Far a bheil na tha romhaibh san àm ri teachd a’ ciallachadh barrachd

www.uhi.ac.uk/alumni

Halò,

Tha fios againn gur e deireadh a’ Ghearrain a th’ ann, ach leis gur e seo a’ chiad chuairt-litir againn den bhliadhna, tha sinn an dòchas gu bheil e ceart gu leòr fhathast Bliadhna Mhath Ùr a ràdh!

Mar a gheall sinn, tha sinn air na h-ainmeachaidhean airson Duaisean Alumni na Bliadhna 2024 fhosgladh beagan nas tràithe am-bliadhna. Ma tha sibh eòlach air cuideigin a tha airidh air duais, nach ainmich sibh a-nis iad! Chì sibh tuilleadh fiosrachaidh gu h-ìosal.

Tha sinn cuideachd air leth toilichte gun do chuir sinn air bhog ar n-iomairt Càit a bheil iad a-nis air a’ mhìos seo, a chì sibh tarsainn nan seanailean againn sna meadhanan sòisealta. Ma tha sibh airson pàirt a ghabhail, dìreach leigibh fios dhuinn càit a bheil sibh a-nis!

Mar as àbhaist, feuchaibh an cuir sibh fios thugainn ma tha smaoineasan, ceistean no beachdan sam bith agaibh.

An sgioba conaltraidh alumni

🎓💜😊

Tha ainmmeachaidhean fosgailte a-nis airson Duaisean Alumni na Bliadhna 2024!

Tha sin a’ sireadh ainmeachaidhean airson alumni o UHI a tha air co-dhiù aon de na leanas a nochdadh:

Soirbheachas agus coileanadh sònraichte sa chùrsa-obrach aca;
Com-pàirt agus buaidh chudromach sa choimhearsnachd aca;
Dealas agus co-thabhartas leantainneach do UHI

Feumaidh ainmeachaidhean a bhith a-staigh ro mheadhan oidhche Didòmhnaich 2 Ògmhios 2024. Tha duine sam bith di-beathte ainmeachadh a chur a-steach, ach chan eil fèin-ainmeachadh ceadaichte.

Feuchaibh an cuir sibh a-steach an t-ainmeachadh agaibh air an fhoirm ghoirid a tha seo.

 

 

Seo dhuibh an t-sreath ùr againn ‘Càit a bheil iad a-nis?’ le alumni o iomadh diofar pàirt de chom-pàirteachas UHI!

An toiseach tha Francis Legge, a tha nas aithnichte mar 'Chef Scottish Francis' air an telebhisean an Ameireaga agus Netflix. Nochd e air prògraman leithid MasterChef agus Snack vs Chef agus tha taigh-fuine aige cuideachd a’ lìbhrigeadh aran-goirid Albannach! Rinn Francis ionnsachadh airson HNC ann an Cleasachd is Taisbeantas aig UHI Inbhir Nis, agus a’ cleachdadh nan sgilean a dh’ionnsaich e, rinn e imrich do dh’Eabharc Nuadh a bhith na neach-ealain/stiùiriche.

'Thug an cùrsa misneachd dhomh a bhith a’ dèanamh a rèir mo ghnàthais fhìn... agus a-nis tha mi a' riochdachadh Alba na glòir gu lèir air an àrd-ùrlar air feadh an t-saoghail.'

 

Rinn Winfrida Mwongela sgrùdadh BA (le Urram) Gnothachas agus Riaghladh le Riaghladh Goireasan Daonna aig UHI Peairt agus tha i a-nis ag obair ann an taic fastaidh airson Mercy Ships, buidheann neo-phrothaideach cruinneil a tha ag obrachadh ospadalan gluasadach anns na dùthchannan as bochda.

“Le bhith ag ionnsachadh aig UHI chruthaich mi bunait làidir airson an MSc agam ann an stiùireadh ghoireasan daonna eadar-nàiseanta agus thug e tuigse dhomh air prionnsapalan bunaiteach a rinn e na b’ fhasa riaghladh ghoireasan daonna eadar-nàiseanta a thuigsinn.”

A bheil sibh airson pàirt a ghabhail? Leigibh fios dhuinn càit a bheil sibh a-nis!

Tha ar Co-fharpais Gnothachais UHI 2024, ann an co-obrachadh le CREATE, fhathast fosgailte airson tagraidhean! Faodaidh duine sam bith a tha na adhbhar neach-tionnsgain agus a’ fuireach ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, Moireibh no Siorrachd Pheairt cur a-steach, is tha £8,000 de dh’airgead duais ri fhaighinn, a bharrachd air pasganan cunntasachd is laghail air an tabhann le Johnston Carmichael agus Harper Macleod LLP!

