Nì cothrom PhD ùr sgrùdadh air leasachadh na Gàidhlig ann an Innse Gall

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) a’ tabhann cothrom PhD ùr, làn-mhaoinichte a’ rannsachadh leasachadh na Gàidhlig ann an Innse Gall.

see full size image
UHI A Tuath, An Iar is Innse Gall – làrach àrainn Steòrnabhagh

Nì an sgoilearachas CEARTAS, a tha air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HIE), sgrùdadh air na nithean a tha a’ cur ri luach sòisealta is cultarail na Gàidhlig ann an Innse Gall. Thathas an dòchas gun cuidich na toraidhean a bhith a’ treòrachadh poileasaidh a thaobh mhion-chànanan, gu sònraichte ann an co-theacsan Gàidhlig.

Bheir an sgoilearachas cothrom cuideachd sgrùdadh a dhèanamh air leasachadh coimhearsnachd, mar a nithear co-dhùnaidhean ann an coimhearsnachdan agus mar as urrainn do phoileasaidh poblach buannachdan sòisio-eaconamach ionadail a lìbhrigeadh.

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, Àrd-Ollamh ann an Rannsachadh na Gàidhlig aig UHI:

“Tha Institiud Saidheansan Cànain UHI air leth toilichte a bhith air chomas an cothrom rannsachaidh ollamhach togarrach seo a thabhann gus forfhais a dhèanamh air dòighean as urrainn do dh’oidhirpean leasachadh coimhearsnachd agus iomairtean poileasaidh Gàidhlig a bhith a chum leas a chèile. Tha sinn gu sònraichte taingeil don bhuidheann-mhaoineachaidh rannsachaidh againn, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, airson na taice agus a’ bhrosnachaidh gus fàs a thoirt air a’ chlàr-ghnothaich rannsachaidh seo air a bheil feum mòr.”

Thuirt Jacqueline NicUiginn, àrd-mhanaidsear leasachaidh aig HIE:

“Tha sinn toilichte taic a thoirt don phròiseact rannsachaidh seo mar phàirt de dh’oidhirpean, còmhla ris na buidhnean com-pàirteach againn, gus taic a thoirt do fhàs cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach is dùthchail far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn. Tha e na eileamaid chudromach den phlana Ghàidhlig againn a bhith a’ togail air mar a thathar a’ cleachdadh a’ chànain gus luach eaconamach is sòisealta a thoirt a-steach ann an diofar shuidheachaidhean. Cha tig piseach air a’ Ghàidhlig ach le coimhearsnachdan piseachail agus tha sinn airson co-obrachadh a neartachadh ann am prìomh choimhearsnachdan, feuch am bi iad nas tarraingiche agus nas seasmhaiche a thaobh gleidheadh òigridh/sluaigh agus fàs is cosnadh. Bidh pàirt chudromach aig an rannsachadh seo ann an taic poileasaidh san àm ri teachd.”

Tha am PhD air a mhaoineachadh gu h-iomlan le HIE agus thathas a’ tabhann stìpean airson 42 mìos. Bidh an tagraiche soirbheachail fo stiùir Institiud nan Saidheansan Cànain aig UHI. Bidh an sgoilearachas PhD stèidhichte aig fear de na h-àrainnean aig UHI air feadh Innse Gall, ach faodar beachdachadh air rèiteachaidhean obrach sùbailte, tar-chinealach a rèir far a bheil an tagraiche fhèin. Leis gum bi fòcas na h-obrach air coimhearsnachdan nan Eilean Siar far a bheil a’ Ghàidhlig fhathast gu làidir an làthair agus cudromach, tha e ion-mhiannaichte a bhith air chomas conaltradh gu h-èifeachdach sa Ghàidhlig.

Faodar ceistean tùsail a chur no ùidh a nochdadh le fios a chur gu prìomh neach-stiùiridh a’ phròiseict, an t-Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin (conchur.ogiollagain@uhi.ac.uk). ’S e Dihaoine 6 Dàmhair an ceann-latha dùnaidh airson tagraidhean, agus is e an ceann-latha tòiseachaidh a tha san amharc airson a’ PhD Diluain 13 Samhain.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus stiùireadh a thaobh tagradh a dhèanamh, tadhlaibh air www.findaphd.com agus lorgaibh am prìomh fhacal ‘CEARTAS’.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chùrsaichean Gàidhlig aig UHI, tadhlaibh air  www.uhi.ac.uk/courses