Foghlam Gàidhlig MEd

Course code Q539

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Tha am prògram gu lèir air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig, a leigeas le com-pàirtichean an cuid sgilean litearrachd sa Ghàidhlig a leasachadh fhad is a tha iad a’ toirt an cuid eòlas proifeiseanta, tuigse is sgilean air foghlam Gàidhlig am feabhas.
’S ann air na leanas a bhios am prògram stèidhichte:

  • Modhan-teagaisg bogaidh is sàr-chleachdadh ann am foghlam bogaidh eadar-nàiseanta
  • Rannsachadh, poileasaidh is cleachdadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
  • Neartachadh comasan Gàidhlig nan sgoilearan
  • Neartachadh misneachd is comasan nan com-pàirtichean sa Ghàidhlig agus an cuid tuigse air is cleachdadh de ghràmar na Gàidhlig
  • Neartachadh tuigse air cultar is fèin-aithne na Gàidhlig an lùib a’ chlàir-oide
  • Cumail taic ri measgachadh de luchd-ionnsachaidh ann am foghlam Gàidhlig
  • Air cheann ionnsachaidh ann am foghlam Gàidhlig
  • Rannsachadh an neach-cleachdaidh a chuireas is a leasaicheas cleachdadh

Tha am prògram MEd stèidhichte air modalan ceumnach a leigeas le com-pàirtichean togail gu leantainneach air an eòlas stèidhichte aca. Tha an ceum a’ tighinn gu crìch le sgrùdadh deireannach an neach-cleachdaidh a th’ air a dhealbhadh airson leigeil le com-pàirtichean an cuid eòlais, sgilean is tuigse phroifeiseanta, a tha iad air leasachadh tron phrògram, a chur gu feum airson taic a chumail ri leasachadh san t-suidheachadh obrach aca fhèin.

Feartan sònraichte

  • Structar leantainneach stèidhichte air modalan ceumnach a leigeas le com-pàirtichean togail gu leantainneach air an eòlas stèidhichte aca
  • Air a lìbhrigeadh le luchd-labhairt a tha fileanta ’s a’ Ghàidhlig agus aig a bheil eòlas farsaing air foghlam 
  • Cothrom rannsachadh an neachd-cleachdaidh a dhèanamh nur n-àite-obrach
  • Tha ionnsachadh cnuasachaidh  aig cridhe a’ chùrsa seo, a leigeas leibh na dh’ionnsaicheas sibh a chleachdadh nur practas proifeiseanta  

Feumalachdan inntrigidh

  • Feumaidh Gàidhlig a bhith agaibh agus feumaidh sibh a bhith clàraichte leis an GTCS

Inntrigeadh adhartach:

  • Dh’fhaodadh soirbheas ann an Tèisteanas Iar-Cheuma ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (Streap), a chaidh  a lìbhrigeadh ann am com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Obar Dheathain, cothrom dhuibh a dhol a-steach don dàrna bliadhna.  
  • Thèid agallamh a dhèanamh leibh aig inntrigeadh agus feumaidh 60 creideasan slàn a bhith agaibh bhon phrògram seo às na còig bliadhna mu dheireadh 

PgCert

Seo na prìomh mhodalan:

  • Foghlam bogaidh agus a’ togail cànain ann an suidheachadh mion-chànanach
  • Dòighean-teagaisg èifeachdach airson bogadh ann an àrainneachd bheartach Ghàidhlig

 
Thèid agaibh air fear de na modalan roghainneil seo a dhèanamh:

  • Gàidhlig airson luchd-teagaisg 1
  • Gàidhlig airson luchd-teagaisg 2 

PgDip

Seo na prìomh mhodalan:

  • Cultar, fèin-aithne agus ideòlas cànain ann am foghlam Gàidhlig
  • A’ cumail taic ri gach neach-ionnsachaidh

Thèid agaibh air fear de na modalan roghainneil seo a dhèanamh:

  • A’ stiùireadh ionnsachadh ann am foghlam Gàidhlig
  • Gàidhlig airson luchd-teagaisg 2

MEd

Seo na prìomh mhodalan:

  • Tagradh rannsachaidh an neach-cleachdaidh
  • Rannsachadh an neach-cleachdaidh ann am foghlam Gàidhlig

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?

  • Pàirt-ùine (le structar)
  • ’S ann air-loidhne a tha cuid mhòr den phrògram air a lìbhrigeadh agus chaidh a dhealbhadh gus an tèid a dhèanamh cuide ri dleastanasan proifeiseanta eile.
  • Thèid latha aghaidh-ri-aghaidh a chur seachad aig Sabhal Mòr Ostaig aig toiseach na bliadhna acadaimigich far an urrainn do chom-pàirtichean is oidean a’ phrògraim coinneachadh ri chèile. Bidh com-pàirtichean an sàs ann an gnìomhan air-loidhne gach cola-deug cho math ri clasaichean air-loidhne gus am bi conaltradh cunbhalach ann agus co-obrachadh eadar com-pàirtichean is oidean

Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?


  • Pàirt-ùine (le structar): 3 bliadhna

Seallaidh an àireamh de dh’uairean gach seachdain an ùine a bu choir dhuibh a chur seachad air obair a’ chùrsa, a’ gabhail a-steach 
òraidean agus an ùine agaibh fhèin a chosgas sibh air ionnsachadh pearsanta agus rannsachadh.


Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?

  • Sabhal Mòr Ostaig

Ceann-latha tòiseachaidh

  • An t-Sultain

Cìsean

Airson an t-Sultain 2022, tha an MEd Foghlam Gàidhlig air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, mar sin cha bhi cìsean oideachaidh ri pàigheadh le oileanaich.  Tha ion-roghnachd a’ chùrsa seo stèidhichte air clàradh le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (GTCS).

Maoineachadh

Tha an cùrsa seo air a làn-mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.

Cosgaisean a bharrachd

Thèid agaibh ri latha aghaidh-ri-aghaidh a fhrithealadh aig Sabhal Mòr Ostaig san t-Sultain aig toiseach gach bliadhna acadaimigich. Bidh agaibh fhèin ri cosgaisean siubhail a phàigheadh.

Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?

Cuiridh am program seo gu mòr ris an ionnsachadh phroifeiseanta agaibh mar thidsear.

An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?

Faodaidh sibh leantainn oirbh bhon a’ phrògram seo chun a’ chùrsa a leanas:

  • PhD ann am Foghlam

Is there more information available online?

QR

You can use the above QR code to connect directly to the course details.

Cuir a-steach airson Foghlam Gàidhlig MEd

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2024

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.