Alumni
Fuirich ceangailte
Bhon mhòmaid a cheumnaicheas tu à colaiste no ionad ionnsachaidh sam bith, tha thu nad phàirt de choimhearsnachd Alumni Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Mar cheumnaiche bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, bidh cothrom agad air raon de shochairean is sheribheisean, a' gabhail a-steach:
- Cothrom air taic is stiùireadh a thaobh dreuchd-beatha fad do bheatha
- Lasachadh prìse air cùrsaichean for-cheuma teagaisgte le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
- Cothrom air farsaingeachd de Ghoireasan-d
- Cuairt-litir cunbhalach do dh’alumni gus am faigh sibh na naidheachdan as ùire mun oilthigh is a cheumnaichean
- An comharra-malairt ‘Made in Scotland’ a chleachdadh an-asgaidh
- Cothroman air obair shaor-thoileach do dh’alumni
- Cuiridhean gu tachartasan is ath-chruinneachaidhean
- Cothroman lìonraidhidh
- Duilleag Facebook, buidheann LinkedIn agus duilleag Twitter shònraichte airson dreuchdan agus alumni!
- Cuideachadh le lorg seann charaidean
Gach bliadhna, bidh sinn a’ buileachadh duais Alumnus na Bliadhna an oilthighe a tha a’ toirt aithne do dh’euchdan mòra nan oileanach a bh’ againn roimhe. Dh’fhaodadh gum bi an cothrom seo agadsa bliadhna air choreigin!
Tha tagraidhean a-nis fosgailte airson Duaisean Alumni 2022!
Tha Duaisean Alumni ag aithneachadh agus a’ comharrachadh thabhartasan agus choileanaidhean barraichte nan alumni againn.