Na Meadhanan Gàidhlig DipHE

UCAS code P390

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Ma tha dreuchd sna meadhanan Gàidhlig fa-near dhut, gheibh thu an t-eòlas is an t-ionnsachadh air a’ chùrsa DipHE Na Meadhanan Gàidhlig a tha a dhìth airson tòiseachadh san àite-obrach.

Tha an cùrsa ga lìbhrigeadh aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach an com-pàirteachas le gnìomhachas craolaidh is nam meadhanan an Alba. Tha còrr is 20 bliadhna de dh’eòlas air trèanadh craolaidh aig Sabhal Mòr Ostaig agus bidh cothroman sa ghnìomhachas ann tron luchd-obrach fhiosrach dhealasach aca agus tro cheanglaichean làidir leis a’ ghnìomhachas.

Cuiridh tu eòlas is sgilean a’ ghnìomhachais cuide ri sgilean nas fharsaing a bhios luchd-fastaidh a’ sireadh. Gheibh thu cothrom na sgilean cànain agad a thoirt am feabhas air a’ chùrsa agus anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig.

Anns a’ chiad bhliadhna, gheibh thu cothrom seachdain obrach a chur seachad cuide ri BBC Aonad Craolaidh A-muigh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus gheibh thu molaidhean cunbhalach bho phroifeiseantaich thar grunn mhodalan. Bidh clasaichean le eòlaichean nàiseanta is eadar-nàiseanta ann aig a bheil sàr sgilean teicnigeach is conaltraidh.

Anns an dàrna bliadhna, cuiridh tu deich mìosan seachad air greis obrach aig grunn chompanaidhean mheadhanan is bhuidhnean craolaidh agus thèid do mheasadh air an obair a nì thu ann. Tha MG Alba* agus pannal comhairleachaidh anns a bheil proifeiseantaich agus riochdairean aig Sabhal Mòr Ostaig a’ cumail taic ris na cothroman obrach seo.

*Tha MG ALBA air a riaghladh le Ofcom agus tha a bhòrd air shuidheachadh le Ofcom, le aonta Ministearan na h-Alba. ’S e MG ALBA ainm obrach Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig.

Feartan sònraichte

  • Thèid do theagasg is gheibh thu taic le luchd-teagaisg is luchd-taic aig a bheil sàr eòlas
  • Gheibh thu buannachd à eòlas is taic sàr eòlaichean aithnichte
  • Sàr-chlasaichean ann an sgilean teicnigeach is conaltraidh
  • Goireasan teicnigeach barraichte aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach
  • Coileanadh cùrsa dà bhliadhna air greis-ghnìomhachais deich mìosan

Feumalachdan inntrigidh

  • 3 Àrd-ìrean aig ìrean BBC no nas àirde, agus Gàidhlig (fileantaich) no Gaelic (luchd-ionnsachaidh) aig ìre B no nas àirde nam measg
  • 2 A-ìre aig ìre BC no nas àirde
  • Thèid tagraichean aig a bheil teisteanasan no eòlas eile a mheas fa leth
  • Thathar a’ sùileachadh gum bi tagraichean a’ taisbeanadh gu bheil iad dealasach mu bhith ag obair sa ghnìomhachas agus gu bheil iad fileanta ann an Gàidhlig labhairteach is sgrìobhte: thèid seo a mheas anns an agallamh

Slighean inntrigidh

  • Faodaidh tagraichean nach eil fileanta gu leòr airson àite fhaighinn air a’ chùrsa àite fhaighinn an dèidh An Cùrsa Comais CertHE a choileanadh

Year 1 - CertHE

Nì thu na modalan riatanach a leanas:

  • Sgilean conaltraidh airson nam meadhanan
  • Sgilean teicnigeach
  • Deasachadh
  • Rannsachadh is sgilean riochdachaidh telebhisein
  • Riochdachadh rèidio
  • Niadheachdas Rèidio is Telebhisein

Year 2 - DipHE

Nì thu na modalan riatanach a leanas:

  • Obair sgioba èifeachdach
  • Neartachadh sgilean eadar-phearsanta
  • Dòigh-obrach phroifeiseanta (creideas dùbailte)
  • Sgilean dreuchdail (creideas dùbailte)

Ciamar a dh’ionnsaicheas mix?

  • Làn-ùine

Bidh thu ag ionnsachadh tro mheasgachadh de dh’òraidean aghaidh ri aghaidh, clasaichean is obair phrataigeach aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach agus air greisean-gnìomhachais agus air-loidhne tro VLE an oilthigh le taic an luchd-teagaisg agad.


Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?


  • Làn-ùine: 2 bhliadhna @ 40 uair san t-seachdain

Tha an àireamh de dh’uairean san t-seachdain a’ sealltainn na bu chòir dhut a chosg air a’ chùrsa eadar uairean ann an òraidean agus ùine air an sgrùdadh is rannsachadh agad fhèin.


Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?

  • Sabhal Mòr Ostaig UHI

Ceann-latha tòiseachaidh

  • An t-Sultain

Cìsean

Airson fiosrachadh mu chosgaisean a’ chùrsa seo, cuir fios chun a colaiste far a bheil thu airson a bhith ag ionnsachadh.

Maoineachadh

Anns an dàrna bliadhna den chùrsa seo -  bidh na h-oileanaich air a’ ghreis-ghnìomhachais 10 mìosan a’ faighinn tabhartasan mìosail bho MG Alba.

Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?

’S urrainn dhut cumail ort ann an dreuchd anns na meadhanan a leithid telebhisean no rèidio an dèidh dhut an cùrsa seo a choileanadh gu soirbheachail.

Is there more information available online?

QR

You can use the above QR code to connect directly to the course details.

Cuir a-steach airson Na Meadhanan Gàidhlig DipHE

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2021

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.