UHI a’ foillseachadh Plana Gàidhlig ùr

Chruinnich luchd-obrach is oileanaich ann an Inbhir Nis an-diugh (Dimàirt 7 Samhain) gus foillseachadh Plana Gàidhlig ùr Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a chomharrachadh. Chaidh an sgrìobhainn, an ceathramh plana Gàidhlig aig UHI a chuir am follais aig tachartas a chumadh aig àm lòin ann an UHI Inbhir Nis.

see full size image
Oifigear Gàidhlig UHI, DJ Mac an t-Saoir, agus Iar-phrionnsapal Acadaimigeach is Rannsachaidh, an t-Àrd-Ollamh Niall Simco, leis a’ phlana ùr agus luchd-obrach, oileanaich agus alumni UHI.

Tha am plana ùr a’ mìneachadh àrd-amas UHI don Ghàidhlig a bhith air a cleachdadh “nas trice, le barrachd dhaoine ann an raon nas fharsainge de shuidheachaidhean”. Tha e a’ mìneachadh raon de ghnìomhachdan a bhios nan cuideachadh: 

  • Meudachadh air inbhe, faicsinneachd agus cleachdadh na Gàidhlig air feadh UHI.
  • Cothroman a sholarachadh do luchd-obrach agus oileanaich air Gàidhlig ionnsachadh.
  • Conaltradh le coimhearsnachdan luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Tha am plana ag amas air togail air na h-euchdan a chaidh a choileanadh fo phlanaichean UHI roimhe. Rè plana 2019 gu 2022, leasaich UHI an curraicealam ’s an rannsachadh Gàidhlig, chumadh seiseanan mothachaidh agus cearcallan còmhraidh Gàidhlig. Am measg nan gealltanasan ùra tha stèidheachadh air sgeama comhairleachaidh Gàidhlig, clasaichean còmhraidh air-loidhne do na coimhearsnachdan ionadail agus leasachadh chùrsaichean ùra foghlaim is teagaisg Gàidhlig.

Tha buill den phoball gam fiathachadh gu tuilleadh fhaighinn a-mach mun phlana le bhith a’ frithealadh tachartas poblach air Dimàirt 14 Samhain ann a Cafaidh an Àrd-eaglais, Inbhir Nis eadar 7f-9f.

Mhìnich Vicki Nairn, Prionnsapal is Iar-Sheansalair UHI, cho cudromach ’s a tha am plana: “Mar an aon aitreabh foghlaim a-mhàin aig an treas ìre le ruigsinneachd farsaing air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, Moireibh agus Siorrachd Pheairt, tha sinn moiteil às ar dleastanas a thaobh inbhe na Gàidhlig àrdachadh.

“Tha am plana ùr againn a’ daingneachadh ar dìchill a thaobh ar n-obair a chumail a’ dol an lùib suidheachadh na Gàidhlig a neartachadh air feadh ar com-pàirteachais. Co-thaobhaichte leis a’ phlana ro-innleachdail againn, tha e cuideachd a’ togail air ar dealais gu cànan is cultar na Gàidhlig adhartachadh nar coimhearsnachdan tro churraicealam, rannsachadh agus fèin-eòlas oileanaich.

“Tha sinn air ar dòigh a bhith a’ foillseachadh a’ phlana ùir againn agus ar miann ath-aithris air cuideachadh gu mòr le àite na Gàidhlig taobh a-staigh Alba, mar chànan brìoghmhor, beò agus beòthail.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Seo an ceathramh eagran de Phlana Gàidhlig UHI agus tha sinn toilichte fhaicinn gun tog na geallaidhean ann air an obair a tha UHI air a dhèanamh thar nan 13 bliadhna a dh’ fhalbh gus Gàidhlig fhighe a-steach nan cuid obrach agus nan teagasg.”

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Niall Simco, Iar-Phrionnsapal Acadaimig agus Rannsachaidh aig UHI: “Tha a’ Ghàidhlig na pàirt chudromach de bheatha agus obair UHI, agus mar sin tha mi air leth toilichte gu bheil sinn a’ foillseachadh ar ceathramh Plana Gàidhlig an-diugh. Leanaidh sinn air adhart a’ ceangal leis an dà chuid coimhearsnachdan traidiseanta Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig gach ìre. Tha ar plana ùr àrd-amasach a’ cur cuideam air cudromachd ar curraicealaim Gàidhlig, a’ gabhail a-steach ar tabhartais le Foghlam Thidsearan tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha e cuideachd a’ cur cuideam air ar prògram rannsachaidh air cùisean Gàidhlig, a thuilleadh air ar gealltanas a thaobh meudachadh air cleachdadh is ìomhaigh na Gàidhlig nar n-obair làitheil.”

Chaidh Plana Gàidhlig UHI ullachadh ann an co-rèir ris na slatan-tomhais reachdail mar a tha mìnichte ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, a’ gabhail a-steach co-chomhairleachadh poblach. Chaidh aontachadh leis a’ bhuidheann leasachaidh Gàidhlig nàiseanta, Bòrd na Gàidhlig, san Iuchar. Faodar am plana fhaicinn agus a luchdachadh sìos aig www.uhi.ac.uk/gd/mu-uhi/ghaidhlig/gaelic-language-plan-landing-gl. Tha lethbhreacan clò-bhuailte rim faotainn cuideachd le an iarraidh.

Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu thachartas Gàidhlig UHI air Dimàirt 14 Samhain, tadhailibh air www.uhi.ac.uk/gd/na-meadanan/events/plana-gaidhlig-uhi-2023-2026-ga-chur-air-bhog.html

Faodar ceistean sam bith mun phlana a stiùireadh gu oifigear Gàidhlig UHI, DJ Mac an t-Saoir, aig communications@uhi.ac.uk.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chùrsaichean Gàidhlig UHI, tadhailibh air www.uhi.ac.uk/en/courses