Tha sinn rud beag eadar-dhealaichte

Bheir Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean cothrom dhut rudeigin eadar-dhealaichte a dhèanamh, rudeigin sònraichte.

Bidh sinn a’ tabhann farsaingeachd mhòr de chùrsaichean, agus tòrr dhiubh a’ gabhail a' chothruim air àrainneachd, cruth-tìre agus cultar sònraichte na sgìre.

...ach 's toigh leis na h-oileanaich againn sin.

Read about the scholarship fund

Thug ionnsachadh air-loidhne smachd dhomh a thaobh càite agus ciamar a dh’ionnsaich mi, agus leig e leam a bhith ag obair fhad ’s a bha mi ag ionnsachadh cuideachd. Is e an rud a tha mìorbhaileach mu dheidhinn ceum ann an saidhceòlas gun urrainn dhut ga chur gu feum ann an raon sam bith – gnothachas, margaideachd, na h-ealain, ionnsachadh a bharrachd – tha no roghainnean gun chrìoch. Josie Maltinsky Gaitens, Ceumnaiche 2015 bhon chùrsa BSc (le Urram) ann an Saidhceòlas (air an taobh chlì)

Bha mi an-còmhnaidh airson cùrsa for-cheum a dhèanamh agus dhrùidh na modalan aig an Ionad airson Rannsachadh Lochlannach orm. Bha e cuideachd comasach dhomh an obair a dhèanamh aig an taigh agus an àireamh de mhodalan a rinn mi gach semeastar a thaghadh. Màiread Rorie, Oileanach air a’ chùrsa MLitt ann an Eòlas Lochlannach

Chuir mi seachad dà bhliadhna ann am Fionnlann far an do ghabh mi pàirt ann an òraidean tro cho-labhairt bhidio. Chòrd e rium gu mòr a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn arc-eòlas Fhionnlann. Airson na pròiseict fo-cheum agam rinn mi coimeas eadar Aois na Cloiche ann am Fionnlann is Alba. Mìcheal Friseal, Ceumnaiche 2015 bhon chùrsa MLitt ann an Eòlas Arc-eòlach agus ceumnaiche 2013 bhon chùrsa BA (le Urram) ann an Eachdraidh na h-Alba agus Arc-eòlas

Lorg an cùrsa a tha foirfe dhut fhèin

Dèan ionnsachadh speisealaichte air aon de na h-àrainnean againn.

Bidh sinn a’ tabhann dhut taghadh de bhith ag ionnsachadh aig aon de na 13 de cholaistean agus ionadan rannsachaidh againn, còrr is 70 ionad ionnsachaidh ionadail no air-loidhne à àite sam bith.

Ionnsaich air-loidhne à àite sam bith

Tha cuid de na teicneòlasan ionnsachaidh air-loidhne as fheàrr aig an oilthigh, agus mar sin faodaidh tu mòran de na cùrsaichean againn a dhèanamh bhon taigh no bho d’ obair, ge be càite am bi thu san t-saoghal.

Video-Conferencing used during a lecture for teaching

Feuch an coilion thu rudeigin mòr

Leis na dlùth-cheanglaichean a th’ againn ri gnothachasan ionadail thèid do chuideachadh a bhith a' faighinn a-steach don ghnìomhachas air a bheil thu dìoghrasach. Bidh sinn a' co-oibreachadh gu dlùth le fastaichean (Scottish and Southern Energy agus NHS na h-Alba nam measg) gus cùrsaichean a chruthachadh a dh'fhàgas gun e soirbheachadh a bhios romhad san àm ri teachd.

Feuch dè na cothroman a th’ againn dhut