Buannaichibh eàrlas £100 ann an àm airson na Nollaige! Cuiribh a-steach airson farpais Chlas 2023!

Far a bheil na tha romhaibh san àm ri teachd a’ ciallachadh barrachd

www.uhi.ac.uk/alumni

Halò agus fàilte chridheil don choimhearsnachd alumni againn!

Mar cheumnaiche bho UHI, bu mhath leinn meal-an-naidheachd a chur oirbh airson na choilean sibh agus fàilte a chur oirbh don choimhearsnachd alumni chruinneil fhàsmhor againn, anns a bheil barrachd is 37,000 duine a bha nan oileanaich leinn roimhe! Tha e air a bhith mìorbhaileach a bhith a 'faicinn a h-uile dealbh agus bhidio bho na diofar cheumnaichean air feadh ar com-pàirteachais. Is e latha a th’ ann a tha sinn cinnteach nach dìochuimhnich thu gu bràth!

Do mhòran agaibh, chan e seo a’ chiad turas a cheumnaich sibh bho UHI, agus tha e mìorbhaileach ri fhaicinn mar a thilleas uiread de na ceumnaichean againn a dh’ionnsachadh leinn!

Tha an sgioba conaltraidh ri alumni an seo gus taic a thoirt dhuibh nur beatha às dèidh an oilthigh agus tha sinn a’ tabhann caochladh bhuannachdan is sheirbheisean, nam measg:

Cothrom air Handshake - a chuidicheas tu le do roghainn de dh’obair fhaotainn.
 Taic is stiùireadh a thaobh dhreuchdan fad ur beatha
 Lasachadh air cìsean chùrsaichean for-cheuma
Cothrom air caochladh ghoireasan-d
Cuairt-litir-d chunbhalach gus naidheachdan a chumail ribh mu UHI agus na h-alumni
Cothroman air obair shaor-thoileach
Cuireadh gu tachartasan agus ath-chruinneachaidhean
Cothroman lìonrachaidh
Duilleag shònraichte air Facebook is Twitter mu dhreuchdan agus buidheann lìonraidh do dh’alumni air LinkedIn!

Bu toil leinn fios a bhith againn mar a tha a’ dol leibh agus fios a chumail ribh mu na tha a’ tachairt aig UHI. Faodaidh sibh fios a chur thugainn aig àm sam bith le bhith a’ lionadh an fhoirm ùrachadh fiosrachaidh air an làraich-lìn againn.

Tha sinn da-rìribh a’ cur luach air na h-alumni againn, mar sin cuiribh fios ma tha smaoineasan, ceistean no beachdan sam bith agaibh.

Le deagh dhùrachd airson soirbheachadh leantainneach dhuibh, bho a h-uile duine againn ann an UHI! 

🎓💜😊

 

Fuirichibh ann an conaltradh feuch am buannaich sibh!

Fad na bliadhna, tha na ceumnaichean 2023 againn air a bhith a’ cur a-steach don cho-fharpais ‘fuireach ann an conaltradh’ againn feuch am buannaich iad aon de thrì eàrlasan £100 airson na bùtha as fheàrr leotha.* ‘S e Didòmhnaich 10mh Dùbhlachd an ceann-ama airson tagraidhean, mar sin bithibh sgiobalta! Ma chuir sibh a-steach mu thràth, chan eagal dhuibh, tha sibh sa chrannchur agus chan eil feum a bhith a’ cur a-steach a-rithist. Ainmichidh sinn na trì buannaichean fortanach air na seanailean mheadhanan sòisealta againn. Gura math a thèid leibh!

*Aon tagradh do gach neach. Fosgailte don h-uile duine a cheumnaich o UHI ann an 2023 is a chuireas a-steach ron cheann-latha dùnaidh. Cuiridh sinn fios gu na buannaichean tro phost-d agus bheir sinn brath air na meadhanan sòisealta gu goirid às dèidh sin. Feumaidh eàrlas a bhith ri fhaighinn ri a cheannach air-loidhne.

Ùisdean - ar mathan ceumnachaidh!

An d’fhuair sibh cothrom ur cuimhneachan ceumnachaidh a thogail? ’S e Ùisdean an t-ainm a th’ air, agus is e as ciall dha tuigse, cridhe agus gu bràth - rud a tha foirfe a bhith a’ riochdachadh nan ceumnaichean agus nan alumni againn!

Is e £10 a’ phrìs a th’ air le £3 airson postachd, is thèid a’ phrothaid uile a thoirt seachad do Mhaoin Sgoilearachasan UHI, a bheir taic do na h-oileanaich a tha agus a bhitheas againn an comasachd a thoirt gu buil a dh’aindeoin an suidheachadh pearsanta.

