An Cùrsa Comais CertHE

Course code Q532

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

'S e cùrsa Gàidhlig diana agus eadar-obrachail a tha anns a' Chùrsa Chomais a tha deasaichte dha luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach a tha ag amas a bhith fileanta sa chànan. ’S ann air sgilean cànain a tha prìomh fhòcas a’ chùrsa, an dà chuid labhairte agus sgrìobhte, ach thèid cuspairean eile a ghabhail a-steach feadh a’ chùrsa.

Bidh cothrom agad trì seachdainean de ghreis-dhreuchdail a dhèanamh ann an àrainneachd Ghàidhlig agus na sgilean teòiridh ùra agad a chur gu feum.

Feartan sònraichte

  • Dian chùrsa bogaidh le cuideam ga chur air sgilean labhairt is sgrìobhaidh
  • Bidh tu ag ionnsachadh ann an Sabhal Mòr Ostaig OGE san Eilean Sgitheanach, no A Tuath, An Iar is Innse Gall OGE ann an Eilean Leòdhais, na dhà dhiubh stèidhichte aig cridhe choimhearsnachdan beòthail Gàidhlig
  • Gabhaidh tu greis-ghnìomhachais a mhaireas tri seachdainean os làimh ann an àrainneachd Ghàidhlig

Feumalachdan inntrigidh

  • 3 theisteanas Àrd-ìre aig ìre BBC no nas àirde NO
  • 2 A level aig ìre BC no nas àirde
  • Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig aig Àrd-ìre nam measg
  • Bidh aig cuid de na gheibh àitre air a' chùrsa seo ri dhol tro sgrùdadh PVG Disclosure, agus ri ballrachd a thoirt a-mach san Sgeama PVG, an cois aon mhodail shònraichte a tha na phàirt dheth
  • Nota: chan eil a chùrsa seo a gabhail ri tagraichean airson an ath bhliadhna; mar nach eil thu airson gabhail ris a chùrsa am bliadhna, bithidh agad ri ath-thagradh an ath bhliadhna. Brùthaibh air a cheangail airson fiosrachadh eile mu dàil-inntrigidh

Slighean inntrigidh

Year 1 - CertHE

Modalan riatanach:

  • Comas conaltraidh A
  • Comas conaltraidh B
  • Cànan foirmeil is dreuchdail
  • Saoghal na Gàidhlig 1
  • Greis gnìomhachais

Modalan roghainneil:

  • Na meadhanan 1*
  • Cànan sa choimhearsnachd
  • Litreachas: sgilean sgrùdaidh
  • Coimpiutaireachd 1
  • Annas-làimhe is òrain Ghàidhlig 1*
  • Teòiridh, cruthachadh is cothromachadh 1*

*Sabhal Mòr Ostaig UHI a-mhàin.

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?

  • Làn-ùine
  • Bidh tu ag ionnsachadh air a’ chùrsa seo tro òraidean aghaidh-ri-aghaidh agus tràthan-oideachaidh ann an Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach, no A Tuath, An Iar is Innse Gall OGE (Steòrnabhagh), na dhà dhiubh stèidhichte aig cridhe choimhearsnachdan beòthail Gàidhlig

Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?


  • Làn-ùine: 1 bliadhna

Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?

  • A Tuath, an Iar is Innse Gall - Steòrnabhagh
  • Sabhal Mòr Ostaig

Ceann-latha tòiseachaidh

  • An t-Sultain

Cìsean

Airson oileanaich a tha mar as trice a’ fuireach ann an Alba, le seòladh teirm ann an Alba, bidh na cìsean a leanas an sàs:

Tha seo a’ gabhail a-steach

  • Nàiseantaich an AE le inbhe shuidhichte no ro-shuidhichte san RA,
  • Nàiseantaich EEA/Eilbheiseach le inbhe shuidhichte san RA
  • Nàiseantaich an EEA/Eilbheis le inbhe ro-shuidhichte a tha ag obair air an ceann fhèin no nan luchd-obrach imrich san RA.
CertHE 2023-24 2024-25
Làn-ùine (modalan creideas 120) gach bliadhna) £1,285 £1,285

Oileanaich eile na RA

Airson oileanaich a tha mar as trice a’ fuireach anns a’ chòrr den RA (Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, a’ gabhail a-steach Eileanan a’ Chaolais agus Eilean Mhanainn) agus aig a bheil seòladh rè teirm ann an Alba, bidh na cìsean a leanas an sàs:

CertHE 2023-24 2024-25
LLàn-ùine (modalan creideas 120) gach bliadhna) £7,110 £7,110

Tha cìsean rim pàigheadh ro làimh gach bliadhna acadaimigeach mura h-aontaichear a chaochladh.

Tha grunn froghainnean maoineachaidh rim faighinn le oileanaich na RA gus do chuideachadh le bhith a’ pàigheadh airson do chuid ionnsachaidh agus do chosgais bith-beò fhad ‘s a tha thu ag ionnsachadh.

Oileanaich eadar-nàiseanta

Airson oileanaich nach àbhaist a bhith a’ fuireach san RA, a’ gabhail a-steach nàiseanaich an EU/EEA agus Eilbheis gun inbhe stèidhichte no ro-shuidhichte san RA, le seòladh teirm ann an Alba, bidh na cìsean a leanas an sàs:

Tha seo a’ toirt a-steach nàiseantaich EEA/Eilbheis le inbhe ro-shuidhichte nach eil ag obair air an ceann fhèin no nan luchd-obrach imrich san RA.

CertHE 2023-24 2024-25
Làn-ùine (modalan creideas 120) gach bliadhna) £7,980 £8,775

Maoineachadh

Dh'fhaodar sgoilearachdan agus tùsan maoineachaidh eile a bhith rim faotainn.  Cuir fios chun na colaiste airson tuilleadh fiosrachaidh.

 

 

Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?

Aon uair ’s gun coilion thu An Cùrsa Comais gu soirbheachail, faodaidh gum bi ùidh agad ann an dreuchd ann an teagasg Gàidhlig no na meadhanan Gàidhlig.

An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?

Aon uair ’s gun coilion thu an cùrsa agad, is urrainn dhut dol air adhart ri farsaingeachd de chùrsaichean Gàidhlig eile, a' gabhail a-steach:

Is there more information available online?

QR

You can use the above QR code to connect directly to the course details.

Cuir a-steach airson An Cùrsa Comais CertHE

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2024

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.