Guthan nan Eilthireach

Peter KerrTha leabhar ùr air tighinn a-mach le Comunn Eachdraidh Bheàrnaraigh, a chaidh a sgrìobhadh le Pàdraig MacIlleChiar. ‘S e cuspair an leabhair “Sgeul nan eilthireach a dh’fhalbh à Beàrnaraigh na Hearadh”. Thàinig e a-mach ann an clò sa Bheurla leis an tiotal “The Story of Emigration from Berneray, Harris”, ach tha tionndadh Gàidhlig ann cuideachd ann an cruth “e-book”. Gheibhear an seo e air làrach Smashwords. A bharrachd air cuideachadh le daoine sa choimhearsnachd fhuair am pròiseact seo taic-airgid bho LEADER. Tionndadh Gàidhlig air Kindle

Bhruidhinn Pàdraig ri Gordon Wells mu dheidhinn eachdraidh a theaghlaich fhèin agus mun leabhar agus mar a thàinig e gu bith. Tha pròiseact ùr inntinneach gu bhith aig Comunn Eachdraidh Bheàrnaraigh cuideachd. Tha Pàdruig ag ionnsachadh na Gàidhlig a-nis, ach ‘s ann sa Bheurla a tha e a’ bruidhinn an seo.

(Peter speaks in English here. You can find an English introduction on the Am Pàipear site.)