Gàidhlig agus Leasachadh BA (le Urram)

UCAS code Q505
UHI information line 0845 272 3600

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Ma tha thu dealasach mun a’ Ghàidhlig agus a leasachadh sa choimhearsnachd san àm ri teachd, is e an cùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Leasachadh, a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta, an cùrsa dhutsa.

Leis an iarrtas mòr a th’ air eòlaichean Gàidhlig air feadh Alba, bheir an ceum farsaing seo fìor dheagh bhunait dhut ann am planadh mhion-chànanan cho math ris an eòlas practaigeach is na sgilean obrach a leig leat sgrùdadh ciamar a thèid seo a chur an gnìomh ann an coimhearsnachdan san latha an-diugh.

Tha an cùrsa seo ag amas air oideachadh is trèanadh a thoirt dhut ann an leasachadh na Gàidhlig agus leasachadh choimhearsnachdan. Nì thu coimeas eadar coimhearsnachdan na Gàidhlig agus mìon-chànanan is cultaran eile agus bidh cothrom agad semeastar a chur seachad aig oilthigh ann an Èirinn no Canada.

Feartan sònraichte

  • Tha an cùrsa a’ tabhann a’ chleachdaidh làithreach as fheàrr ann am planadh agus leasachadh cànain bhon Roinn Eòrpa
  • Tha prògram iomlaid ri Canada no Èirinn anns a’ bhliadhna mu dheireadh
  • Tursan
  • Greis-ghnìomhachais a mhaireas trì seachdainean sa chiad bhliadhna
  • Is urrainn dhut ionnsachadh làn-ùine no pàirt-ùine a rèir an t-suidheachaidh agad fhèin

Feumalachdan inntrigidh

  • 3 teisteanasan Àrd-ìre aig C no nas àirde, bhiodh e na b'fheàrr nan robh Gàidhlig nam measg NO
  • 2 A level aig C no nas àirde.
  • Bidh agad ri tighinn gu agallamh gus do chomas sa Ghàidhlig a mheasadh
  • Cuirear fàilte air iarrtasan bho thagraichean le teisteanasan eadar-dhealaichte

Slighean inntrigidh

Year 1 - CertHE

Taghadh CertHE a dhèanamh ann an aon de na leanas:

Year 3 - BA

Am measg nan cuspairean tha:

  • poileasaidh is plana cànain
  • mothachadh cànain
  • dlùth-chruinneas agus coimhearsnachdan iomallach
  • leasachadh choimhearsnachdan san 21d linn
  • leasachadh coimhearsnachdan Gàidhlig: sgilean practaigeach

Year 2 - DipHE

Am measg nan cuspairean tha:

  • a’ Ghàidhlig an-dè is an-diugh
  • leasachadh air a’ Ghàidhealtachd agus roinnean iomallach
  • saoghal na Gàidhlig 

Year 4 - BA (Hons)

  • Tràchdas
  • Sgilean Eadar-theangachaidh
  • Poileasaidh cànain
  • Poileasaidh cànain san àite-obrach
  • Leasachadh seasmhach
  • Imrich
  • Prògram iomlaid ann an Èirinn no Canada
  •  poileasaidh is plana cànain 

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?

  • Làn-ùine
  • Pàirt-ùine (le structar)
  • Ionnsachaidh tu tro chlasaichean aghaidh-ri-aghaidh, òraidean agus clasaichean cànain practaigeach aig Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach, no Colaisde a’ Chaisteil UHI ann an Eilean Leòdhais (ceum BA a-mhàin)
  • Tha cuid de na modalan rin ionnsachadh air-loidhne agus le co-labhairt bhidio

Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?

  • Làn-ùine: 4 bliadhna @ 40 uairean gach seachdain
  • Pàirt-ùine (le structar): 8 bliadhna @ 20 uairean gach seachdain

Tha an àireamh de dh’uairean gach seachdain a’ ciallachadh na h-àireimh iomlan de dh’uairean a bu chòir dhut cuir seachad air a’ chùrsa, a’ gabhail a-steach ùine a chuireas tu seachad ann an òraidean agus an ùine agad fhèin a chuireas tu seachad air obair agus rannsachadh fa leth.

Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?

