Aonghas Caimbeul

susbaint

B’ e am prìomh bhrosnachadh aig Aonghas a bhith an sàs ann am beatha phoblach, an cothrom a chruthachadh do dhaoine òga a bhith a’ fuireach, ag obair agus ag ionnsachadh air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha Aonghas à Leòdhas, far a bheil e a’ ruith gnìomhachas ionadail. Bha e roimhe na Cheannard air Comhairle nan Eilean Siar, iar-chathraiche nature.scot agus cathraiche Bòrd Coimhearsnachd Neo-eisimeileach CalMac.