Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?
Chaidh an duais Leasachadh Dreuchdail Leantainneach (LDL) ann an Leasachadh Cànain a dhealbh gus coinneachadh ris na feumalachdan leasachaidh agus trèanaidh sònraichte aig buidhnean Gàidhlig agus ùghdarrasan ionadail.
Ionnsachaidh tu mu phoileasaidh agus planadh cànain aig a h-uile ìre bhon teaghlach don choimhearsnachd, gu sgoiltean, gnothachasan, buidhnean neo-phrothaideach, buidhean riaghaltais nàiseanta agus ionadail agus buidhnean eadar-nàiseanta.
Bheir an cùrsa seo cothrom dhut buannachd fhaighinn bhon teagasg, ionnsachadh agus rannsachadh den ìre as àirde ann an leasachadh cànain agus coimhearsnachd, le sùil gheur air Gàidhlig na h-Alba; a leigeas leat sgilean dreuchdail agus proifeiseanta a leasachadh.
Feartan sònraichte
- Leanaidh tu cùrsa de fhèin-oide le taic bho chlasaichean fòn agus goireasan ionnsachaidh air-loidhne.
- Bidh cothrom agad pàirt a ghabhail ann an deasbadan anns a’ chlas agus ann am buidhnean beaga a’ coimhead air an rannsachadh as ùire agus air na dòighean obrach as fhèarr a gheibhear gu eadar-nàiseanta.
- Bidh susbaint na cùrsa gu h-àraid feumail do dh’oifigearan leasachadh Gàidhlig, oifigearan planadh cànain, luchd co-òrdanachaidh coimhearsnachd agus leasachaidh, agus luchd proifeiseanta foghlam na Gàidhlig.
- Faodar an duais LDL a dhèanamh sa Bheurla cuideachd. Faic CPD in Language Development.
Feumalachdan inntrigidh
- 3 teisteanasan Àrd-ìre aig ìre C no nas àirde
- Beachdaichear aig tagraidhean bho daoine le teisteanasan agus/no eòlas obrach iomchaidh cuideachd.
- Bidh aig tagraichean ri pàirt a ghabhail ann an agallamh, gu h-àbhaisteach le telefòn
- Bidh agad ri eisimpleir den sgrìobhadh agad a chur a-steach
Slighean inntrigidh
Teisteanasan aig ìrean SCQF 7-8 no nas àirde. Eòlas obrach iomchaidh.
Duais LDL
- A’ Ghàidhlig an-dè agus an-diugh
- Poileasaidh agus planadh cànain 1
Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?
- Pàirt-ùine (le structar)
- Pàirt-ùine (gun structar)
Leanaidh tu cùrsa de fhèin-oide le taic bho chlasaichean fòn agus goireasan ionnsachaidh air-loidhne.
Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?
Gu h-àbhaisteach, thèid aon modail a dhèanamh thairis air aon semeastar agus bidh dà chlas fòn ann gach seachdain.
Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?
Ceann-latha tòiseachaidh
- An t-Sultain
- Am Faoilleach
Fees
For information on costs of this course please contact the college at which you wish to study.
Maoineachadh
External scholarships and financial support may be available. Contact the relevant UHI partner college for more information.
Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?
Cuiridh an duais LDL seo ris na cothroman dreuchdail a bhios agad ann an caochladh roinnean leithid bhuidhnean leasachaidh agus buidhnean poblach.
An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?
Faodaidh gum bi e comasach dhut adhartas a dhèanamh ri duaisean no ceumannan a bharrachd taobh a-staigh Sgeama na Gàidhlig agus cuspairean co-cheangailte no duaisean eile aig an oilthigh.
Is there more information available online?
You can use the above QR code to connect directly to the course details.