Fàilte gu UHI
-
Bidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a' toirt cothrom dhut rudeigin eadar-dhealaichte; rudeigin sònraichte a dhèanamh. Bidh an lìonra de cholaistean agus ionadan rannsachaidh againn, sgapte air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a’ tabhann dhut àrainneachd nàdarra, taiceil airson ionnsachadh aig an oilthigh agus do mhòr mhiannan a choilionadh. Is urrainn dhut ceumannan agus for-cheumannan a dhèanamh aig aon de na h-àrainnean , no air-loidhne aig astar, no ’s urrainn dhut rannsachadh a ghabhail os làimh aig aon de na h-ionadan speisealta againn.