Cànan is Cultar na Gàidhlig BA (le Urram)

UCAS code Q530
UHI information line 0845 272 3600

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Ma tha thu airson barrachd fhaighinn a-mach mun Ghàidhealtachd an latha an-diugh agus an latha an-dè a thuilleadh air a bhith a’ faighinn sàr chomas sa Ghàidhlig, ’s e an cùrsa BA (le Urram) ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig an cùrsa dhutsa.

Tha cuspairean a’ gabhail a-steach nan ealain, litreachas an latha an-diugh agus litreachas traidiseanta agus cùisean a’ buntainn ri mion-chànanan agus beul-aithris. Bidh thu cuideachd a’ sgrùdadh a’ cheangail eadar Gàidhlig agus cànanan eile, leithid Gaeilge.

Thèid do theagasg ann an àrainneachd thaiceil le sgioba dhìcheallach aig Colaisde a’ Chaisteil UHI ann an Leòdhas, no aig Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach, a chuidicheas tu misneachd fhaighinn anns a’ chànan labhairte agus sgrìobhte, a’ tabhann chlasaichean beaga agus taic fa leth mar as iomchaidh.

Feartan sònraichte

  • Bi nad neach-labhairt Gàidhlig fileanta agus misneachail le bhith gad bhogadh fhèin ann am fìor chultar na Gàidhlig ann an Eilean Leòdhais no san Eilean Sgitheanach
  • Ionnsaich mu mar a tha cultar na Gàidhlig air atharrachadh
  • Bheir criochnachadh soirbheachail a’ chùrsa teisteanas dhut a tha aithnichte mu choinneamh trèanadh airson teagaisg
  • Gabhaidh tu greis-ghnìomhachais a mhaireas trì seachdainean os làimh sa chiad bhliadhna
  • Faodaidh tu taghadh a bhith a’ gabhail pàirt ann am prògram iomlaid ri Canada no Èirinn sa cheathramh bliadhna agad
  • Is urrainn dhut ionnsachadh làn-ùine no pàirt-ùine a rèir an t-suidheachaidh agad fhèin

Feumalachdan inntrigidh

  • 3 teisteanasan Àrd-ìre aig ìre C no nas àirde. Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig nam measg NO
  • 2 A level aig ìre C no nas àirde
  • Bidh agad ri tighinn gu agallamh a dhearbhadh gu bheil comas agad sa chànan
  • Cuirear fàilte air iarrtasan bho thagraichean aig nach eil na teisteanasan coitcheann

Slighean inntrigidh

  • An Cùrsa Inntrigidh - cùrsa aig astar airson luchd-ionnsachaidh a th' aig an fhìor thoiseach, no aig a bheil beagan Gàidhlig mar-thà.
  • Faodaidh gum bi e comasach do thagraichean a choisinn an dà chuid ìre adhartach de dh’fhileantas agus sàr sgilean sgrìobhaidh dol a-steach dìreach do dhàrna bliadhna a’ phrògraim.

Year 1 - CertHE

Bliadhna 1: Bliadhna chànain dhiana. A rèìr na h-ìre de chomas agad, leanaidh tu:

  • An Cùrsa Comais (do luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach)
  • An Cùrsa Adhartais (cùrsa coltach aig astar) NO
  • Gàidhlig agus Conaltradh (do luchd-labhairt nas fhìleantaiche)

Gabhaidh tu greis-ghnìomhachais Ghàidhlig os làimh a mhaireas trì seachdainean.

Year 3 - BA

  • Gàidhlig 3
  • Rosg Gàidhlig an Latha An-Diugh
  • Gaeilge
  • Cultar Traidiseanta
  • Bàrdachd Ghàidhlig 1600-1900
  • Eachdraidh na Gàidhlig
  • Sgrìobhadh cruthachail
  • Feallsanachd na h-Eòrpa

Year 2 - DipHE

  • Gàidhlig 2
  • An Sgeulachd Ghoirid Ùr-nodha
  • Bàrdachd bho 1900
  • Beul-aithris
  • Ainm-eòlas na h-Alba
  • Sgoilearachd is Eilthireachd nan Gaidheal

Year 4 - BA (Hons)

  • Dualchainntean Gàidhlig
  • Sgilean Eadar-theangachaidh
  • An t-Aos Dana
  • Tuigse nan Ceilteach
  • Dualchas san 21mh Linn
  • Tràchdas
  • Cothrom ionnsachadh ann an Alba Nuadh no Èirinn

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?

  • Làn-ùine
  • Pàirt-ùine (le structar)
  • Pàirt-ùine (gun structar)
  • Ionnsachaidh tu tro chlasaichean aghaidh-ri-aghaidh, òraidean agus clasaichean cànain practaigeach.
  • Tha cuid de na modalan rin ionnsachadh air-loidhne agus le co-labhairt bhidio no clasaichean telefòn.

Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?

