Seo òran eile bhon chòmhlan “Bi Beò” – nach maireann… A-rithis chaidh a chur air Clilstore (aonad 1541) gus an tèid aig luchd-ionnsachaidh air na faclan a leughadh fhad ’s a tha iad ag èisteachd ris an òran.
Eu-coltach ri “Sgath Sgitheanach”, mar eisimpleir, chan e òran simplidh a tha seo. Chaidh a sgrìobhadh le Kevin de Las Casas an toiseach, ach chuir James McLetchie tionndadh Gàidhlig air san stoidhle aige fhèin. Tha e dèiligeadh le cuspairean caran doirbh dorcha, mar eilthireachd no fuadach. Mar sin, ged a bhiodh e mach às an àbhaist ann an aon dòigh, dh’fhaodadh tu ràdh gu bheil e fhathast gu math Gàidhealach ann an dòigh eile. Agus ’s ann air sgàth sin a chaidh
a thaghadh airson a dhol leis an òran.
Faodar ceòl an òrain a chluinntinn aig toiseach agus aig deireadh a’ bhidio aig Guthan nan Eilean air Greenspace an seo.
[youtube=http://www.youtube.com/watch?v=Kr2Zn6S6d2E&w=400&h=225]
Agus seo an t-òran air fad air SoundCloud ma tha duine airson èisteachd ris leis fhèin, gun a bhith a’ leughadh na faclan còmhla air Clilstore.
[soundcloud url=”https://api.soundcloud.com/tracks/124153436″ params=”color=ff6600&auto_play=false&show_artwork=true” width=”100%” height=”166″ iframe=”true” /]