Ma tha sibh airson Ùisdean a cheannach dhuibh fhèin no do chuideigin as aithne dhuibh, gabhaidh pàigheadh an seo. Is e TED023 an còd a dh’fheumas sibh.

Agus is toil leinn cuideachd a bhith a’ faicinn dè tha Ùisdean ris! Feuchaibh an cuir sibh ur dealbhan thugainn! Chaidh eadhon fhaicinn a’ siubhal timcheall Chanada

 

Tha Handshake na àrd-ùrlar leasachaidh dreuchd air-loidhne ùr, brosnachail is fiùghantach agus app gluasadach a tha a’ ceangal cheumnaichean UHI gu dìreach ri fastaichean, a chuidicheas tu le do roghainn de dh’obair fhaotainn.

Le bhith ag amalachadh sheirbheisean Sgioba Dhreuchdan is Cosnaidh UHI, le Handshake gheibh thu cothrom air comhairle agus coidseadh pearsanaichte agus pàirt a ghabhail ann am measgachadh de bhùthan-obrach is thachartasan leasachaidh dreuchd.

Thig don choimhearsnachd Handshake an seo no luchdaich sìos an app. Feuch an toir thu beagan ùine airson do phròifil agus roghainnean a chur air dòigh gus dèanamh cinnteach gun toir thu an fheum as fheàrr às an àrd-ùrlar seo.

Airson tuilleadh fiosrachaidh agus goireasan airson taic a thoirt dhut, nach cuir thu post-d gu UHI Sgioba Dhreuchdan is Cosnaidh UHI  no tadhail air na duilleagan-lìn aca.

 

Bho Uibhist a Deas gu Astràilia: cuiribh eòlas air alumni na bliadhna againn!

Tha Chloe Steele na h-eisimpleir air leth den luach, an deachdadh agus a’ bhuaidh a dh’fhaodas a bhith ri am faotainn tro ionnsachadh le UHI. Is i a’ chiad neach às na h-Eileanan an Iar a cheumnaich leis an làn-cheum le urram ann an ceòl gnìomhaichte, ag ionnsachadh bhon dachaigh. Chaidh an t-albam as ùire aice, 'Calum Beag's Cèilidh' a mhaoineachadh tro urrasachd bho ghnothachas agus tha e a’ taisbeanadh buill den choimhearsnachd. Gabhaidh an t-albam luchdachadh a-nuas air loidhne a-nis, is a' phrothaid bhuaithe air fad ga toirt seachad do dh’Iomairt Cùram Aillse nan Eilean Siar, mar chuimhneachan air athair nach maireann a cèile.

Thuirt Chloe fhèin: “Is e fìor thlachd is onair a th’ ann an obair chruaidh agam agus an dìorras is an dealas a th’ agam airson mo chultair agus mo choimhearsnachd a bhith air an aithneachadh tron duais seo... Chaidh atharrachadh a thoirt air mo bheatha leis na cothroman a fhuair mi tro bhith ag ionnsachadh aig UHI. Tha iad air cothrom a thoirt dhomh meas agus luach a chur air mo chultar aig ìre phearsanta, dhomhainn agus brìoghmhor."

Bha an t-Oll Graham Hannaford air aon de na ciad oileanaich air an MLitt againn ann an Eachdraidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean nuair a chaidh a chur air bhog ann an 2011, agus rinn e a chuid ionnsachaidh air-loidhne bhon dachaigh aige ann an Astràilia. Chaidh e air adhart gus an ceum a chrìochnachadh ann an 2015, agus e a’ faighinn caochladh chomharran aig ìre àrd-urraim. Lean Graham air a bhith a’ toirt sàr thaic don Ionad Eachdraidh, is e a' cumail suas dàimh làidir rinn, agus chuidich e le ceanglaichean ri coimhearsnachd nan eilthireach Albannach ann an Astràilia.

Thuirt Graham fhèin: “Tha e na thogail-inntinn dhomh gu bheil an duais seo ag aithneachadh ruigsinneachd chruinneil UHI agus, gu sònraichte, oidhirpean an Ionaid Eachdraidh a bhith a’ dèanamh cheanglaichean ri coimhearsnachd nach eil idir air a cuibhreachadh le crìochan cruinn-eòlasach. Aig ìre phearsanta, tha an duais a’ leigeil fhaicinn nach eil aois a’ cur bacadh sam bith air ionnsachadh agus coileanadh acadaimigeach (tha mi 75) agus tha mi an dòchas gun toir e brosnachadh do dhaoine eile de gach aois cumail orra ag obair a dh’ionnsaigh an amasan fhèin.”

