Neach-Rannsachaidh Òg Eile

Stuart DunmoreChaidh a’ cho-labhairt aig Soillse ann an Sabhal Mòr Ostaig a chur air dòigh leis an Sgioba Rannsachaidh fo stiùir Tim Armstrong. Tha tòrr dhaoine òga sa bhuidheann seo, agus tha iad gu math beothail agus gu math comasach.

Tha iad air a bhith stèidhte ann an Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Obar Dheathainn, agus Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, ach uile ag obair còmhla airson rannsachadh air staid na Gàidhlig a thoirt air adhart.

Seo ball eile – Stuart Dunmore – a’ bruidhinn mu dheidhinn na seiseanan san robh e fhèin an sàs air a’ chiad latha.