An Cùrsa Comais CertHE
UCAS code Q532
Information line 01463 279190
Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?
'S e cùrsa Gàidhlig diana agus eadar-obrachail a tha anns a' Chùrsa Chomais a tha deasaichte dha luchd-ionnsachaidh eadar-mheadhanach a tha ag amas a bhith fileanta sa chànan. ’S ann air sgilean cànain a tha prìomh fhòcas a’ chùrsa, an dà chuid labhairte agus sgrìobhte, ach thèid cuspairean eile a ghabhail a-steach feadh a’ chùrsa.
Bidh cothrom agad trì seachdainean de ghreis-dhreuchdail a dhèanamh ann an àrainneachd Ghàidhlig agus na sgilean teòiridh ùra agad a chur gu feum.
Feartan sònraichte
- Dian chùrsa bogaidh le cuideam ga chur air sgilean labhairt is sgrìobhaidh
- Bidh tu ag ionnsachadh ann an Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach, no Colaisde a’ Chaisteil UHI ann an Eilean Leòdhais, na dhà dhiubh stèidhichte aig cridhe choimhearsnachdan beòthail Gàidhlig
- Gabhaidh tu greis-ghnìomhachais a mhaireas tri seachdainean os làimh ann an àrainneachd Ghàidhlig
Feumalachdan inntrigidh
- 3 theisteanas Àrd-ìre aig ìre BBC no nas àirde NO
- 2 A level aig ìre BC no nas àirde
- Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig aig Àrd-ìre nam measg
- Bidh aig cuid de na gheibh àitre air a' chùrsa seo ri dhol tro sgrùdadh PVG Disclosure, agus ri ballrachd a thoirt a-mach san Sgeama PVG, an cois aon mhodail shònraichte a tha na phàirt dheth.
Slighean inntrigidh
Year 1 - CertHE
Modalan Riatanach:
- Comas Conaltraidh A
- Comas Conaltraidh B
- Cànan Foirmeil is Dreuchdail
- Saoghal na Gàidhlig 1
- Greis Gnìomhachais
Modalan Roghainneil:
- Na meadhanan 1*
- Cànan sa Choimhearsnachd
- Litreachas: Sgilean Sgrùdaidh
- Coimpiutaireachd 1
- Annas-làimhe is Òrain Ghàidhlig 1*
- Teòiridh, Cruthachadh is Cothromachadh 1*
*Sabhal Mòr Ostaig UHI a-mhàin
Ciamar a dh’ionnsaicheas mix?
- Làn-ùine
- Bidh tu ag ionnsachadh air a’ chùrsa seo tro òraidean aghaidh-ri-aghaidh agus tràthan-oideachaidh ann an Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach, no Colaisde a’ Chaisteil UHI ann an Eilean Leòdhais, na dhà dhiubh stèidhichte aig cridhe choimhearsnachdan beòthail Gàidhlig
Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?
Làn-ùine: 1 bliadhna
Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?
- Colaisde a' Chaisteil UHI
- Sabhal Mòr Ostaig UHI
Ceann-latha tòiseachaidh
- An t-Sultain
Cìsean
Do dh’oileanaich air còmhnaidh ann an Alba no anns an Aonadh Eòrpach/EEA (taobh a-muigh an RA) agus aig a bheil seòladh tron teirm ann an Alba, a’ dèanamh cùrsa fo-cheum (CertHE), tha na cìsean a leanas a’ buntainn ris:
CertHE | 2019-20 | 2020-21 |
---|---|---|
Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna | £1,285 | £1,285 |
Oileanach às a'chòrr den RA
Do dh’oileanaich air còmhnaidh anns a’ chòrr den RA (Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, a’ toirt a-steach Eilean a’ Chaolais agus Eilean Mhanainn) agus aig a bheil seòladh ann an Alba rè na teirm, ’s iad seo na cìsean a tha rim pàigheadh:
CertHE | 2019-20 | 2020-21 |
---|---|---|
Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna | £6,720 | £6,720 |
Bu chòir cìsean a phàigheadh ro thoiseach a’ chùrsa gach bliadhna acadaimigeach mur tèid aontachadh air modh eile.
Tha àireamh de roghainnean maoineachaidh rim faotainn do dh’oileanaich an RA agus an AE a chuidicheas tu a bhith a' pàigheadh airson do chuid ionnsachaidh agus cosgaisean bith-beò fhad ’s a bhios tu ag ionnsachadh.
Oileanaich eadar-nàiseanta
Is iad seo na cìsean do dh’oileanaich nach bi gu h-àbhaisteach a’ fuireach anns an RA no anns an Aonadh Eòrpach aig a bheil seòladh ann an Alba tron teirm:
CertHE | 2019-20 | 2020-21 |
---|---|---|
Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna | £6,855 | £7,020 |
Maoineachadh
Dh'fhaodar sgoilearachdan agus tùsan maoineachaidh eile a bhith rim faotainn. Cuir fios chun na colaiste airson tuilleadh fiosrachaidh.
Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?
Aon uair ’s gun coilion thu An Cùrsa Comais gu soirbheachail, faodaidh gum bi ùidh agad ann an dreuchd ann an teagasg Gàidhlig no na meadhanan Gàidhlig.
An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?
Aon uair ’s gun coilion thu an cùrsa agad, is urrainn dhut dol air adhart ri farsaingeachd de chùrsaichean Gàidhlig eile, a' gabhail a-steach:
- DipHE Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte
- BA (le Urram) Cànan agus Cultar na Gàidhlig
- BA (le Urram) Gàidhlig agus Leasachadh
- BA (le Urram) Gàidhlig agus na Meadhanan
- BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta
Is there more information available online?
You can use the above QR code to connect directly to the course details.
Apply
Our application system is currently down for maintenance until 9am Tuesday 9th March.