Eadar-theangachadh Gàidhlig (SCQF level 11) PDA

Course code 019Q

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Tha an DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig a’ freagairt orrasan a tha ag obair cheana mar eadar-theangaichean is iad airson tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air an eòlas, sgilean agus cleachdadh. Tha e cuideachd freagarrach dhaibhsan aig a bheil ìre àrd de chomas ann an Gàidhlig agus Beurla a tha airson a dhol tron phròiseas a dh’fheumar a leantainn gus a bhith mar eadar-theangaiche comasach a bhiodh ag obair aig ìrean proifeiseanta. 

Is iad na prìomh raointean ris am bithear a’ dèiligeadh an lùib na h-obrach ach planaichean Gàidhlig le buidhnean poblach, obair eadar-theangachaidh an lùib nam meadhanan, craoladh agus foillseachadh.

Feartan sònraichte

  • Cothrom Sgilean Eadar-theangachaidh sònraichte ionnsachadh
  • Air a stiùireadh le eadar-theangaichean proifeiseanta le mòran eòlais
  • Air a dhealbh còmhla ri ionadan foghlaim adhartach is àrd-ìre, fastaidhearan agus a’ ghnìomhachas

Feumalachdan inntrigidh

  • Bidh agad ri iarrtas a chur a-steach sa Ghàidhlig is iad a’ mìneachadh nan teisteanasan a tha aca agus an eòlas buntainneach

Bhiodh e na bhuannachd nam biodh an teisteanas a leanas agad:

  • Sgilean Eadar-theangachaidh (Translation Skills) SCQF Ìre 10*
  • Ceum sa chànan (no cànanan) buntainneach agus/no fileantachd no faisg air fileantachd/comas obrachaidh sa bhun-chànan agus sa chànan air a bheilear ag amas*

*Teisteanas le Sabhal Mòr Ostaig – nach eil bho SQA

Year 1 - PDA

Cuiridh tu crìoch air na h-aonadan a leanas:

  • Ag eadar-theangachadh theacsaichean bho Bheurla gu Gàidhlig is bho Ghàidhlig gu Beurla
    • Ag ullachadh airson eadar-theangachadh
    • Ag eadar-theangachadh theacsaichean bho aon chànan gu cànan eile
    • A' cumail rian air obair eadar-theangachaidh
  • A’ leasachadh do sgilean mar eadar-theangair phroifeiseanta
    • Measadh d’ obair mar eadar-theangair a tha ag obair a rèir shlatan-tomhais proifeiseanta 
    • Dèanamh planadh agus cur an cèill an leasachaidh phroifeiseanta leantainneach agad fhèin

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?

  • Pàirt-uine (le structar)
  • Pàirt-ùine (gun structar)
  • Bidh thu ag ionnsachadh tro chlasaichean-bhideo beò is clàraichte agus ionnsachadh air-loidhne tro VLE an oilthigh le taic bho do luchd-oide

Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?


  • Pàirt-uine (le structar): 1 bliadhna @ 10 uairean gach seachdain

Tha an àireamh de dh’uairean a thìde gach seachdain a’ sealltainn nan uairean a thìde gu lèir a bu chòir a bhith ag obair air a' chùrsa, eadar òraidean agus rannsachadh air do cheann fhèin. 


Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?

  • Sabhal Mòr Ostaig

Ceann-latha tòiseachaidh

  • An t-Sultain

Cìsean

For information on costs for this course please contact the campus where you wish to study.

Maoineachadh

External scholarships and financial support may be available. Contact the relevant UHI partner college for more information.

Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?

Chaidh na h-aonadan anns an DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig am mapadh an aghaidh nan Inbhean Obrach Nàiseanta airson Eadar-theangachadh, aonadan PTra3 agus PTra4, a' toirt dhut an cothrom a bhith ag eadar-theangachadh gu proifeiseanta.

Dh'fhaodadh tu beachdachadh air dreuchd eadar-theangachaidh anns na raointean a leanas:

  • planaichean Gàidhlig buidhnean poblach
  • gnìomhachas nam meadhanan
  • craoladh
  • foillseachadh

An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?

Bhiodh an cothrom aig oileanaich a bhith a’ dol air adhart gu clàradh proifeiseanta.

Is there more information available online?

QR

You can use the above QR code to connect directly to the course details.

Cuir a-steach airson Eadar-theangachadh Gàidhlig (SCQF level 11) PDA

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2024

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.