Air an oidhche mu dheireadh bha còmhradh goirid “dà-chànanach” ann eadar Caoimhín Ó Dónaill agus Gordon Wells.
’S e Caoimhín, a tha ag obair aig Ollscoil Uladh, a chuir air dòigh a’ chuairt le taic bhon choimpàirteachas “Colmcille”, agus tha Gordon na cho-òrdanaiche aig Guthan nan Eilean, agus e ag obair mar oifigear phròiseactan airson Sabhal Mòr Ostaig.
An seo tha iad a’ bruidhinn air mar a bha iad fhèin a’ faireachdainn mu na chunnaic iad agus na rinn iad sna beagan làithean a bh’ aca.
Tha tòrr air tighinn a-mach mar-thà, le bhidiothan gu leòr air seanail ùr “Guthanna na nGael”. (Tha iad air Facebook cuideachd). Agus thathas an dòchas gum bi barrachd ri fhaicinn agus ri dhèanamh còmhla fhathast…