Co-aonadh colaistean air aontachadh le Riaghaltas na h-Alba

Co-aonaidh UHI a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI an Iar air 1 Lùnastal gus UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall a stèidheachadh.

Tha e a’ leantainn aonta le Graeme Dey, BPA, Ministear Riaghaltas na h-Alba airson Foghlam Adhartach agus Àrd Fhoghlam, agus Jenny Gilruth BPA, Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus air a dhaingneachadh le Riaghaltas na h-Alba.

Le bhith a’ tighinn ri chèile, bidh an comas, stòras agus ealantas aig UHI a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI an Iar gus taic a thoirt ann an dòigh nas fheàrr do fheumalachdan a coimhearsnachdan ionadail.  Àrdaichidh a’ cholaiste ùr fèin fhiosrachadh nan oileanach agus fàsaidh an curraicealam, rannsachadh agus ùr-ghnàthachas agus cothroman coimeirsealta, a’ freagairt air na cothroman cudromach sòisealta agus eaconamach san roinn.  Fàsaidh i nas seasmhaich aig àm an uair a tha dùbhlan aig na colaistean barrachd a dhèanamh le nas lugha ann an àrainn ionmhais nas dorra. 

Le 9000 oileanach, 600 neach-obrach agus 19 campasan agus ionadan a’ dol bho Ghallaibh agus Cataibh, Ros and Crombaidh gu Loch Abair, Ros an Iar, An t-Eilean Sgitheanach agus Innse Gall, bidh UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall an sàs ann an roinn nas motha na A’ Chuimrigh agus 40% de chosta na h-Alba. 

Tabhannaidh a’ cholaiste ùr sgilean èifeachdach agus beairt ùr-ghnàthachais gus coinneachadh ri feumalachdan luchd-obrach san àm làithreach agus san àm ri teachd cho math ri bhith a’ lìbhrigeadh earrannan fàis, a’ gabhail a-steach dì-carbonachadh net zero, lùth ath-nuadhachail, einnseanaireachd, saorachadh agus teicneòlasan adhartach, puirt fànais agus gnìomhachasan air tìr agus aig muir.  Tha a’ cholaiste air a deagh shuidheachadh gus a bhith a’ co-obrachadh le coimhearsnachdan gu bhith a’ leasachadh na Gàidhlig mar sho-mhaoin eaconamach agus sòisealta airson barrachd dhaoine.  Fàsaidh i cuideachd a comas a bhith ag iomlaid a comais rannsachaidh agus iomlaid eòlais le bhith a’ dèanamh ceangal eadar a speisealachdan làithreach nàiseanta agus eadar-nàiseanta le comas na roinne a bhith a’ cruthachadh ionadan de shàr-mhathais a bhios a’ lìbhrigeadh luach agus buaidh airson a coimhearsnachdan agus an còrr de dh’Alba.

Thuirt Lydia Rohmer, Ceannard Ainmichte UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall: “Tha còrr air dà bhliadhna air a dhol seachad on thòisichear a’ planadh UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall agus cha bhiodh cùisean air a bhith comasach às aonais an fhrèam-obrach air leth de cheannardan, luchd-obrach, oileanaich agus bùird rianachd.  Bu mhath leam cuideachd taing a thoirt do UHI agus Comhairle Maoineachaidh na h-Alba airson an taic tron phròiseas seo. 

