Oileanaich a’ toirt comharran àrda do UHI san t-suirbhidh nàiseanta

Tha oileanaich aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) air an eòlas ionnsachaidh a rangachadh àrd ann an suirbhidh air feadh na RA. Fhuair UHI sgòr de 81% airson riarachas iomlan oileanaich ann an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2023, ceithir puingean sa cheud nas àirde na cuibheas roinn na h-Alba de 77%.

Tha na toraidhean a’ cur UHI san t-siathamh àite ann an Alba airson riarachas oileanaich, os cionn a dhà dheug oilthighean eile ann an Alba.

Air a ruith gach bliadhna le Ipsos MORI, bidh Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach a’ clàradh riarachas fo-cheumnaichean sa bhliadhna mu dheireadh, anns gach pàirt de an cuid eòlais. Is e seo aon de na sgrùdaidhean oileanach as motha san t-saoghal, air a chuir gu gach oileanach sa bhliadhna mu dheireadh san RA. Am-bliadhna fhreagair 339,383 neach aig 528 institiudan.

Fhuair UHI sgòr nas àirde na an cuibheas Albannach ann an 22 de na 27 ceistean, le toraidhean làidir ann an teagasg, cothroman ionnsachaidh, measadh is ais-fhiosrachadh, taic acadaimigeach, sunnd inntinneil, eagrachadh is stiùireadh agus guth oileanaich. 

Fhuair ceithir de chùrsaichean UHI - BA (Urram) Gnothachas is Stiùireadh, BSc Saidheans Slàinte Beòil, BSc (Urram) Saidhceòlas agus BA (Urram) Eòlas Diadhachd - rangachadh riarachais de 100%.

A’ labhairt mu na toraidhean, thuirt an Dr Iain Moireasdan, deadhan eòlas oileanaich UHI: “A’ tighinn cho luath às dèidh ar toraidhean air leth a thaobh riarachas oileanaich, tha ar fo-cheumnaichean air aontachadh gur e UHI aon de na h-àiteachan as fheàrr san dùthaich airson ionnsachadh. Tha sinn moiteil às gach aon de ar n-oileanaich agus tha a bhith a’ faotainn freagairt cho deimhinneach bhuapa mu an eòlas, na dhuais air a deagh chosnadh le ar luchd-obrach thàlantach a tha cho cuimsichte air na h-oileanaich. Tha na toraidhean àrda leantainneach seo a’ ciallachadh gum feum neach sam bith a tha a’ smaoineachadh air tagradh airson ionnsachadh, beachdachadh air UHI mar aon de na roghainnean as fheàrr.”

Thuirt Ceann-suidhe Chomann nan Oileanach, Uilleam Caimbeul: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil oileanaich aig UHI a’ leantainn air adhart a’ toirt cunntas air eòlas cho math tarsainn uimhir de raointean den eòlas aca. Tha e an-còmhnaidh sgoinneil an obair agus an oidhirp a chuir uimhir de dhaoine a-steach fhaicinn san dòigh seo. Mar Cheann-suidhe air Comann nan Oileanach, tha mi cuideachd air leth toilichte leis an àrdachadh mòr san sgòr a thug oileanaich do Chomann nan Oileanach aca ann an toraidhean na bliadhna seo.”

Faodar toraidhean Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach fhaicinn aig: www.officeforstudents.org.uk/advice-and-guidance/student-information-and-data/national-student-survey-nss

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chùrsaichean aig UHI, tadhailibh air www.uhi.ac.uk/courses