Bidh sinn a dh’aithghearr a’ cur air bhog na h-iomairt againn ‘Càit a bheil iad a-nis’ agus bhitheamaid anabarrach toilichte nan gabhadh sibh pàirt innte!

'S e a thathar a’ feuchainn a bhith a' comharrachadh nas urrainn do na h-alumni againn coileanadh, an turas aca, agus mar a chuidich UHI iad gus seo a thoirt gu buil. Bidh e a’ nochdadh feadh nan seanailean againn air fad air na meadhanan sòisealta, na làraich-lìn againn agus stuthan sgrùdadh cùise.

Chan eil agaibh ach beagan cheistean goirid a fhreagairt agus dealbh dhibh fhèin a chur riutha (bhiodh e math fear proifeiseanta a bhith ann ma tha a leithid agaibh). Tha e cudromach gun e dealbh de chàileachd àrd a bhios ann, gun duine sam bith eile san dealbh.

Sàr dhaon-eòlaiche foireansach agus neach-ciùil cliùiteach air an urramachadh aig cuirm le UHI

Tha an sàr dhaon-eòlaiche foireansach agus Ceann-suidhe Cholaiste Naoimh Eòin ann an Àth nan Damh, an t-Àrd-Ollamh an Dàma Sue Black, Bana-bharan an t-Sròim, agus an neach-ciùil Gàidhealach cliùiteach Donnchadh Siosalach air ollamhachdan urramach fhaighinn o UHI.

Meal-an-naidheachd air Niamh Mhoireach a choisinn an Duais airson Sàr-mhathais ann an Innleadaireachd am-bliadhna!

Agus i na tiodhlac o Willie Printie, bidh an duais ga buileachadh gach bliadhna air ceumnaiche a lean orra an déidh eòlas a chur air preantasachd ann an innleadaireachd, a choisinn teisteanasan foghlaim adhartaich agus a rinn sàr obair an uairsin rè an cuid ionnsachaidh airson ceum.

Thòisich Niamh mar phreantas innleadaireachd aig LifeScan agus rinn i HNC ann an siostaman innleadaireachd le UHI Inbhir Nis. Cheumnaich i am-bliadhna le BEng (le Urram) sa chiad rang ann an innleadaireachd mheacanaigeach le UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall, agus tha i a-nis na h-innleadair obrach-gleidhidh aig LifeScan! Fhuair i an duais aice aig cuirm-cheumnachaidh UHI Inbhir Nis san Dàmhair.

Oileanaich altramais agus banais-ghlùine air an urramachadh aig cuirm-cheumnachaidh

Bha còrr is 120 oileanach altramais agus banais-ghlùine an làthair aig cuirm UHI airson ceumnachadh agus gàirdeachas ri soirbheachas agus coileanadh.

Plana Gàidhlig ùr UHI

Tha am plana ùr a’ mìneachadh miann UHI a’ Ghàidhlig a bhith ga cleachdadh “nas trice, le barrachd dhaoine ann an raon nas fharsainge de shuidheachaidhean.” Tha e ag innse mu chaochladh ghnìomhachdan a chuideachadh le:

· Àrdachadh inbhe, faicsinneachd agus cleachdadh na Gàidhlig air feadh UHI
· Cothroman a thoirt do luchd-obrach agus oileanaich Gàidhlig ionnsachad
· A bhith a’ dol an dàil choimhearsnachdan Gàidhlig agus coimhearsnachdan ionnsachadh na Gàidhlig

Gheibhear lethbhric chlò-bhuailte ma thèid an iarraidh.

Cuiribh eòlas air an tosgaire alumni as ùire againn:

Philippa Barnwell
BS ann an Saidheansan Slàinte Beòil, 2020, UHI Inbhir Nis

"Tha mi ag iarraidh rudeigin a thoirt air ais don stèidheachd a chreid annam agus a thug cothrom dhomh na h-amasan agam a choileanadh a thaobh cùrsa-obrach, agus tha mi an dòchas ri bhith ag adhartachadh is a’ riochdachadh UHI mar a thig fàs air a’ chùrsa-obrach agam."

Tha sinn ag iarraidh caochladh farsaing de thosgairean alumni, a rinn ionnsachadh air caochladh chùrsaichean, aig na h-àrainnean com-pàirteach againn air fad. A bheil ùidh agaibh? 