‘S e Diardaoin 18 Giblean an ceann-latha druididh airson tagraidhean.

Cuiribh a-steach an smaoineas buadhmhor agaibh!

Ma tha sibh a’ fuireach ann an Arcaibh neo Sealtainn? Faodaidh sibh dol an cuideachd CREATE airson bùth-obrach aon-latha, faicibh na tachartasan gu h-ìosal.

RES agus UHI a’ dol an co-bhoinn ri chèile gus cumhachd a thoirt don ath ghinealach de dh’oileanaich   

Bidh mòran agaibh eòlach air a’ Mhaoin Leasachadh Oileanaich againn leis gun tug e taic do na ceudan dhibh fhad ‘s a bha sibh nur n-oileanaich. An-uiridh, rud a bha duilich, b’ fheudar dhuinn a’ mhaoin a dhùnadh air sgàth gainnead maoineachaidh. Ach tha sinn air leth toilichte gu bheil sinn air chomas a fosgladh a-rithist, mar thoradh air tabhartas fialaidh bho RES, a’ chompanaidh cumhachd ath-nuadhachail neo-eisimeileach as motha san t-saoghal! Tha RES air £60,000 a ghealltainn thairis air na trì bliadhna a tha romhainn, rud a bheir an cothrom as fheàrr a ghabhas do na h-oileanaich a th’ againn an-dràsta a’ bhuil as motha a dhèanamh de an tàlantan agus na cùrsaichean-obrach a bhios aca san àm ri teachd.

Tuilleadh fiosrachaidh

 

Researchers Louise Thomas and Robert McHenry from the Environmental Research Institute water sampling at Braemore Estate, Caithness

Tha UHI air a’ gheàrr-liosta ann an dà roinn aig Duaisean Iomlaid Eòlais na h-Alba 2024, a bhios a’ cliùiteachadh nan daoine agus nan com-pàirteachasan air cùl innleachdan ùr-nodha.

Tha Com-pàirteachas Dhùthaich nam Boglaichean, a tha ag obair còmhla ri Institiud Rannsachadh na h-Àrainneachd ann an Inbhir Theòrsa, air ainmeachadh airson ‘Atharrachadh a Dhèanamh a thaobh na h-Àrainneachd’.

Agus tha Àrainneachd Dheuchainnean Itealanachd Sheasmhach (SATE), co-obrachadh eadar UHI agus caochladh chom-pàirtichean sna h-earrainnean poblach is prìobhaideach, air ainmeachadh airson na duaise ‘Co-obrachadh Ioma-phàrtaidh’.

 

Construction students at UHI North, West and Hebrides. Left to right, standing, Aaron Callendar, Deizel MacLean, David Campbell (Director of Business Enterprise and Development (West), Ben Stewart, Sonny Kardas, Peter Prokop. Left to right, kneeling, Josh Burnett, Ryan Armour and Jack Milligan.

UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall ri pàirt air leth cudromach a chluich ann an iomairt Love Loch Abar

Is e rùn na h-iomairt mothachadh a dhùsgadh air sgìre Loch Abar agus meudachadh a thoirt air an t-sluagh aice, le fòcas air na buannachdan aice a thaobh dòigh-beatha agus an fharsaingeachd de chothroman a th’ ann airson cosnadh sgileil.

Tha na targaidean a’ gabhail a-steach a bhith a’ toirt meudachadh air an t-sluagh mar suas ri 25% le bhith a’ tàladh tàlant ùr agus a’ meudachadh a’ chuibhrinn de dhaoine òga a bhios a’ fuireach san sgìre gus obair sgileil no foghlam àrd-ìre a leantainn.

The campaign aims to raise awareness and boost the population of the Lochaber area, focusing on its lifestyle advantages and diverse range of opportunities for skilled employment.

Tuilleadh fiosrachaidh

 

Prògram thaisbeanaidhean Pier Arts Centre 2024 a’ tòiseachadh le bhith a’ mòrachadh alumni o UHI Arcaibh agus luchd-ealain ùr à Arcaibh

Tha Perspectives - Orkney’s Recent Art Graduates a’ toirt a-steach obair 13 alumni o UHI Arcaibh agus tha an obair san taisbeanadh a’ sgrùdadh farsaingeachd ana-mhòr de mheadhanan a’ gabhail a-steach fotografachd, dealbhadh, peantadh, fasan agus obair-aodaich.