“Tha sinn a’ tarraing ri chèile trì colaistean iomraiteach gus buidheann stèidhichte ùr, làidir a chruthachadh, a’ ceangal choimhearsnachdan dùthchail agus eileanach ri chèile tro fhoghlam agus rannsachadh sònraichte a tha air a chumadh leis a’ chultar, suidheachadh agus seallaidhean-tìre againn, a’ toirt cothroman do na h-oileanaich againn a bhith a’ leasachadh nan sgilean a tha feumail dhaibh aig an àm a tha an làthair, agus san àm ri teachd airson ionnsachadh, beatha agus obair.  Tha am modal-obrach air leth a tha againn, ealantas ar luchd-obrach agus ar cruinn-eòlas gar cur ann an deagh àite a bhith a’ dèiligeadh ris na cothroman eaconamach a tha san roinn againn, gu sònraichte a thaobh an eaconamaidh gorm agus uaine.  Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair leis an luchd-obrach, oileanaich agus am bòrd againn ann a bhith a’ stèidheachadh colaiste airson an ama ri teachd, a bheir sochairean buan do ar coimhearsnachdan, agus do chom-pàirteachas UHI agus e a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair nas dlùithe ri chèile san àm ri teachd.”

Thuirt Derek Lewis, Cathraiche Ainmichte UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall: “Tha an deagh naidheachd a’ comharrachadh bhòt-misneachd sa cho-aonadh againn, a’ chùis gnothachais a thaisbean sinn do Riaghaltas na h-Alba agus an dreuchd a bhios aig UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall ann a bhith a’ toirt taic do na cothroman sòisealta, eaconamach agus cultarail a tha fosgailte do na coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh.  Bidh an sgèile agus an ealantas againn airson a bhith a’ tabhann an trèanadh agus na sgilean a dh’fheumas luchd-fastaidh ann an dà chuid, na h-earrannan traidiseanta agus na h-earrannan a tha a’ fàs san roinn againn, cho math ri na comasan rannsachaidh gus taic a thoirt don t-soirbheachas aca. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Lydia agus an àrd-sgioba rianachd gus dèanamh cinnteach gun lean sinn oirnn a’ cluich prìomh dhreuchd ann a bhith a’ tàladh dhaoine gu bhith a’ fuireach, ag obair agus ag ionnsachadh sna h-eileanan dùthchail agus eileanach againn.”

Thuirt Vicki Nairn, Ceannard Eadar-amail agus Iar-sheansailear UHI: “Is e clach-mhìle chudromach a tha seo airson ar pròiseact co-aonaidh chruth-atharrachail de thrì colaistean agus do UHI san fharsaingeachd. Tha an oilthigh a’ toirt làn thaic don phròiseact, agus tha sinn air bhioran mu na sochairean a bheir seo do na h-oileanaich, luchd-obrach agus na coimhearsnachdan againn air feadh roinn UHI.  Tha an oilthigh a’ coimhead air adhart ri bhith a’ leantainn ag obair le ar co-obraichean aig UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall gus togail air soirbheachas nan trì colaistean fa leth.” 

Thuirt Heather Innes Ceann-suidhe Roinneil Comann Oileanach na Gàidhealtachd is nan Eilean (HISA): “Mar am buidheann a tha a’ riochdachadh oileanaich UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall, tha sinn a’ cur fàilte air an naidheachd gu bheil Riaghaltas na h-Alba air aontachadh ris a’ cho-dhùnadh seo.  Tha an sgioba againn air obrachadh gu dlùth ris na bùird, an rianachd agus an luchd-obrach tron cho-aonadh seo gus dèanamh cinnteach gur robh guthan ar buill air an riochdachadh is air an cluinntinn. Bu mhath leinn taing a thoirt don h-uile neach a rinn e comasach an t-àm ri teachd a tha seo, agus na cothroman a bheir e do dh’oileanaich a dhèanamh comasach.” 

Tha an co-dhùnadh le Ministear Foghlam Adhartach agus Àrd Fhoghlam, Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean a’ tighinn an dèidh co-chomhairleachadh mu cho-aonadh UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall.  Bha seo a’ leantainn co-chomhairleachadh poblach 10 seachdainean a bha air a ruith leis na colaistean iad fhèin, leis a’ cho-dhùnadh a chaidh aontachadh le bùird rianachd nan trì colaistean aig deireadh na bliadhna a chaidh seachad.   

Tha obair a-nis a’ leantainn air adhart gus dèanamh cinnteach gum bi na trì colaistean deiseil airson co-aonadh air 1 Lùnastal.