  • Làn-ùine: 4 bliadhna @ 40 uairean gach seachdain
  • Pàirt-ùine (le structar): 8 bliadhna @ 20 uairean gach seachdain

Tha an àireamh de dh’uairean gach seachdain a’ ciallachadh na h-àireimh iomlan de dh’uairean a bu chòir dhut cuir seachad air a’ chùrsa, a’ gabhail a-steach ùine a chuireas tu seachad ann an òraidean agus an ùine agad fhèin a chuireas tu seachad air obair agus rannsachadh fa leth.

Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?

Ceann-latha tòiseachaidh

An t-Sultain

Cìsean

Do dh’oileanaich air còmhnaidh ann an Alba no anns an Aonadh Eòrpach/EEA (taobh a-muigh an RA) agus aig a bheil seòladh tron teirm ann an Alba, ’s iad seo na cìsean a tha rim pàigheadh:

2016-17

Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna

£1,820

Pàirt-ùine (le structar) (3 x modalan as fhiach 20 creideis) gach bliadhna

£645

Pàirt-ùine (gun structar, gach modal) (gach modal de 20 creideis)

£215

Oileanaich às a’ chòrr den RA

Do dh’oileanaich air còmhnaidh anns a’ chòrr den RA (Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath) agus a’ dèanamh a’ chùrsa seo làn-ùine, ’s iad seo na cìsean a tha rim pàigheadh:

Ìre 2016-17

Bliadhna 1

CertHE

£8,000 gach bliadhna

Bliadhna 2

DipHE

£8,000 gach bliadhna

Bliadhna 3

Ceum

£8,000 gach bliadhna

Bliadhna 4

Urram

saor an asgaidh**

**Tha an ceathramh bliadhna an asgaidh do dh’oileanaich làn-ùine a phàigh airson nan trì bliadhnaichean ron sin aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a-mhàin.

Pàirt-ùine (airson gach modal luach 20 creideas) - £1,340 (2016-17)

Bu chòir cìsean a phàigheadh ro thoiseach a’ chùrsa gach bliadhna acadaimigeach mur tèid aontachadh air modh eile.

Tha àireamh de roghainnean maoineachaidh rim faotainn do dh’oileanaich an RA agus an AE a chuidicheas tu a bhith a’ pàigheadh airson do chuid ionnsachaidh agus cosgaisean bith-beò fhad ’s a bhios tu ag ionnsachadh.

Oileanaich eadar-nàiseanta

Is iad seo na cìsean do dh’oileanaich nach bi gu h-àbhaisteach a’ fuireach anns an RA no anns an Aonadh Eòrpach aig a bheil seòladh ann an Alba tron teirm:

  2016-17
Làn-ùine (modalan luach 120 creideas) gach bliadhna £10,000
Pàirt-ùine (le structar) (3 x modalan luach 20 creideas) gach bliadhna*** £5,040
Pàirt-ùine (gun structar, gach modal) (gach modal luach 20 creideas)*** £1,680

***Chan fhaod oileanaich eadar-nàiseanta le sponsaireachd Tier 4 ionnsachadh pàirt-ùine.

Barrachd fiosrachaidh air cìsean do dh’oileanaich eadar-nàiseanta.

Tha barrantas ri fhaotainn do dh’oileanaich fho-cheuma fhèin-mhaoineachail làn-ùine agus pàirt-ùine eagarach eadar-nàiseanta agus às a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte nach tèid cìsean a chur suas airson ionnsachadh leantainneach is co-dhlùth airson an aon teisteanais, suas ris a’ chrìch-ùine bhun-tomhasaich a cheadaichear airson an teisteanais dom buin a’ chùis.

Maoineachadh

Tha àireamh de roghainnean maoineachaidh rim faotainn do dh’oileanaich an RA agus an AE a chuidicheas tu a bhith a’ pàigheadh airson do chuid ionnsachaidh agus cosgaisean bith-beò fhad ’s a bhios tu ag ionnsachadh.

 

Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?

Aon uair ’s gun coilion thu am BA (le Urram) ann an Cànan is Cultar na Gàidhlig gu soirbheachail, faodaidh gum bi ùidh agad anns na dreuchdan a leanas:

  • Teagasg
  • Buidhnean Gàidhlig, leasachaidh agus ealain
  • Na meadhanan Gàidhlig

An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?

Is urrainn dhut adhartas a dhèanamh bhon BA (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig don MSc Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd no gu trèanadh ann an rèidio/Tbh/air-loidhne leis an Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig.

Cuir a-steach airson Cànan is Cultar na Gàidhlig BA (le Urram)

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2017

Bu chòir do thagraichean eadar-nàiseanta cuir a-steach a' cleachdadh an fhoirm tagraidh eadar-nàiseanta. Luchdaich a-nuas agus clò-bhuail am foirm, lion agus till e chun an t-seòlaidh a tha sgrìobhte air, mas e do thoil e. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn do thagraichean eadar-nàiseanta aig ar duilleig do dh'oileanaich eadar-nàiseanta

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI). Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.

Rannsaich a-rithist