Lasachadh air cùrsaichean for-cheuma le teagasg

Tha lasachadh de 10% air a’ chìs oideachaidh ri fhaighinn air a h-uile cùrsa for-cheum le teagasg agus prògram rannsachaidh for-cheum do dh’alumni an oilthigh a cheumnaich le ceum fo-cheum no for-cheum le teagasg.

Cothrom aig alumni air Goireasan-d

Mar aon de na h-alumni againn, tha cothrom agaibh air caochladh Ghoireasan-d an-asgaidh gus ur cuideachadh le ur n-ionnsachadh fad beatha às deidh dhuibh UHI fhàgail.

Tachartasan 

Thathas a’ toirt cuireadh dhuibh a thighinn gu Coinneamh Phoblach Bhliadhnail an Fhonndais

Air-loidhne, Diardaoin 30 Samhain 2023, 11:00m gu 12:30f

Tha am Fonndas a’ riochdachadh an luchd-ùidhe againn uile, a’ gabhail a-steach riochdairean bho bhuidhnean air an taobh a-muigh, gnothachasan agus daoine fa leth bho choimhearsnachdan, ar com-pàirtichean acadaimigeach, ar luchd-obrach, ar n-oileanaich, ar n-alumni, a tha a’ riochdachadh gach ceàrnaidh den sgìre air a bheil sinn a’ frithealadh sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, Moireibh agus Siorrachd Pheairt.

Mu Shoithichean Lochlannach is Calaidhean: Eileamaidean den 'Chruth-thìre Chultarach Mhuireil'

An t-Oll Sven Kalmring, National Historical Museums, pàirt de Shreath Sheiminearan Poblach Air-loidhne INS

Air-loidhne, Diardaoin 30 Samhain, 7:00f

Taisbeanaidh an òraid seo na diofar chatagaraidhean ann am Maritime Cultural Landscape Westerdahl a’ gabhail a-steach long-bhrisidhean, fuigheall air tìr, traidisean cleachdaidh, sgrùdadh cumadh-tìre nàdarra agus ainmean-àite oirthireach, le farsaingeachd de dh’eisimpleirean bhon Mhuir Bhaltach.

Feuchaibh càit an ruigeadh sibh le ceum sna daonnachdan bho UHI!

Air-loidhne, Diardaoin 7mh Dùbhlachd, 6:30f

Is e a tha sna Daonnachdan ainm coitcheann air raon farsaing de chuspairean a bhios a’ rannsachadh agus a’ mion-sgrùdadh eileamaidean den chomann-shòisealta dhaonna bho shealladh breithneachail. Bidh oileanaich nan daonnachdan ag ionnsachadh mu chùisean sòisealta, luachan cultarail, agus sgilean beatha luachmhor eile a ghabhas uisneachadh ann an raointean eile de am beatha. Bidh faireachdainn de dheasbad fosgailte am measg oileanaich an-còmhnaidh sna clasaichean, agus iad airson ur beachdan a chluinntinn.

Thigibh gus am faigh sibh tuillidh fiosrachaidh mu na cuspairean againn sna daonnachdan aig an tachartas air-loidhne againn a’ toirt a-steach:

• Arc-eòlas
• Eòlas-eucorach
• Eòlas Cultarach
• Eòlas na Gàidhlig
• Cruinn-eòlas
• Eachdraidh
• Litreachas
• Feallsanachd
• Poilitigs
• Saidheansan Sòisealta
• Sòiseòlas
• Leasachadh Seasmhach
• Diadhachd (a’ gabhail a-steach foghlam thidsearan MRPS)

Innsibh ur naidheachd!

Tha e na thoileachas dhuinn a bhith a’ cluinntinn mar a tha a’ dol leibh agus - le ur cead - bidh sinn a’ nochdadh cuid de na sgeulachdan agaibh sa chuairt-litir seo!

Tha ur prìobhaideachd cudromach dhuinn

Tha an t-oilthigh dealasach a bhith a’ dìon an fhiosrachaidh phearsanta agaibh a rèir nan laghan a thaobh dìon dàta agus fiosrachadh pearsanta.

Tha am brath prìobhaideachd seo a’ mìneachadh mar a thèid am fiosrachadh pearsanta agaibh a làimhseachadh is uisneachadh leis an oilthigh.

Faodaidh tu dì-chlàradh aig àm sam bith. Le bhith a’ briogadh air a’ cheangal gu h-ìosal, fàgaidh tu di-chlàradh bho GACH post-d bho UHI. Nam b’ fheàrr leat na dòighean conaltraidh agad innse dhuinn, cuir thu post-d thugainn aig alumni@uhi.ac.u​​​k.

UHI

UHI House, Old Perth Road, Inverness, IV2 3JH