An Cùrsa Adhartais CertHE

Information iconCòd a' Chùrsa: Q501

Calendar iconModh ionnsachaidh: Bidh sibh a’ gabhail nas lugha de dh’aonadan cùrsa/modalan gach seachdain an taca ri làn-ùine.

Mortar board iconSeòrsa cùrsa: CertHE

Globe iconEadar-nàiseanta: Available to study online

Campus iconDèan sgrùdadh aig: Sabhal Mòr Ostaig

Computer and book iconModh ionnsachaidh: Bidh sibh a’ faotainn chlasaichean agus/no stuthan gu didseatach.

Clock iconFad: Pàirt-ùine: 1 bliadhna

Book and tick iconModh ionnsachaidh: Bidh sibh a’ frithealadh chlasaichean aig amannan ro-shuidhichte, a chithear air a’ chlàr-ama agaibh., Bidh sibh a’ coileanadh pìosan de dh’obair cùrsa gu neo-eisimeileach. Dh’fhaodadh iad sin a bhith air an suidheachadh leis an òraidiche agaibh no air an taghadh leibh fhèin.

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Tha Teisteanas a’ Chùrsa Adhartais a’ tabhann cothrom dhut gu do mhisneachd a leasachadh anns gach taobh de na sgilean conaltraidh ann an Gàidhlig. Bheir e dhut bunait làidir airson tuilleadh ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig agus neartaichidh e do chothroman ann am faotainn cosnadh ann an roinn na Gàidhlig.

Tha an cùrsa air a lìbhrigeadh tro ionnsachadh air astar air-loidhne agus tha e co-ionann ris a’ chiad bhliadhna den chùrsa ceum Gàidhlig is Sgrùdaidhean Co-cheangailte. Tha an cùrsa seo a’ còmhdachadh nam puingean gràmair a th’ anns a’ Chùrsa Chomais agus a’ cleachdadh na h-aon dòighean teagaisg agus ionnsachaidh ris A’ Chùrsa Inntrigidh.

Feartan sònraichte

  • Tha an cùrsa seo a’ gabhail a-steach dòighean-ionnsachaidh cànain ùr-ghnàthach
  • Cuideachaidh e thu gu bhith a' deasachadh airson cothroman-obrach ann an roinn na Gàidhlig
  • Bidh cothrom agad Sgoil Deireadh-Seachdain roghainneil fhrithealadh, a choinneachadh agus a bhruidhinn ri oileanaich eile
  • Ionnsachaidh tu pàirt-ùine agus air-loidhne, a’ ciallachadh gun urrainn dhut do chuid ionnsachaidh a ghabhail os làimh san ùine agad fhèin

Feumalachdan inntrigidh

  • 2 theisteanas Àrd-ìre aig ìre C no nas àirde NO
  • 1 A level aig ìre C no nas àirde
  • Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig aig Àrd-ìre nam measg

Thoir aire:

  • Chan eil e comasach do thagraichean soirbheachail àite air cùrsa a chur dheth gus an ath bhliadhna, mar eisimpleir, bliadhna a ghabhail dheth mus tòisich iad air a chùrsa
  • On a tha an cùrsa seo pàirt-ùine air-loidhne, chan eil e fosgailte do dh’oileanaich eadar-nàiseanta a tha airson a thighinn a dh’ionnsachadh don Rìoghachd Aonaichte, aig a bheil feum air bhìosa Ìre 4


 

Slighean inntrigidh

  • Modalan cànain 1 – 6
  • Modal cuspaireil 7

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?

  • Pàirt-ùine (le structar)
  • Pàirt-ùine (gun structar)
  • Nì thu an cùrsa seo air-loidhne tro àrainneachd ionnsachaidh mas-fhìor an oilthigh (VLE) le taic bho luchd-oide aig Sabhal Mòr Ostaig UHI
  • Bidh òraidean agus clasaichean tro cho-labhairt chlaistinn agad cuideachd

Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?

  • Pàirt-ùine: 1 bliadhna
  • Sabhal Mòr Ostaig
  • Faodar an cùrsa seo a tha gu tur air loidhne a dhèanamh bho àite sam bith san t-saoghal. Bu choir dhuibh iarrtas a chuir gu Sabhal Mòr Ostaig. Bith sibh clàraichte leotha agus a’ faighinn taic bhuapa

A’ tòiseachadh

  • An Lùnastal

Cìsean

For information on costs of this course please contact the campus where you wish to study.

Maoineachadh

UHI has a number of scholarships, bursaries, awards, and discretionary fund opportunities available to new and current students. Please use the A-Z of funds or use the filter to see which ones may be relevant to you. All students are welcome to apply.

Further information on funding your studies is also available, please see the attached link or contact the relevant UHI partner.

Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?

Aon uair ’s gun coilion thu An Cùrsa Adhartais gu soirbheachail, faodaidh gum bi ùidh agad anns na dreuchdan a leanas:

  • Leasachadh Gàidhlig
  • Obair rianachd Gàidhlig
  • Ceum ann an Gàidhlig

An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?

Tha an CertHE An Cùrsa Adhartais a’ leigeil leat dol air adhart ris na cùrsaichean a leanas:

  • DipHE Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte

Cuir a-steach airson An Cùrsa Adhartais CertHE

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2026

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.