Uilleam Printie

susbaint

Ball den chùirt, neo-eisimeileach

’S ann à Dùn Èideann a tha Uilleam o thùs agus cheumnaich e bho Oilthigh Srath Chluaidh le ceum ann an Innleadaireachd Meacanaigeach. Tha MBA aige cuideachd bho Oilthigh Dhùn Èideann.

Chuir e seachad a’ mhòr-chuid den rèis-obrach aige leis a’ chompanaidh cùram-slàinte mòr, Johnson & Johnson. Mus do thòisich e aig LifeScan ann an 2005, dh’obraich Uilleam le Ethicon Earranta ann an Dùn Èideann.

Eadar 2008 agus a’ Chèitean 2014, nuair a leig e dheth a dhreuchd, b’ e esan ceannard LifeScan Scotland Earranta.

Tha e na einnseanair cùmhnantaichte, na Neach-Caidreachais ann an Institiud Innleadaireachd is Teicneòlais agus na Bhall de Institiud nan Einnseanairean Meacanaigeach.