Eòlas iar-cheumnach UHI air a mheas as fheàrr ann an Alba airson na dàrna bliadhna ann an sreath

Tha oileanaich iar-cheumnach aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) air an eòlas ionnsachaidh aca a mheas mar an ìre as fheàrr ann an Alba ann an suirbhidh air feadh na RA airson na dàrna bliadhna ann an sreath.

see full size image
Crìsdean Arnold agus Rona Chaimbeul

Fhuair UHI sgòr de 92% riarachaidh oileanach ann an Suirbhidh Eòlas Teagaisgte Iar-cheumnach 2023. Tha an toradh a’ ciallachadh gun d’ fhuair UHI an ìre as àirde ann an oilthigh Albannach sam bith agus gu bheil e air a rangachadh san treas àite a-mach às na 101 institiud com-pàirteachaidh air feadh na RA.

Air a cho-òrdanachadh le Advance HE, tha an Suirbhidh Eòlas Teagaisgte Iar-cheumnach a’ toirt cuireadh do dh’oileanaich am beachdan a thoirt seachad air prògraman oilthighean iar-cheumnach air an teagasg. Bithear a’ faighneachd do dh’oileanaich mu raointean a’ gabhail a-steach teagasg, measadh agus taic.

Chrìochnaich cha mhòr 90 oileanach bho air feadh UHI suirbhidh na bliadhna-sa. Thug luchd-freagairt rangachadh sònraichte àrd do UHI a thaobh teagasg, measadh agus eagrachadh. Fhuair trì cùrsaichean UHI sgòran riarachais iomlan de 100%: an MLitt ann an Eòlas Lochlannach, MEd ann am foghlam treas-ìreach is àrd-ìre agus MA ann an ealain cho-aimsireil agus arc-eòlas.

A’ toirt beachd air na co-dhùnaidhean, thuirt an Dr Iain Moireasdan, Deadhan Eòlas nan Oileanach: “Airson an dàrna bliadhna an dèidh a chèile tha na h-oileanaich iar-cheumnach againn air innse dhuinn gur iad iad as riaraichte leis an eòlas aca ann an Alba. Tha e iongantach cuideachd a bhith san treas àite san RA bho 101 institiud com-pàirteachaidh agus tha e a’ nochdadh eòlas ar luchd-obrach sgoinneil agus am fòcas a tha sinn a’ cur air feumalachdan oileanach fa leth. Tha an teachdaireachd soilleir bhon fheadhainn as eòlaiche: ma tha thu a’ smaoineachadh air teisteanas for-cheum a dhèanamh, smaoinich air UHI!”

Thuirt Ceann-suidhe Chomann nan Oileanach, Uilleam Caimbeul: “Tha mi a’ cur fàilte air na toraidhean a tha a’ rangachadh UHI air thoiseach ann an Alba agus san treas àite san RA airson eòlas oileanach san t-Suirbhidh Eòlas Iar-cheumnach air a Theagasg. Tha iad a’ nochdadh an dìchill agus an obair chruaidh a tha oileanaich agus luchd-obrach air a choileanadh airson an aithne seo fhaotainn.

Tha Comann nan Oileanach a’ creidsinn ann an cumhachd guth nan oileanach. Tha an coileanadh seo na theisteanas air, nuair a chuireas oileanaich am beachdan air adhart agus nuair a bheir iad seachad fios air ais, gu bheilear a’ coinneachadh ris na feumalachdan aca, a’ leantainn gu eòlas foghlaim a tha dha-rìribh cruth-atharrachail. Chan e a-mhàin gu bheil an coileanadh seo na choileanadh dha OGE ach cuideachd don bhuidheann oileanach eadar-mheasgte agus luchd-obrach taiceil a bhios a’ brosnachadh obair ùr-ghnàthach is cho-obrachail, a’ fàgail UHI na àite air leth airson ionnsachadh.

Meal an naidheachd aig UHI agus a h-uile duine a tha air an coileanadh seo a dhèanamh comasach agus mealadh naidheachd shònraichte air ar buidheann oileanach a lìon an t-suirbhidh seo, a’ toirt cothrom dhaibh an guthan a chluinntinn.”

Tha cùrsaichean for-cheuma UHI a’ nochdadh àrainneachd, cultar agus dualchas na Gàidhealtachd is nan Eilean, Moireibh agus Siorrachd Pheairt agus iad gu tric  ceangailte ris an rannsachadh acadaimigeach a nì an luchd-obrach agus oileanaich. Tha iad a’ còmhdach chuspairean a’ gabhail a-steach leasachadh seasmhach, bith-theicneòlas algae agus eachdraidh is arc-eòlas na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bithear a’ teagasg chùrsaichean gu h-ionadail bho sgìrean UHI agus tha iad rim faighinn air-loidhne cuideachd air feadh an t-saoghail.

Tha àiteachan rim faotainn airson sgrùdadh bhon t-Sultain 2023. Gus tagradh a dhèanamh, tadhail air UHI’s course list agus cleachd an taba ‘apply’.

Tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn an Postgraduate Taught Experience Survey

Sgrùdaidhean cùise

Chrìochnaich Rona Chaimbeul MSc ann an leasachadh seasmhach dùthchail aig Colaisde a’ Chaisteal UHI (a-nist pàirt dheth UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall) ann an 2017.

“Lìon sgrùdadh maighstireachd na beàrnan anns an eòlas agam air leasachadh eaconamach ann an sgìre dhùthchail. Chuidich an cùrsa mi gus eòlas nas doimhne fhaighinn air leasachadh coimhearsnachd, cleachdadh fearainn, ath-leasachadh fearainn agus mar a bhios coimhearsnachdan ag obair agus a’ freagairt a h-uile càil bho ghnìomhachd làitheil gu suidheachaidhean èiginneach, leithid a’ ghalair lèir-sgaoilte.

“Thug sgrùdadh brosnachadh dom fhèin-mhisneachd, a’ sealltainn dhomh gun robh e comasach dhomh tilleadh gu sgrùdadh agus MSc a choileanadh. Cha bhithinn-sa air seo a dhèanamh a-riamh às aonais roghainnean sgrùdaidh air-loidhne agus teicneòlas UHI, agus ceannardas is dealas stiùiriche a’ phrògraim agam. Bhon uair sin tha mi air PhD a chrìochnachadh UHI Innse Gall (a-nist pàirt dheth UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall).”

Chrìochnaich Crìsdean Arnold MA ann an slàinte agus sunnd aig UHI Innse Gall (a-nis na phàirt de UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall)

“Thug an cùrsa MA misneachd agus comasan dhomh ann a bhith a’ rannsachadh chuspairean agus mion-sgrùdadh breithneachail air stuthan rannsachaidh. Thug e cuideachd tuigse tòrr nas doimhne dhomh air cùisean slàinte is sunnd, agus farsaingeachd nan seallaidhean air am faodar beachdachadh air feadh an raoin.

“Bha an dòigh-obrach pàirt-ùine, iomallach agus fèin-stiùirichte le òraidean seachdaineil airson cuid de mhodalan a’ freagairt gu math ri mo bheatha agus dleastanasan eile. Bha an luchd-oideachaidh furasta bruidhinn riutha agus bha iad eòlach agus thug iad deagh chomhairle seachad mu raointean a bharrachd air an robh iad a' beachdachadh.

“Bha mo chùl-raon ann an rèidiografaidh. Tha mi a-nis ag obair san NHS mar mhanaidsear sgìreil a’ cumail sùil air seirbheisean slàinte is cùram sòisealta thar sgìre fharsaing.”