Thuirt Sue Whittingham a cheumnaich le BA (le urram) ann an Ealain Fhìnealta aig UHI Arcaibh “Is e rud togarrach agus brosnachail a th’ ann a bhith a’ taisbeanadh m’ obair còmhla ri luchd-ceumnachaidh eile aig ionad cho cliùiteach ri The Pier Arts Centre.”

Bidh an taisbeanadh ri fhaicinn gu 16 Màrt. Bidh The Pier Arts Centre fosgailte Dimàirt gu Disathairne 10.30m-5f. Tha inntrigeadh an-asgaidh.

Tuilleadh fiosrachaidh

 

Seaweed farmers in Malaysia

Sgioba saidheans eadarnàiseanta a’ tòiseachadh air misean gus stuic feamainn an t-saoghail a shàbhaladh

Tha Comann Saidheans Mara na h-Alba (SAMS) agus com-pàirtichean anns an RA, Àisia agus Oilthigh nan Dùthchannan Aonaichte, air pròiseact GlobalSeaweed SUPERSTAR a chur air bhog, gus fuasglaidhean fhaighinn air an èiginn bith-iomadachd ann an stuic feamainn na cruinne.

Agus e ga mhaoineachadh leis ‘An Ionad Chruinneil air Bith-iomadachd airson na Gnàth-shìde’, is e rùn a’ phròiseict rannsachaidh fuasglaidhean fhaighinn air an èiginn bith-iomadachd ann an stuic feamainn na cruinne agus cuideachadh le bhith a’ dìon gnìomhachas feamainn na cruinne.

Tuilleadh fiosrachaidh

Dr David Taylor

Alumnus o UHI a’ buannachadh duais 'Leabhar Eachdraidh na Bliadhna'

Chaidh Duais Leabhar Eachdraidh na Bliadhna Chomann Crann na h-Alba a bhuileachadh air an Oll David Taylor, an dàrna ceumnaiche PhD a bh’ ann a-riamh bho Ionad Eachdraidh UHI.

Air fhoillseachadh ann an 2022, tha am monograf aige ‘The People Are Not There’: The Transformation of Badenoch 1800 - 1863 a’ sgrùdadh nan tachartasan eachdraidheil a thug cumadh air an sgìre. Mhol na britheamhan foillseachadh an Oll Taylor agus iad ag ràdh ris ‘a beautifully written exploration of the area of Badenoch’ agus ‘a readable and important account of how the local translates the global.’

Tuilleadh fiosrachaidh

 

David MacDonald, Vice Chair of CECA Scotland (far left), with the UHI Inverness graduates of CECA Scotland Academy (from left) Ronin McKay, Alison Wright, Craig Watts, Georgia Butler, Jayden Wallace, Josh Fisher, Jordan Strachan, Jack Allison and Mikey Bell.

Tairgsean obrach cinnteach ann don chiad luchd-ceumnachaidh o chùrsa innleadaireachd chatharra

Bha adhbhar gàirdeachais gu leòr aig na ciad oileanaich shoirbheachail bho chùrsa ùr Acadamaidh CECA na h-Alba ann an Obraichean Innleadaireachd Chatharra san tachartas ceumnachaidh aca nuair a chaidh tairgsean obrach a ghealladh dhaibh.

Chaidh an cùrsa ùr aig UHI Inbhir Nis a thoirt a-steach gus dèiligeadh ris a' ghainnead sgilean sa ghnìomhachas innleadaireachd chatharra.

Tuilleadh fiosrachaidh

 

Tha boglaichean nam fòcas aig ionad ùr luach £2.66m fo stiùir com-pàirteachas eadar oilthighean

Tha pròiseact ùr-ghnàthach gus dìon a dhèanamh air boglaichean – aon de na h-àrainnean as motha a th’ ann an cunnart san t-saoghal – air £2.66 millean fhaighinn ann am maoineachadh airson sgioba de luchd-saidheans bho chom-pàirtichean oilthigh a tha a’ gabhail a-steach UHI.

Faodaidh oileanaich le ceum fo-cheum sa chiad rang, ceum maighstireachd no gnàth-eòlas eile cur a-steach gu Ionad ECOWILD airson Trèanadh Ollamhach.

