Am Ministear a’ tadhal air campas Steòrnabhaigh gus stèidheachadh UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall a chomharrachadh

Tha Ministear na h-Alba airson Foghlam Àrd-Ìre is Adhartach air tadhal air UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall mar phàirt de shubhachasan seachdain stèidheachaidh oifigeil na colaiste.

see full size image
L-R Caroline Macpherson, HISA Gary Souter, HISA Hannah Ritchie-Muir, UHI North, West & Hebrides Vicki Nairn, UHI Graeme Dey, Minister for Higher and Further Education Derek Lewis, UHI North, West & Hebrides Lydia Rhomer, UHI North, West & Hebrides Joe Macphee, UHI North, West & Hebrides

Thadhail Graeme Dey BPA air campas Steòrnabhaigh air Diardaoin (14 Sultain), far na choinnich e ri luchd-obrach agus oileanaich gu pearsanta agus air-loidhne, a’ faighinn a-mach barrachd mu dheidhinn a bhith ag obair agus ag ionnsachadh ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach na colaiste.

Is e UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall a’ cholaiste as ùire ann an Alba, a chaidh a chumadh bhon cho-aonachadh eadar UHI Gàidhealtachd a Tuath, UHI Innse Gall agus UHI Gàidhealtachd an Iar.

Chuala Mgr Dey tuilleadh mu dheidhinn a’ phrògraim cho-aonachaidh agus an t-àite a tha a’ cholaiste a’ coileanadh ann a bhith a’ cur taic ri feumalachdan a coimhearsnachdan ionadail tro fhoghlam, trèanadh agus rannsachadh. Labhair e cuideachd ri luchd-obrach, oileanaich agus fastaichean sa choimhearsnachd mu dheidhinn fheumalachdan sgioba-obrach làithreach agus san àm ri teachd, gu h-àraid ann am prìomh roinnean leithid cumhachd ath-nuadhachail, saidheans àrainneachdail agus gnìomhachasan cruthachail is cultarach, a’ gabhail a-steach Gàidhlig.

Thuirt Mgr Dey: “Bha mi air leth toilichte tadhal air campas Steòrnabhaigh agus coinneachadh ris an luchd-obrach agus oileanaich, an dà chuid air a’ champas agus a’ gabhail pàirt ann an leasanan air astar. Bha mi gu mòr air mo ghlacadh le buaidh nan oileanach agus dìcheall an luchd-obrach, agus bha mi taingeil airson a’ chothruim air coinneachadh ri fastaichean agus luchd-ùidhe. Tha mi a’ coimhead air adhart ris a’ cholaiste a tha air a h-ùr-aonachadh a bhith na h-aitreabh seasmhach de chudromachd do dh’Innse Gall agus don Ghàidhealtachd a Tuath ’s an Iar.”

Thuirt Lydia Rohmer, Prionnsapal is Àrd-Oifigear UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall: B’ e tlachd a bh’ ann fàilte a chur air Mgr Dey gu ar campas ann an Steòrnabhagh agus a’ bhuaidh dhearbhach a th’ againn air ar luchd-ionnsachaidh is coimhearsnachdan ionadail  a thaisbeanadh dha, a thuilleadh air na cothroman nar coimhearsnachdan dùthchail is eileanach gus taic a chur ri leasachadh eaconamach, sòisealta is cultarach. Bha sinn air leth toilichte cuideachd an ìre togail air ùr thòiseachadh o chionn ghoirid air ar pròiseact ath-leasachaidh air a’ champas a shealltainn dha, le taic bho Aonta Fàs nan Eilean, a bheir cruth-atharrachadh air ar n-Ionad Teicneòlais is Ùr-ghnàthachaidh, a’ neartachadh obair STEM air astar air feadh Innse Gall agus Seòmar Newton a stèidheachadh gus barrachd dhaoine òg a bhrosnachadh gu cuspairean agus dreuchdan STEM a thaghadh san àm ri teachd.”  

Cruthaichidh UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall aitreabh seasmhach a’ ceangal choimhearsnachdan dùthchail is eileanach tro fhoghlam is rannsachadh sònraichte air a chumadh le cultar, àite agus cruthan-tìre na Gàidhealtachd a Tuath ’s an Iar, an t-Eilean Sgitheanach agus Innse Gall. 

Le bhith a’ tighinn còmhla, bidh a’ cholaiste air comas, goireas agus ealantas a chothlamadh gus feumalachdan a coimhearsnachdan ionadail a choileanadh nas fheàrr, eòlas nan oileanach àrdachadh, ionannachd chothroman a sholarachadh agus fàs eaconamach a stiùireadh san sgìre.

Bidh prìomh àite aig a’ cholaiste ann an comasachadh dhaoine gu bhith a’ còmhnaidh, ag obair agus ag ionnsachadh san sgìre agus gu fàs nas seasmhaiche aig àm nuair a tha colaistean gan dùbhlanachadh gu barrachd a thoirt gu buil, le nas lugha.