Cùram Chloinne (Slighe Ghàidhlig) HNC
Course code 17GX
Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?
Ma tha e a’ còrdadh ribh a bhith ag obair còmhla ri clann agus sibh airson buaidh a thoirt air na tràth bhliadhnaichean aca, ’s e cùrsa air leth freagarrach a tha san HNC Cùram Chloinne (Gàidhlig) dhuibh.
’S e teisteanas nàiseanta aithnichte agus luachmhor a tha seo do dhaoine a tha airson a bhith an sàs ann am foghlam nan tràth bhliadhnaichean agus cùram chloinne agus ann a bhith a’ toirt taic do chlann agus do dhaoine òga le feumalachdan de gach seòrsa.
Bheir an cùrsa seo cothrom dhuibh tuigse mhath fhaighinn air a bhith ag obair còmhla ri clann agus daoine òga agus fios agus teòiridh a cheangal ri deagh ghnìomh agus eòlas. Thèid sibh an sàs ann an obair chudromach a leithid deagh ghnìomh ann an obair an aghaidh leth-bhreith a rèir Inbhean Cùraim Nàiseanta agus Còdan Obrachaidh Seirbheisean Sòisealta na h-Alba. Ma shoirbheachas leibh sa chùrsa, bidh e an comas dhuibh clàradh mar neach-chleachdaidh le Comhairle Seirbheisean Sòisealta na h-Alba/Scottish Social Services Council (SSSC).
Tha an cùrsa seo freagarrach do dhuine sam bith aig a bheil ùidh shònraichte ann an obair le clann is daoine òga agus do dhaoine a tha air am fastadh an-dràsta anns na tràth bhliadhnaichean agus cùram chloinne a tha airson an cuid eòlas-obrach a leasachadh.
Feartan sònraichte
- Cuiridh sibh seachad 60 latha air greis-obrach, ag obair gu ruige trì aonadan aig ìre SVQ3 Seirbheisean Sòisealta: Clann agus Daoine Òga
- Tha an cùrsa a’ freagradh air na h-inbhean clàraidh riatanach aig Seirbheisean Sòisealta na h-Alba (SSSC) do dhaoine a tha ag obair ann an suidheachadh cùraim
- Thèid an cùrsa a lìbhrigeadh le Sabhal Mòr Ostaig thar dà bhliadhna (pàirt-ùine) agus bidh cothrom ann a dhèanamh air astar
- Dh’fhaodadh e a bhith an comas dhuibh a dhol an sàs ann an aonadan fa leth mar phàirt de leasachadh leantainneach proifeasanta (LLP)
Feumalachdan inntrigidh
- 2 Àrd-ìre aig ìre C no nas àirde NO
- 1 Ìre-A aig Ìre D no nas àirde
- Bu chòir gum bi Beurla nan lùib AGUS
- 4 Ìre Nàiseanta 5 no Ìre Choitcheann aig Sàr-ìre no a leithid, le Beurla nam measg mura h-eil teisteas agaibh ann am Beurla aig Àrd-ìre no Ìre-A
- NC ann an Foghlam Tràth Ìrean no Cùram Chloinne no a leithid NO Preantasachd Tòiseachaidh anns na Seirbheisean Sòisealta (Clann agus Daoine Òga)
- Thathar ag iarraidh air daoine aig nach eil na teisteanasan riatanach iarrtas a chur a-steach agus thèid gach cùis a mheas a rèir an neach fhèin
- Feumaidh luchd-iarrtais soirbheachail sgrùdadh PVG Disclosure a choileanadh agus ballrachd de sgeama PVG fhaighinn
- Thèid dearbhadh a dhèanamh air na sgilean Gàidhlig agaibh mus faigh sibh àite air a’ chùrsa
Year 1 - HNC
’S iad na h-aonadan riatanach:
- Cùram ann an coluadair co-aimiseireil
- Tòisichidh ceannas leam fhìn
- Slàinte, sunnd agus teàrainteachd
- Leasachadh rèis-bheatha: rannsachadh teòiridheach
- A’ brosnachadh conaltradh èifeachdach
- A’ brosnachadh slàinte, sunnd, sàbhailteachd agus tèarainteachd san àite-obrach
- A’ leasachadh mhodhan-obrach tro mheòrachadh agus ionnsachadh
- Taic airson ionnsachadh tro chluich no cothroman obair-cluiche
- Aonad 1 (air a mheasadh)
Feumar trì modalan roghainneil a choileanadh le eisimpleirean às na leanas nam measg:
- A’ brosnachadh cànan, litearras agus àireamhachd
- Co-oibreachadh
- A’ toirt taic do chlann agus dhaoine òga le modh
- A’ toirt taic do chlann agus dhaoine òga aig a bheil feumalachdan taic a bharrachd
- Cluich
- Ag obair còmhla ri clann aois 0-3
- Ag obair còmhla ri clann aois 3-5
- Ag obair còmhla ri clann aois 5-8
- Sgilean Sgrìobhaidh
Dh’fhaodar nach bi gach aonad roghainneil ri fhaighinn.
Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?
- Pàirt-ùine (structaraichte)
- Bidh sibh ag ionnsachadh tro mheasgachadh de dh’òraidean aghaidh ri aghaidh, co-labhairtean bhidio agus rannsachadh air-loidhne tro àrainneachd ionnsachaidh mas-fhìor an oilthigh
Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?
- Pàirt-ùine (structaraichte): 2 bhliadhna
Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?
- Sabhal Mòr Ostaig
Ceann-latha tòiseachaidh
- An t-Sultain
Cìsean
For students normally domiciled in Scotland, with a term-time address in Scotland, the following fees apply:
This includes
- EU nationals with settled or pre-settled status in the UK,
- EEA/Swiss nationals with settled status in the UK
- EEA/Swiss nationals with pre-settled status who are self-employed or migrant workers in the UK.
Higher National Awards (HNC, HND) | 2022-23 | 2023-24 |
---|---|---|
Part-time (per HN credit) | £86 | £86 |
Rest of UK students
For students normally domiciled in the rest of the UK (England, Wales and N. Ireland, including Channel Islands and the Isle of Man) and with a term-time address in Scotland or assessed as rest of the UK for fee status, the following fees apply:
Higher National Awards (HNC, HND) | 2022-23 | 2023-24 |
---|---|---|
Part-time (per HN credit) | £474 | £474 |
Fees are payable in advance each academic year unless otherwise agreed.
There are a number of funding options available to UK students to help you pay for your studies and your cost of living while studying.
International students
This course is not available for international students, including EU/EEA and Swiss nationals without settled status in the UK, requiring Student Route visa sponsorship to study in the UK. For students living in the UK and assessed as international fee status, the following fees will apply:
This includes EEA/Swiss nationals with pre-settled status who are not self-employed or migrant workers in the UK.
Higher National Awards (HNC, HND) | 2022-23 | 2023-24 |
---|---|---|
Part-time (per HN credit) | £496 | £532 |
Maoineachadh
Dh’fhaodar sgoilearachd no taic-airgid eile fhaighinn. Airson barrachd fiosrachaidh, cuiribh fios gu Sabhal Mòr Ostaig.
Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?
Bheir HNC ann an Cùram Chloinne cothrom dhuibh a dhol an sàs ann an diofar dhreuchdan anns na tràth bhliadhnaichean agus ann an cùram chloinne.
An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?
Dh’fhaodadh cothrom a bhith ann a dhol adhart gu diofar chùrsaichean ceum (an dèidh agallamh a dhèanamh) mar eisimpleir:
- BA (Hons) Child and Youth Studies no, an dèidh beagan eòlais ann an ionad-obrach, BA (Hons) Childhood Practice
- Dh’fhaodar adhartas a dhèanamh gu ruigear trèanadh ann an teagasg, nam biodh na teisteanasan riatanach agaibh
Is there more information available online?
You can use the above QR code to connect directly to the course details.
Cuir a-steach airson Cùram Chloinne (Slighe Ghàidhlig) HNC
Tha an cùrsa seo dùinte an-dràsta.
Thigibh air ais dhan duilleag seo gus faicinn cuin a bhitheas e a’ ruith anns an àm ri teachd.
Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.