An fheadhainn tha laighe sàmhach

An fheadhainn tha làighe sàmhach

Tha pròiseact ùr air tòiseachadh le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, a bhios a’ coimhead air ais 100 bliadhna gu 1914, nuair a thòisich an Cogadh Mòr. Tha Taigh Chearsabhagh an sàs ann cuideachd, le taisbeanadh gu bhith ann, a dh’fhosglas air 11/11/2014.

Project LogoAm measg rudan eile ’s ann a bhios am pròiseact a’ cruinneachadh stòraidhean agus cuimhneachan aig muinntir Uibhist a Tuath. Agus, cuide ri Caraidean Uibhist agus Tagsa, tha Guthan nan Eilean gu math toilichte a bhith a’ toirt taic dhan phròiseict seo.

Tha iad air blog a thòiseachadh mar-thà, far am faighear fiosrachadh a bharrachd mu dheidhinn.

Watch this space!