Tuilleadh fiosrachaidh

 

Sgioba tuathanachais-uisge UHI Sealtainn a’ dèanamh gàirdeachas ri linn triùir a tha fo thrèanadh aca a bhith air a’ gheàrr-liosta airson Duaisean ALBAS 

Tha sgioba Tuathanachais-uisge UHI Sealtainn anabarrach toilichte innse gu bheil triùir de na preantasan air leth aca air a’ gheàrr-liosta airson Duaisean cliùiteach Lantra Scotland airson Sgilean Tuathanachas Tìr is Uisge (ALBAS). Tha an t-urram seo a’ soillseachadh dealas na sgioba a thaobh àrach tàlant agus adhartachadh sàr-mhathais san raon.

Tuilleadh fiosrachaidh

 

Dr Steven Andrews

Neach-rannsachaidh air ainmeachadh an Liosta Urraman na Bliadhna’ Ùire                                     

Tha an t-Oll Steven Andrews, caidreabhach rannsachaidh le Institiud Rannsachadh na h-Àrainneachd (IRA), pàirt de UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall, air ainmeachadh air Liosta Urraman na Bliadhn’ Ùire.

Chaidh am Bonn Pòlarach a bhuileachadh air airson a shàr choileanadh agus seirbheis don RA ann an raon rannsachadh pòlarach. Chaidh am Bonn Pòlarach a bhuileachadh a’ chiad uair ann an 1904 air rannsachairean a bha an sàs ann an turas soirbheachail a’ Chaiptein Scott gu àrainn na h-Antartaig. Bhon uairsin, chaidh a bhuileachadh air sgoilearan cliùiteach agus rannsachairean siùbhlach leithid Sir Edmund Hilary, Sir Ranulph Fiennes agus Sir Vivian Fuchs.

Tuilleadh fiosrachaidh

 

Left to right: Optometry students Leo Huisman, Crista Arthur and Suad Badshah holding breakfast supplies in the student kitchen at UHI House

Bheir tabhartas o Specsavers tràthan-bidhe an-asgaidh do dh’oileanaich UHI

O chionn ghoirid thug Specsavers Optical Group £2,000 do chidsin nan oileanach aig Taigh UHI a tha a’ solar stuthan bìdh deatamach do dh’oileanaich aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI). Tha an tabhartas a’ toirt taic do dh’iomairt chidsin nan oileanach a bhios a’ toirt seachad stuthan bìdh an-asgaidh ri linn na h-èiginn a thaobh chosgaisean bith-beò.

Tuilleadh fiosrachaidh

Tachartasan 

Fosglaibh an doras don chùrsa-obrach agaibh ann an teagasg

Air-loidhne, Dimàirt 19 Màrt, 7.00f-8.00f 

Bidh ceumnachadh a’ fosgladh an dorais gu grunn dhreuchdan ach an do smaoinich sibh air teagasg? Le UHI tha iomadh roghainn ann a chuireas sibh air toiseach ur slighe.

Bidh an tachartas air a chumail le stiùirichean prògraim ann an UHI agus gabhaidh e a-steach:

Fiosrachadh tòiseachail mu phrògraman foghlam thidsearan UHI

Sealladh farsaing air PGDE, Biadh, Beathachadh agus Obair-aodaich, prògraman Eòlas Moralta agus Feallsanachail le Foghlam Creideimh, Gàidhlig is Foghlam** agus Foghlam Teicneòlais

Mar a dh’ionnsaicheas sibh, mar a nì sibh tagradh agus mar a bhios cothroman greis-ghnìomhachais ag obair

Iarraibh tuilleadh fiosrachaidh agus clàraichibh a-nis

 

 

Latha Toirt gu Buil

Thigibh an cuideachd CREATE airson bùth-obrach aon-latha ann an Arcaibh no Sealtainn.

Baile na h-Eaglaise, Arcaibh: Dimàirt 27 Gearran, 10.00m gu 4.00f

Learaig, Sealtainn: Diardaoin 29 Gearran, 10.00m gu 4.00f

Tha an latha seo ga chuimseachadh air daoine a chuir a-steach roimhid ann am Farpais Gnothachais UHI, oileanaich UHI (a’ gabhail a-steach oileanaich a tha air an suidheachadh aig UHI Arcaibh), agus duine sam bith aig a bheil ùidh anns na h-ath cheumannan a ghabhail gus an gnothachas aca fhèin a thòiseachadh.

Bidh grunn luchd-labhairt còmhla ribh fad an latha a chuidicheas sibh gus ur gnothachas a ghluasad air adhart le fòcas air:

Comhairle air margaidheachd èifeachdach a dhèanamh air ur gnothachas, a’ gabhail a-steach nam meadhanan sòisealta

Mar a chumas sibh smachd air ur gnothaichean airgid agus cìs

Bancadh gnothachais

Riatanasan laghail is riaghlaidh

Cuiribh fios chun sgioba CREATE ma tha sibh airson gun tèid tachartas mar seo a lìbhrigeadh san sgìre agaibh fhèin.

