Prìomh neach-saidheans agus neach-ciùil cliùiteach a’ faotainn urram aig cuirm UHI

Tha prìomh dhaon-eòlaiche foireansach agus Ceann-suidhe Colaiste Naoimh Eòin ann an Oxford, an t-Ollamh Dame Sue Black, Bana-bharan an t-Sròim, agus an neach-ciùil cliùiteach Donnchadh Siosalach air dotaireachd urramach a bhuileachadh orra le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI).

see full size image
An t-Ollamh Dame Sue Black agus Donnchadh Siosalach

Chaidh na duaisean a thoirt seachad aig ceumnachadh banaltrachd is banas-glùine is UHI agus comharrachadh air soirbheachas agus euchdan, aig an Eaglais Shaor a Tuath ann an Inbhir Nis an-diugh (Diardaoin 16 Samhain).

Tha an t-Ollamh Dame Sue Black air aon de na prìomh dhaon-eòlaichean foireansach san t-saoghal. 'S ann à Inbhir Nis a tha i bho thùs, cheumnaich i bho Oilthigh Obar Dheathain, gu sònraichte ann an eòlas-bodhaig agus daon-eòlas foireansach. Tha a cùrsa-beatha farsaing air a bhith a’ gabhail a-steach òraidiche aig Ospadal Naoimh Thòmais ann an Lunnainn agus ag obair mar chomhairliche airson Oifis na Dùthcha, Oifis nan Dùthchannan Cèin is a’ Cho-fhlaitheis agus na Dùthchannan Aonaichte, mu dheireadh a’ stiùireadh rannsachaidhean eucoirean cogaidh ann an Kosovo.

Tha an t-Ollamh Black cuideachd air dreuchdan a chumail mar Àrd-ollamh Eòlas-bodhaig agus Daon-eòlas Foireansach aig Oilthigh Dhùn Dè agus mar Iar-Leas-Seansalair airson Com-pàirt aig Oilthigh Lancaster. Bha i na 65mh Ceann-suidhe air an Institiud Rìoghail Daon-eòlais agus tha i na h-Ollamh fad-beatha air Eòlas-bodhaig aig Acadamaidh Rìoghail na h-Alba.

Ann an 2016, chaidh an t-Àrd-Ollamh Black a dhèanamh na Bana-cheannard air Òrdugh Ìmpireachd Bhreatainn agus chaidh i a-steach do Thaigh nam Morairean mar mhorair tar-bheingear mar a’ Bhana-bharan Black à Sròim ann an 2021.

A’ bruidhinn mun duais aice, thuirt an t-Ollamh Black: “Tha e na urram dhomh a thighinn dhachaigh agus an ceum seo fhaighinn bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha mi cho moiteil a bhith nam fhìor Inbhir Niseach agus b’ e Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a thug dhomh an cothrom as iongantache foghlam a chleachdadh mar mheadhan air an t-saoghal a rannsachadh agus m’ adhbhar a lorg.”

Rugadh agus thogadh e faisg air Inbhir Nis, agus tha Donnchadh Siosalach air fear de na fìdhlearan agus sgrìobhadairean-ciùil as aithnichte agus as ealanta ann an Alba. Thòisich a chùrsa-beatha ciùil ann an 1990, air beulaibh còmhlan roc dùthchail Wolfstone. Thòisich an còmhlan a’ cluich ann an tallaichean baile air a’ Ghàidhealtachd mus do chluich iad aig fèisean agus raointean air feadh na Roinn Eòrpa agus na SA. Thar nam bliadhnaichean, tha Donnchadh air cluich air an àrd- ùrlar agus air clàradh le mòran luchd-ealain agus tha na rinn e a’ cur ri iomadh riochdachadh rèidio, telebhisean agus film.

Tha Donnchadh air sreath de phìosan ciùil a thoirt gu buil a tha air am brosnachadh le àiteachan fiadhaich Gàidhealtachd na h-Alba, bho Ghleann Srath Ghlais gu Bàgh Sandwood agus, o chionn ghoirid, An Cuiltheann Dubh san Eilean Sgitheanach. Tha na fiosan stiùidio aig Donnchadh a choisinn duaisean nan toradh air rannsachadh, dàn-thuras, sgrìobhadh agus riochdachadh.

Chaidh Kin, an riochdachadh ioma-mheadhain cliùiteach aig Donnchadh, air chuairt fad is farsaing. Thug an t-sreath chlàraidhean tasglainn beò tro fhilm agus ceòl, a’ comharrachadh daoine, àiteachan agus cultar na Gàidhealtachd. Chaidh am modail seo a mholadh gu farsaing tro na rinn Donnchadh gu pearsanta, a bharrachd air a bhith air a chleachdadh mar phrògram foghlaim gus daoine òga a thoirt an sàs ann an eitneòlas, dèanamh fhilmichean agus sgrìobhadh ciùil. Tha dealas Dhonnchaidh a thaobh leasachadh ceòl traidiseanta san àm ri teachd tro bhith a’ dealbhadh agus a’ lìbhrigeadh riochdachaidhean co-aimsireil, prògraman foghlaim agus co-obrachaidhean cultarach a tha ùr-nodha.

Thuirt Donnchadh: “Tha e na urram a bhith a’ faighinn an dotaireachd urramach seo bho UHI agus tha mi glè thoilichte a bhith a’ faicinn mo chuid oidhirpean ciùil air am meas agus air am faicinn cho soilleir. Is ann an-còmhnaidh le bhith a’ beachdachadh air na chaidh roimhe, na 1000 bliadhna againn de ar cultar, as urrainn dhuinn ullachadh agus dealbhadh airson na tha ri thighinn. Tha na bunaitean cultair sin a’ toirt an neart dhuinn gu sruthan ùra a chruthachadh taobh a-staigh ar traidisean. Tha a bhith a’ toirt ar traidisean còmhla ri meadhanan agus riochdachadh co-aimsireil air a bhith a-riamh aig cridhe na h-obrach agam mar neach-ciùil agus neach-cruthachaidh.

“Tha mi a’ tuigsinn, ge-tà, gur ann le bhith a’ toirt spèis don traidisean againn agus gar n-oideachadh fhìn anns na chaidh roimhe, gun urrainn dhuinn coimhead air adhart le misneachd. Tha e na urram dhomh a bhith mar aon phàirt den roinn bheòthail agus luachmhor seo de na h-ealain. Tha ceòl traidiseanta a’ toirt dhuinn faireachdainn de bhuinteanas agus mothachadh air àite. Is e abhainn mhòr a th’ ann a tha a’ sruthadh tro ar beatha agus mar neach-glèidhidh a’ chultair sin bha mi a-riamh a’ faireachdainn gu robh uallach orm na chaidh roimhe a dhìon cho mòr ri bhith ga ghluasad air adhart ann an dòighean ùra is brosnachail.”

Chaidh dotaireachd urramach an Ollaimh Black a thoirt seachad mar chomharra air na chuir i ri saidheans agus tha duais Mhgr Shiosalaich ag aithneachadh a chuid obrach anns na h-ealain chruthachail.

Chomharraich a’ chuirm cuideachd soirbheachas còrr air 120 oileanach bho roinnean altraim agus mnathan-glùine UHI ann an Inbhir Nis agus Steòrnabhagh. Chomharraich na h-oileanaich, còmhla ri 400 aoigh, soirbheachas ann an raon de theisteanasan a’ gabhail a-steach Teisteanasan Nàiseanta Àrd-ìre, Dioplòma Nàiseanta Àrd-ìre, ceuman agus prògraman for-cheum.