Ceann-latha tòiseachaidh

An t-Sultain

Cìsean

Do dh’oileanaich air còmhnaidh ann an Alba no anns an Aonadh Eòrpach/EEA (taobh a-muigh an RA) agus aig a bheil seòladh tron teirm ann an Alba, ’s iad seo na cìsean a tha rim pàigheadh:

2016-17

Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna

£1,820

Pàirt-ùine (le structar) (3 x modalan as fhiach 20 creideis) gach bliadhna

£645

Pàirt-ùine (gun structar, gach modal) (gach modal de 20 creideis)

£215

Oileanaich às a’ chòrr den RA

Do dh’oileanaich air còmhnaidh anns a’ chòrr den RA (Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath) agus a’ dèanamh a’ chùrsa seo làn-ùine, ’s iad seo na cìsean a tha rim pàigheadh:

Ìre 2016-17

Bliadhna 1

CertHE

£8,000 gach bliadhna

Bliadhna 2

DipHE

£8,000 gach bliadhna

Bliadhna 3

Ceum

£8,000 gach bliadhna

Bliadhna 4

Urram

saor an asgaidh**

**Tha an ceathramh bliadhna an asgaidh do dh’oileanaich làn-ùine a phàigh airson nan trì bliadhnaichean ron sin aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a-mhàin.

Pàirt-ùine (airson gach modal luach 20 creideas) - £1,340 (2016-17)

Bu chòir cìsean a phàigheadh ro thoiseach a’ chùrsa gach bliadhna acadaimigeach mur tèid aontachadh air modh eile.

Tha àireamh de roghainnean maoineachaidh rim faotainn do dh’oileanaich an RA agus an AE a chuidicheas tu a bhith a’ pàigheadh airson do chuid ionnsachaidh agus cosgaisean bith-beò fhad ’s a bhios tu ag ionnsachadh.

Oileanaich eadar-nàiseanta

Is iad seo na cìsean do dh’oileanaich nach bi gu h-àbhaisteach a’ fuireach anns an RA no anns an Aonadh Eòrpach aig a bheil seòladh ann an Alba tron teirm:

  2016-17
Làn-ùine (modalan luach 120 creideas) gach bliadhna £10,000
Pàirt-ùine (le structar) (3 x modalan luach 20 creideas) gach bliadhna*** £5,040
Pàirt-ùine (gun structar, gach modal) (gach modal luach 20 creideas)*** £1,680

***Chan fhaod oileanaich eadar-nàiseanta le sponsaireachd Tier 4 ionnsachadh pàirt-ùine.

Barrachd fiosrachaidh air cìsean do dh’oileanaich eadar-nàiseanta.

Tha barrantas ri fhaotainn do dh’oileanaich fho-cheuma fhèin-mhaoineachail làn-ùine agus pàirt-ùine eagarach eadar-nàiseanta agus às a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte nach tèid cìsean a chur suas airson ionnsachadh leantainneach is co-dhlùth airson an aon teisteanais, suas ris a’ chrìch-ùine bhun-tomhasaich a cheadaichear airson an teisteanais dom buin a’ chùis.

Maoineachadh

Dh'fhaodar gum bi sgoilearachdan no taic airgid a bhith ri fhaotainn. Cuir fios chun na colaiste airson tuilleadh fiosrachaidh.

 

External scholarships and financial support may be available. Contact the relevant UHI partner college for more information.

Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?

Aon uair ’s gun coilion thu an ceum ann an Gàidhlig agus Leasachadh, faodaidh gum bi ùidh agad anns na dreuchdan a leanas:

  • Trèanadh thidsearean
  • Leasachadh Gàidhlig
  • Leasachadh coimhearsnachd
  • Rianachd phoblach

Cuir a-steach airson Gàidhlig agus Leasachadh BA (le Urram)

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2017

Bu chòir do thagraichean eadar-nàiseanta cuir a-steach a' cleachdadh an fhoirm tagraidh eadar-nàiseanta. Luchdaich a-nuas agus clò-bhuail am foirm, lion agus till e chun an t-seòlaidh a tha sgrìobhte air, mas e do thoil e. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn do thagraichean eadar-nàiseanta aig ar duilleig do dh'oileanaich eadar-nàiseanta

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI). Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.

Rannsaich a-rithist