mheadhan na Gàidhlig, a’ dèanamh cinnteach gu bheil na ceumnaichean againn ann am fìor dheagh shuidheachadh a ghabhail a’ chothruim air an àireamh de chothroman-obrach, ceangailte ris a’ Ghàidhlig, a tha a’ sìor fhàs. Bidh a h-uile ceum againn a’ toirt cothrom do dh’oileanaich fileantas fhaighinn agus na sgilean cànain aca a chur gu feum tro greisean gnìomhachais. Bidh cuid de chùrsaichean a’ leigeil le oileanaich na sgilean cànain aca a chur gu feum le bhith a’ gabhail pàirt ann am prògram iomlaid ann an Èirinn no Canada anns a’ bliadhna mu dheireadh aca.

Aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean tha cùrsa agus àrainn ann airson a h-uile duine, agus bidh an luchd-obrach fiosrach againn anns gach àite a’ dèanamh cinnteach gum faigh na h-oileanaich uile againn an taic a bhios a dhìth orra gus na h-amasan aca a thoirt gu buil.

Bidh sinn a’ tabhann 81 de chùrsaichean fo-cheuma is 39 de chùrsaichean for-cheuma cho math ri còrr is 65 de dh’àrd theisteanasan nàiseanta. Bidh sinn a’ sgrùdadh a’ churraicealaim againn gu cunbhalach a dhèanamh cinnteach gu bheil e a’ coinneachadh ri feumalachdan an luchd-ionnsachaidh againn agus ri riatanasan luchd-fastaidh.

Faic liosta iomlan de na cùrsaichean againn.