An Cùrsa Adhartais CertHE

UCAS code Q501
UHI information line 0845 272 3600

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Tha An Cùrsa Adhartais a’ tabhann cothrom dhut cuir ri do mhisneachd a thaobh conaltradh sa Ghàidhlig. Bheir e deagh bhunait dhut airson ionnsachadh a bharrachd a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig, gad chuideachadh a bhith a' faighinn obair ann an saoghal na Gàidhlig. 

Tha an cùrsa seo air a lìbhrigeadh air-loidhne agus tha e co-ionann ris a’ chiad bhliadhna den chùrsa Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte.  Tha an cùrsa seo a’ còmhdachadh nam puingean gràmair a th’ anns a’ Chùrsa Chomais agus a’ cleachdadh na h-aon dòighean teagaisg agus ionnsachaidh ris A’ Chùrsa Inntrigidh.

Feartan sònraichte

  • Tha an cùrsa seo a’ gabhail a-steach dòighean-ionnsachaidh cànain ùr-ghnàthach
  • Cuideachaidh e thu gu bhith a' deasachadh airson cothroman-obrach ann an roinn na Gàidhlig
  • Bidh cothrom agad Sgoil Deireadh-Seachdain roghainneil fhrithealadh, a choinneachadh agus a bhruidhinn ri oileanaich eile
  • Ionnsachaidh tu pàirt-ùine agus air-loidhne, a’ ciallachadh gun urrainn dhut do chuid ionnsachaidh a ghabhail os làimh san ùine agad fhèin

Feumalachdan inntrigidh

  • 2 theisteanas Àrd-ìre aig ìre C no nas àirde NO
  • 1 A level aig ìre C no nas àirde
  • Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig aig Àrd-ìre nam measg


 

Slighean inntrigidh

An Cùrsa Inntrigidh

Year 1 - CertHE

  • Modalan cànain 1 – 6
  • Modalan cuspaireil 7-8 (rin coilionadh anns an òrdugh sin)

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?

•    Pàirt-ùine (le structar)
•    Pàirt-ùine (gun structar)

  • Nì thu an cùrsa seo air-loidhne tro àrainneachd ionnsachaidh mas-fhìor an oilthigh (VLE) le taic bho luchd-oide aig Sabhal Mòr Ostaig UHI
  • Bidh òraidean agus clasaichean tro cho-labhairt chlaistinn agad cuideachd

Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?

Pàirt-ùine: 1 bliadhna

Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?

Ceann-latha tòiseachaidh

An Lùnastal

Cìsean

Do dh’oileanaich air còmhnaidh ann an Alba no anns an Aonadh Eòrpach/EEA (taobh a-muigh an RA) agus aig a bheil seòladh tron teirm ann an Alba, a’ dèanamh cùrsa fo-cheum (CertHE), tha na cìsean a leanas a’ buntainn ris:

CertHE 2016-17
Pàirt-ùine (le structar) (4 x modalan luach 15 creideas) gach bliadhna fad dà bhliadhnas £645
Pàirt-ùine (gun structar, gach modal) (gach modal luach 15 creideas) £161

Oileanach às a'chòrr den RA

Do dh’oileanaich air còmhnaidh anns a’ chòrr den RA (Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath) agus aig a bheil seòladh ann an Alba rè na teirm, ’s iad seo na cìsean a tha rim pàigheadh:
CertHE 2016-17
Pàirt-ùine (le structar) (4 x modalan luach 15 creideas) gach bliadhna fad dà bhliadhna £1,500
Pàirt-ùine (gun structar, gach modal) (gach modal luach 15 creideas) £375

Bu chòir cìsean a phàigheadh ro thoiseach a’ chùrsa gach bliadhna acadaimigeach mur tèid aontachadh air modh eile.

Tha àireamh de roghainnean maoineachaidh rim faotainn do dh’oileanaich an RA agus an AE a chuidicheas tu a bhith a’ pàigheadh airson do chuid ionnsachaidh agus cosgaisean bith-beò fhad ’s a bhios tu ag ionnsachadh.

Oileanaich eadar-nàiseanta

Is iad seo na cìsean do dh’oileanaich nach bi gu h-àbhaisteach a’ fuireach anns an RA no anns an Aonadh Eòrpach aig a bheil seòladh ann an Alba tron teirm:

CertHE 2016-17
Pàirt-ùine (le structar) (4 x modalan luach 15 creideas) gach bliadhna fad dà bhliadhnas
£1,500
Pàirt-ùine (gun structar, gach modal) (gach modal luach 15 creideas) £375

 

Maoineachadh

External scholarships and financial support may be available. Contact the relevant UHI partner college for more information.

Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?

Aon uair ’s gun coilion thu An Cùrsa Adhartais gu soirbheachail, faodaidh gum bi ùidh agad anns na dreuchdan a leanas:

  • Leasachadh Gàidhlig
  • Obair rianachd Gàidhlig
  • Ceum ann an Gàidhlig

An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?

Tha an CertHE An Cùrsa Adhartais a’ leigeil leat dol air adhart ris na cùrsaichean a leanas:

Cuir a-steach airson An Cùrsa Adhartais CertHE

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2017

Bu chòir do thagraichean eadar-nàiseanta cuir a-steach a' cleachdadh an fhoirm tagraidh eadar-nàiseanta. Luchdaich a-nuas agus clò-bhuail am foirm, lion agus till e chun an t-seòlaidh a tha sgrìobhte air, mas e do thoil e. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn do thagraichean eadar-nàiseanta aig ar duilleig do dh'oileanaich eadar-nàiseanta

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI). Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.

Rannsaich a-rithist