Tha Pàdruig Moireasdan air sianail ùr aige fhèin a stèidheachadh air Ipadio. Ach an àite a bhith ga cleachdadh airson phonecasts a dhèanamh, tha e air tòiseachadh le faidhlichean MP3 a chur oirre.
Tha CD a’ dol leis an leabhar aig a sheanair, “Thugam agus Bhuam”, air a bheil Lachlann Phàdruig (athair Phàdruig òig) a’ gabhail feadhainn dhe na h-òrain aig athair fhèin agus e a’ còmhradh le Gordon Wells. Tha Pàdruig òg air an cur air-loidhne a-nis, gus an tèid aig luchd-ionnsachaidh is eile air an cluinntinn gu furasta. ‘S e goireas ùr cuideachail a tha seo. Agus ma tha sibh airson na faclan fhaicinn cuideachd chan fheum sibh ach an leabhar fhaighinn… Nach math a rinn e!