An Cùrsa Comais CertHE

UCAS code Q532
UHI information line 0845 272 3600

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

'S e cùrsa Gàidhlig diana agus eadar-obrachail a tha anns a' Chùrsa Chomais a tha deasaichte dha luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach a tha ag amas a bhith fileanta sa chànan. ’S ann air sgilean cànain a tha prìomh fhòcas a’ chùrsa, an dà chuid labhairte agus sgrìobhte, ach thèid cuspairean eile a ghabhail a-steach feadh a’ chùrsa.

Bidh cothrom agad trì seachdainean de ghreis-dhreuchdail a dhèanamh ann an àrainneachd Ghàidhlig agus na sgilean teòiridh ùra agad a chur gu feum.

Feartan sònraichte

  • Dian chùrsa bogaidh le cuideam ga chur air sgilean labhairt is sgrìobhaidh
  • Ionnsachaidh tu aig Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach no Colaisde a’ Chaisteil UHI ann an Eilean Leòdhais, aig cridhe coimhearsnachd far a bheil a’ Ghàidhlig fhathast làidir.
  • Gabhaidh tu greis-ghnìomhachais a mhaireas tri seachdainean os làimh ann an àrainneachd Ghàidhlig.

Feumalachdan inntrigidh

  • 2 theisteanas Àrd-ìre aig ìre C no nas àirde NO
  • 1 A level aig ìre C no nas àirde
  • Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig aig Àrd-ìre nam measg

Slighean inntrigidh

An Cùrsa Adhartais

Year 1 - CertHE

Modalan Riatanach:

  • Comas Conaltraidh A
  • Comas Conaltraidh B
  • Cànan Foirmeil is Dreuchdail
  • Saoghal na Gàidhlig 1
  • Greis Gnìomhachais

Modalan Roghainneil:

  • Na meadhanan 1*
  • Cànan sa Choimhearsnachd
  • Litreachas: Sgilean Sgrùdaidh
  • Coimpiutaireachd 1
  • Annas-làimhe is Òrain Ghàidhlig 1*
  • Teòiridh, Cruthachadh is Cothromachadh 1*

*Sabhal Mòr Ostaig UHI a-mhàin

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?

  • Làn-ùine

Ionnsachaidh tu tro òraidean agus clasaichean aghaidh-ri-aghaidh aig Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach, no Colaisde a’ Chaisteil UHI ann an Eilean Leòdhais; agus an dà chuid dhiubh aig cridhe coimhearsnachd na Gàidhlig.

Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?

Làn-ùine: 1 bliadhna

Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?

Ceann-latha tòiseachaidh

An t-Sultain

Cìsean

Do dh’oileanaich air còmhnaidh ann an Alba no anns an Aonadh Eòrpach/EEA (taobh a-muigh an RA) agus aig a bheil seòladh tron teirm ann an Alba, a’ dèanamh cùrsa fo-cheum (CertHE), tha na cìsean a leanas a’ buntainn ris:

CertHE 2016-17
Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna
£1,285

Oileanach às a'chòrr den RA

Do dh’oileanaich air còmhnaidh anns a’ chòrr den RA (Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath) agus aig a bheil seòladh ann an Alba rè na teirm, ’s iad seo na cìsean a tha rim pàigheadh:

CertHE 2016-17
Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna
£6,510

Bu chòir cìsean a phàigheadh ro thoiseach a’ chùrsa gach bliadhna acadaimigeach mur tèid aontachadh air modh eile.

Tha àireamh de roghainnean maoineachaidh rim faotainn do dh’oileanaich an RA agus an AE a chuidicheas tu a bhith a’ pàigheadh airson do chuid ionnsachaidh agus cosgaisean bith-beò fhad ’s a bhios tu ag ionnsachadh.

Oileanaich eadar-nàiseanta

Is iad seo na cìsean do dh’oileanaich nach bi gu h-àbhaisteach a’ fuireach anns an RA no anns an Aonadh Eòrpach aig a bheil seòladh ann an Alba tron teirm:

CertHE 2016-17
Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna
£6,510

 

Maoineachadh

Dh'fhaodar sgoilearachdan agus tùsan maoineachaidh eile a bhith rim faotainn.  Cuir fios chun na colaiste airson tuilleadh fiosrachaidh.

 

 

Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?

Aon uair ’s gun coilion thu An Cùrsa Comais gu soirbheachail, faodaidh gum bi ùidh agad ann an dreuchd ann an teagasg Gàidhlig no na meadhanan Gàidhlig.

An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?

Aon uair ’s gun coilion thu an cùrsa agad, is urrainn dhut dol air adhart ri farsaingeachd de chùrsaichean Gàidhlig eile, a' gabhail a-steach:

Cuir a-steach airson An Cùrsa Comais CertHE

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2017

Bu chòir do thagraichean eadar-nàiseanta cuir a-steach a' cleachdadh an fhoirm tagraidh eadar-nàiseanta. Luchdaich a-nuas agus clò-bhuail am foirm, lion agus till e chun an t-seòlaidh a tha sgrìobhte air, mas e do thoil e. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn do thagraichean eadar-nàiseanta aig ar duilleig do dh'oileanaich eadar-nàiseanta

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI). Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.

Rannsaich a-rithist