Flòraidh “ioma-chànanach”!

Gàidhlig agus Beurla, gu cinnteach – ach a bheil cànain eile aig Flòraidh NicDhòmhnaill? Agus ma tha, cia mheud!?

Abair seachdain “techie” a th’ air a bhith aig Guthan nan Eilean. Bha fèill mhòr Dihaoine is Disathairne sa chaidh air na fo-thiotalan “automataigeach” a chaidh a chruthachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann ann am pròiseact Shoillse, ach dè eile a thàinig a-mach à sin ach cothrom fo-thiotalan a chur air na bhidiothan Gàidhlig uile gu lèir a th’ aig Guthan nan Eilean air YouTube! Cha ghabh an obair sin dèanamh taobh-a-staigh latha, ach tha an sgioba ris a’ ghnothach, agus tha Sreath 1 deiseil mar-thà.

Chan e sin deireadh an sgeòil ge-tà. Le fo-thiotalan “san t-siostam” a-nis tha sin a’ fàgail gur urrainnear “eadar-theangachadh” a thabhann cuideachd tro Google Translate air na fo-thiotalan sna bhidiothan. Cha bhi iad gun mhearachd idir, ach can nam biodh càirdean agad aig nach eil Gàidhlig: an dèidh dhut “CC” a chur air, faodar an uair sin na settings air “subtitles” atharrachadh gu “auto-translate” airson tionndadh air choireigin a thabhann dhaibh ann am Beurla – no Frangais, Gearmailtis, agus iomadh cànan eile.

Seo Flòraidh, ma tha, ann an Sreath 1, ri “leughadh” cha mhòr ann an cànan sam bith a thogras tu.

Agus mar chuimhne air a’ chuspair air a bheil i a’ bruidhinn, cuir sùil a-rithis air a’ phost “Community Adaptations” airson tionndaidhean eile (gun fo-thiotalan) fhaicinn dhe na filmichean aithriseach a thòisich an còmhradh, le seann charaid eile aig Guthan nan Eilean na rionnag annta…