 

Oileanaich Tèatar Ciùil a’ leigeil ris seusan an Earraich 2024

Tha oileanaich UHI Peairt air ticeadan a chur air bhog airson nan taisbeanaidhean dràma aca a tha ri tighinn as t-Earrach am-bliadhna.

Tha trì taisbeanaidhean ri tighinn ann an Taigh-cluiche Goodlyburn air àrainn Rathad Chraoibhe UHI Peairt.

Bidh ‘Fame’ a’ ruith bho 28 - 30 Màrt
Bidh ‘Bonnie and Clyde’ a’ ruith bho 25 - 27 Giblean
Bidh ‘Pippin’ a’ ruith bho 23 - 25 Cèitean

Gleidhibh ur tiogaidean a-nis!

Buannachdan do dh’alumni

Is e a th’ ann an Handshake goireas brosnachail, beothail, ùr air-loidhne agus aplacaid fòn-pòca airson leasachadh cùrsa-obrach a chuireas ceumnaichean UHI gu dìreach an conaltradh ri fastaichean, rud a chuidicheas sibh obair ur miann is ur dùrachd fhaotainn.

Agus e a’ toirt a-steach seirbheisean Sgioba Dhreuchdan is So-fhastachd UHI, le Handshake gheibh sibh cothrom air comhairle agus coidseadh pearsanaichte agus pàirt a ghabhail ann an caochladh bhùthan-obrach is tachartasan airson leasachadh cùrsa-obrach.

Thigibh an cuideachd choimhearsnachd Handshake an seo no luchdaichibh a-nuas an aplacaid. Feuchaibh an toir sibh beagan ùine airson ur pròifil agus ur roghainnean a chur air dòigh gus an dèan sibh am feum as fheàrr den ghoireas seo.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus goireasan airson taic a thoirt dhuibh, nach cuir sibh post-d gu sgioba Dhreuchdan is So-fhastachd UHI no tadhlaibh air na duilleagan-lìn aca.

Cothrom aig alumni air Goireasan-d

Mar aon de na h-alumni againn, tha cothrom agaibh air caochladh Ghoireasan-d an-asgaidh gus ur cuideachadh le ur n-ionnsachadh fad beatha às deidh dhuibh UHI fhàgail.

Iarraibh tuilleadh fiosrachaidh

 

Ùisdean - mathan nan alumni againn!

Tha Ùisdean air a bhith a’ siubhal an t-saoghail! Ma tha dealbhan sam bith agaibh den Ùisdean agaibh fhèin is e a’ dèanamh rudan togarrach, nach cuir sibh a-steach iad 😊

Mura h-eil Ùisdean agaibh fhèin fhathast faodaidh sibh a cheannach air-loidhne an seo! Is e TED an còd a dh’fheumas sibh.

Lasachadh air cùrsaichean for-cheuma le teagasg

Tha lasachadh de 10% air a’ chìs oideachaidh ri fhaighinn air a h-uile cùrsa for-cheum le teagasg agus prògram rannsachaidh for-cheum do dh’alumni an oilthigh a cheumnaich le ceum fo-cheum no for-cheum le teagasg.

Tuilleadh fiosrachaidh

Innsibh ur naidheachd!

Tha e na thoileachas dhuinn a bhith a’ cluinntinn mar a tha a’ dol leibh agus - le ur cead - bidh sinn a’ nochdadh cuid de na sgeulachdan agaibh sa chuairt-litir seo!

Tha ur prìobhaideachd cudromach dhuinn

Tha an t-oilthigh dealasach a bhith a’ dìon an fhiosrachaidh phearsanta agaibh a rèir nan laghan a thaobh dìon dàta agus fiosrachadh pearsanta.

Tha am brath prìobhaideachd seo a’ mìneachadh mar a thèid am fiosrachadh pearsanta agaibh a làimhseachadh is uisneachadh leis an oilthigh.

Faodaidh tu dì-chlàradh aig àm sam bith. Le bhith a’ briogadh air a’ cheangal gu h-ìosal, fàgaidh tu di-chlàradh bho GACH post-d bho UHI. Nam b’ fheàrr leat na dòighean conaltraidh agad innse dhuinn, cuir thu post-d thugainn aig alumni@uhi.ac.u​​​k.