Taisbeanadh aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

TaisbeanadhSGGChaidh taisbeanadh a thoirt seachad air Guthan nan Eilean agus Clilstore aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air a’ mhìos sa chaidh. ‘S e Gordon Wells agus Caoimhín Ó Donnaíle a bha ga lìbhrigeadh, agus iad airson sealltainn do thidsearan ann an Glaschu na stuthan-ionnsachaidh agus na h-innealan air a bheil Sabhal Mòr Ostaig air a bhith ag obair cuide ri colaistean eile san Roinn Eòrpa.

Seo an taisbeanadh a thug Gordon seachad air na pròiseactan Eòrpach agus Guthan nan Eilean, le ceanglaichean beò ann le eisimpleirean.