Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd MSc

UCAS code 93Q7
UHI information line 0845 272 3600

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Tha an cùrsa ùr-ghnàthaichte seo, le cliù fad is farsaing, a’ toirt dhut cothrom sònraichte mion-eòlas a chur air dualchas nan Gàidheal – uile-gu-lèir tron Ghàidhlig.

Air an MSc ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd, cuiridh tu eòlas farsaing agus domhainn air na h-atharrachaidhean iongantach ann an saoghal nan Gàidheal thar nan linn suas chon an latha an-diugh, a’ tarraing air beairteas cultar dùthchasach, litreachas, beul-aithris, agus cànan nan daoine.

Ionnsaichidh tu còmhla ri sgoilearan barraichte tro VLE air-loidhne agus tro cho-labhairtean fòn, agus lìomhaidh tu do chuid sgilean-rannsachaidh anns na tasglannan agus ‘anns an raon’.

Feartan sònraichte

  • Tha an ceum for-cheumnach adhartach seo air a theagasg uile gu lèir tron Ghàidhlig, bho shealladh nan Gàidheal, le sgoilearan aig a bheil cliù eadar-nàiseanta. Chan eil a shamhail ann ann an àite sam bith eile.
     
  • Dh’fhaodadh gu bheil eòlas agad mar-thà air beul-aithris, cultar dùthchasach, agus eachdraidh sgìrean fa leth. Tro bhith gan suidheachadh ann an coitheacs farsaing na Gàidhealtachd air fad, le sùil shònraichte air cultar dùthchasach – an iomadach rud a chruthaich agus a chleachd na Gàidheil – gheibh thu tuigse dhomhainn mu shaoghal nan Gàidheal an-dè agus an-diugh, nach fhaighear ann an àiteigin eile.

Feumalachdan inntrigidh

  • Ceum le urram aig 2:2 no nas fheàrr ann an cuspair iomchaidh. Thathar a’ cur fàilte air tagraichean aig nach eil na teisteanasan seo ach aig a bheil eòlas proifeiseanta ann an cuspairean iomchaidh.
     
  • Tha comas conaltraidh anns a’ Ghàidhlig riatanach.

 

Slighean inntrigidh

  • Sgeama na Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte

PgCert

Modalan riatanach:

  • Cultar Dùthchasach agus Tìr-Mòr na Roinn Eòrpa
  • Bailtean is Iomairean
  • Dòighean Rannsachaidh

 

MSc

Gus MSc a chosnadh feumaidh tu tràchdas rannsachaidh a chrìochnachadh gu soirbheachail.

PgDip

Modalan riatanach:

  • Thar nan Linn
  • Ceistean Mòra an Latha An-Diugh

Modalan roghainneil:

  • Àrainneachd is Seasmhachd air an Talamh
  • Dòighean Beatha is Nàbaidheachd
  • Imrich is Buaidh Beatha

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?

  • Pàirt-ùine (le structar)
     
  • Pàirt-ùine (as aonais structair) dòigh nas sùbailte a-thaobh na h-ùine a bheir e gus crìoch a chur air a’ chùrsa
  • Nì thu rannsachadh tro fhoghlam air-loidhne le taic, a’ cleachdadh Àrainneachd-Ionnsachaidh Air-loidhne (VLE).
     
  • Measadh le pròiseactan, aistidhean, agus obair-raoin
     
  • Feumaidh tu cuideachd a bhith an làthair aig seisean-inntrigidh ‘aghaidh ri aghaidh’ aig Sabhal Mòr Ostaig OGE air an Eilean Sgitheanach, air neo aig astar air-loidhne.
     
  • Faodaidh oileanaich eadar-nàiseanta bhon dùthaich agad fhèin an cùrsa seo a ghabhail.

 

Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?

  • Pàirt-ùine (le structar): 3 bhliadhnachan @ 12–16 uairean a thìde gach seachdain.
  • Pàirt-ùine (as aonais structair): 6 bliadhnachan @ 10 uairean a thìde gach seachdain
     
  • Tha an àireamh de dh’uairean a thìde gach seachdain a’ sealltainn nan uairean a thìde gu lèir a choisrigear don chùrsa, eadar òraidean agus rannsachadh air do cheann fhèin.

Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?

Ceann-latha tòiseachaidh

An t-Sultain

Cìsean

Tha na cìsean a leanas a’ buntainn ris a’ chùrsa fhor-cheum seo:

2016-17 Alba
(air-loidhne)
An còrr den RA
agus AE
(air-loidhne)
Eadar-nàiseanta
(air-loidhne)
Gach modal (20 creideis) £520 £650 £820
Teisteanas for-cheum (3 modalan, 60 creideis £1,560 £1,950 £2,460
Dioplòma for-cheum (6 modalan, 120 creideis) £3,120 £3,900 £4,920
Ceum mhaighstir (6 modalan + tràchdas) £4,680 £5,850 £7,380

Bu chòir cìsean a phàigheadh ro thoiseach a’ chùrsa gach bliadhna acadaimigeach mur tèid aontachadh air modh eile.

Cuirear fàilte air iarrtasan bho fhastaichean a tha airson buidheann de dh’oileanaich a chlàrachadh agus faodaidh gum bi e comasach ullachaidhean sònraichte a thaobh chìsean a chur air dòigh.

Dè am maoineachadh as urrainn dhomh iarrtas a dhèanamh air a shon?

Faodaidh sgoilearachais agus taic ionmhasail bhon thaobh a-muigh a bhith ri fhaotainn. Cuir fios a dh’ionnsaigh Sabhal Mòr Ostaig UHI airson barrachd fiosrachaidh.

Maoineachadh

Dh'fhaodar sgoilearachais agus taic maoineachaidh a bhith rim faotainn. Cuir fios chun na colaiste com-pàirteach iomchaidh airson tuilleadh fiosrachaidh.

Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?

  • Roinn an dualchais/taighean-tasgaidh/pàircean àrainneachdail
  • Buidhnean leasachaidh agus cultarach; na h-ealain agus na meadhanan

 

An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?

  • Rannsachadh PhD

Cuir a-steach airson Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd MSc

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2017

Bu chòir do thagraichean eadar-nàiseanta cuir a-steach a' cleachdadh an fhoirm tagraidh eadar-nàiseanta. Luchdaich a-nuas agus clò-bhuail am foirm, lion agus till e chun an t-seòlaidh a tha sgrìobhte air, mas e do thoil e. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn do thagraichean eadar-nàiseanta aig ar duilleig do dh'oileanaich eadar-nàiseanta

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI). Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.

Rannsaich a-rithist