Information line 0845 272 3600*
Tha an cùrsa ùr-ghnàthaichte seo, le cliù fad is farsaing, a’ toirt dhut cothrom sònraichte mion-eòlas a chur air dualchas nan Gàidheal – uile-gu-lèir tron Ghàidhlig.
Cuiridh tu èolas farsaing is domhainn air na h-atharrachaidhean iongantach ann an saoghal nan Gàidheal thar nan linn suas chun an latha an-diugh, le taic bho bheairteas cultar dùthchasach, litreachas, beul-aithris, agus cànan nan daoine.
Dh’fhaodadh gu bheil eòlas agad mar-thà air beul-aithris, cultar dùthchasach, agus eachdraidh sgìrean fa leth.
Tro bhith gan suidheachadh ann an co-theacsa fharsaing na Gàidhealtachd air fad, le sùil shònraichte air cultar dùthchasach – an iomadach rud a chruthaich agus a chleachd na Gàidheil – gheibh thu tuigse dhomhainn mu shaoghal nan Gàidheal an-dè agus an-diugh, nach fhaighear ann an àiteigin eile.
Am measg nam modalan a tha riatanach gus PgCert a chosnadh tha:
Cultar Dùthchasach agus Tìr-Mòr na Roinn-Eòrpa;
Bailtean is Iomairean;
Dòighean Rannsachaidh.
Am measg nam modalan a tha riatanach gus PgDip a chosnadh tha:
Thar nan Linn; Ceistean Mòra an Latha An-Diugh.
Bidh agad ri modal eile roghainneil a thaghadh:
Àrainneachd is Seasmhachd air an Talamh;
Dòighean Beatha is Nàbaidheachd;
no Imrich is Buaidh Beatha.
Gus MSc a chosnadh feumaidh tu tràchdas rannsachaidh a chrìochnachadh gu soirbheachail.
An t-Sultain
Tha na cìsean a leanas a’ buntainn ris a’ chùrsa fhor-cheum seo:
2018-19 | Alba (air-loidhne) | An còrr den RA agus AE (air-loidhne) | Eadar-nàiseanta (air-loidhne) |
---|---|---|---|
Gach modal (20 creideis) | £560 | £650 | £900 |
Teisteanas for-cheum (3 modalan, 60 creideis | £1,680 | £1,950 | £2,700 |
Dioplòma for-cheum (6 modalan, 120 creideis) | £3,360 | £3,900 | £5,400 |
Ceum mhaighstir (6 modalan + tràchdas) | £5,000 | £5,850 | £8,120 |
2017-18 | Alba (air-loidhne) | An còrr den RA agus AE (air-loidhne) | Eadar-nàiseanta (air-loidhne) |
---|---|---|---|
Gach modal (20 creideis) | £520 | £650 | £852 |
Teisteanas for-cheum (3 modalan, 60 creideis | £1,560 | £1,950 | £2,556 |
Dioplòma for-cheum (6 modalan, 120 creideis) | £3,120 | £3,900 | £5,112 |
Ceum mhaighstir (6 modalan + tràchdas) | £4,680 | £5,850 | £7,660 |
Bu chòir cìsean a phàigheadh ro thoiseach a’ chùrsa gach bliadhna acadaimigeach mur tèid aontachadh air modh eile.
Cuirear fàilte air iarrtasan bho fhastaichean a tha airson buidheann de dh’oileanaich a chlàrachadh agus faodaidh gum bi e comasach ullachaidhean sònraichte a thaobh chìsean a chur air dòigh.
Faodaidh sgoilearachais agus taic ionmhasail bhon thaobh a-muigh a bhith ri fhaotainn. Cuir fios a dh’ionnsaigh Sabhal Mòr Ostaig UHI airson barrachd fiosrachaidh.
Dh'fhaodar sgoilearachais agus taic maoineachaidh a bhith rim faotainn. Cuir fios chun na colaiste com-pàirteach iomchaidh airson tuilleadh fiosrachaidh.
You can use the above QR code to connect directly to the course details.
Bu chòir do thagraichean eadar-nàiseanta cuir a-steach a' cleachdadh an fhoirm tagraidh eadar-nàiseanta. Luchdaich a-nuas agus clò-bhuail am foirm, lion agus till e chun an t-seòlaidh a tha sgrìobhte air, mas e do thoil e. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn do thagraichean eadar-nàiseanta aig ar duilleig do dh'oileanaich eadar-nàiseanta
Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI). Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.