Tha a’ cho-labhairt air tòiseachadh aig Sabhal Mòr Ostaig air an Eilean Sgitheanach. ‘S e cuspair na co-labhairt “Foghlam dà-chànanach agus ath-bheothachadh cànain – bho Theòiridh gu Gnìomh”.
Seo agaibh guthan òga ùra ag innse dhuinn mu dheidhinn bùth-obrach a chuir iad air dòigh air a’ chiad latha. Bha deagh dheasbad ann, agus bha cothrom aig a h-uile duine a bha ann na beachdan agus na ceistean aca fhèin a thogail.
‘S math a rinn iad!