Tha a’ cho-labhairt air tòiseachadh aig Sabhal Mòr Ostaig air an Eilean Sgitheanach. ‘S e cuspair na co-labhairt “Foghlam dà-chànanach agus ath-bheothachadh cànain – bho Theòiridh gu Gnìomh”.
Seo agaibh guthan òga ùra ag innse dhuinn mu dheidhinn bùth-obrach a chuir iad air dòigh air a’ chiad latha. Bha deagh dheasbad ann, agus bha cothrom aig a h-uile duine a bha ann na beachdan agus na ceistean aca fhèin a thogail.
‘S math a rinn iad!
Seo agaibh fiosrachadh air co-labhairt aig Sabhal Mòr Ostaig air a cur air dòigh le Soillse, agus cuireadh airson a dhol ann… ‘S cinnteach gum bi na cuspairean inntinneach. Deagh dheasbad ann an àite brèagha!
Professor Conchúr Ó Giollagáin and Dr Timothy Currie Armstrong deliver a bilingual introduction to the May 2015 conference on Bilingual Education and Language Revitalisation at Sabhal Mòr Ostaig on the Isle of Skye, and an invitation to attend!