Gàidhlig agus Conaltradh CertHE
UCAS code QP59
Information line 01463 279190
Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?
Tha an cùrsa seo air a dhealbhadh do dhaoine a tha reusanta comasach ann an Gàidhlig agus a tha ag iarraidh Gàidhlig a sgrùdadh gu h-àrd ìre ann an àrainneachd làn Ghàidhlig. Aig deireadh a’ chùrsa, bidh sibh deiseil gus cuspairean a sgrùdadh aig ìre oilthighe tro mheadhan na Gàidhlig agus gus gluasad air adhart dhan dàrna bhliadhna de na ceumannan BA agus BA(Urram) Gàidhlig aig OGE.
Anns a’ chùrsa seo, sgrùdaidh sibh litreachas na Gàidhlig, leasachadh na Gàidhlig, sgrìobhadh cruthachail (sgeulachdan goirid agus òrain), agus labhairt phoblach. Cuideachd, nì sibh sgrùdadh air a’ Ghàidhlig air fad, bho fhuaimneachadh gu gràmar, briathrachas, cleachdaidhean agus rèimean-cainnte foirmeil.
Aig deireadh a’ chùrsa seo, bidh sibh comasach Gàidhlig a bhruidhinn, a thuigsinn, a sgrìobhadh agus a leughadh le misneachd agus chun na h-ìre gur urrainn dhuibh làn phàirt a ghabhail ann an saoghal na Gàidhlig ann an Alba.
Feartan sònraichte
- Dèan sgrùdadh air a’ Ghàidhlig gu h-àrd ìre ann an àrainneachd tur Ghàidhlig;
- Leugh agus bruidhinn mu dheidhinn seachd nobhailean Gàidhlig;
- Sgrìobh sgeulachdan, òrain agus aistean anns a’ Ghàidhlig;
- Leugh altan sgoileireil air caochladh chuspairean;
- Dealbh agus cuir an gnìomh dà iomairt Ghàidhlig air àrainn na colaiste;
- Gabh pàirt ann an greis-ghnìomhachais Ghàidhlig fad trì seachdain.
Feumalachdan inntrigidh
- 3 theisteanas Àrd-ìre aig ìre BBC no nas àirde
- 2 A level aig ìre BC no nas àirde
- Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig aig Àrd-ìre am measg nan teisteanasan agad
- Bidh agad ri tighinn gu agallamh gus do chomas sa Ghàidhlig a mheasadh
- Bidh aig cuid de na gheibh àitre air a' chùrsa seo ri dhol tro sgrùdadh PVG Disclosure, agus ri ballrachd a thoirt a-mach san Sgeama PVG, an cois aon mhodail shònraichte a tha na phàirt dheth.
Year 1 - CertHE
Modalan Riatanach:
- Gàidhlig a h-Aon
- Cultar nan Gàidheal
- Saoghal na Gàidhlig 1
- Litreachas: Sgilean Sgrùdaidh
- Greis Ghnìomhachais
Modalan Roghainneil:
- Annas-làimhe agus Òrain Ghàidhlig 1
- Teòiridh, Cruthachadh & Cothromachadh 1
- Na Meadhanan Gàidhlig
- Sgeulachdan is Òrain Ghàidhlig
- Coimpiutaireachd airson na Gàidhlig
- Foillseachadh is Craoladh sa Ghàidhlig
Ciamar a dh’ionnsaicheas mix?
- Làn-uine
- Pàirt-uine (le structar)
Ionnsachaidh sibh ann an clasaichean aghaidh-ri-aghaidh aig Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach, no aig Colaiste a’ Chaisteil UHI ann an Leòdhas, an dà cholaiste aig cridhe choimhearsnachdan Gàidhlig.
Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?
- Làn-ùine: Bliadhna @ 40 uairean gach seachdain
- Pàirt-ùine: 2 bhliadhna @ 20 uairean gach seachdain
Tha an àireamh de dh’uairean gach seachdain a’ ciallachadh na h-àireimh iomlan de dh’uairean a bu chòir dhuibh cur seachad air a’ chùrsa, a’ gabhail a-steach ùine a chuireas sibh seachad ann an òraidean agus an ùine agaibh fhèin a chuireas sibh seachad air obair agus rannsachadh fa-leth.
Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?
- Colaisde a' Chaisteil UHI
- Sabhal Mòr Ostaig UHI
Ceann-latha tòiseachaidh
An t-Sultain
Fees
Cìsean
Do dh’oileanaich air còmhnaidh ann an Alba no anns an Aonadh Eòrpach/EEA (taobh a-muigh an RA) agus aig a bheil seòladh tron teirm ann an Alba, a’ dèanamh cùrsa fo-cheum (CertHE), tha na cìsean a leanas a’ buntainn ris:
CertHE | 2019-20 | 2020-21 |
---|---|---|
Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna | £1,285 | £1,285 |
Pàirt-ùine (le structar) (3 x modalan luach 20 creideas) gach bliadhna fad dà bhliadhnas | £645 | £645 |
Pàirt-ùine (gun structar, gach modal) (gach modal luach 20 creideas) | £215 | £215 |
Oileanach às a'chòrr den RA
Do dh’oileanaich air còmhnaidh anns a’ chòrr den RA (Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, a’ toirt a-steach Eilean a’ Chaolais agus Eilean Mhanainn) agus aig a bheil seòladh ann an Alba rè na teirm, ’s iad seo na cìsean a tha rim pàigheadh:
CertHE | 2019-20 | 2020-21 |
---|---|---|
Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna | £6,720 | £6,720 |
Pàirt-ùine (le structar) (3 x modalan luach 20 creideas) gach bliadhna fad dà bhliadhna | £3,360 | £3,360 |
Pàirt-ùine (gun structar, gach modal) (gach modal luach 20 creideas) | £1,120 | £1,120 |
Bu chòir cìsean a phàigheadh ro thoiseach a’ chùrsa gach bliadhna acadaimigeach mur tèid aontachadh air modh eile.
Tha àireamh de roghainnean maoineachaidh rim faotainn do dh’oileanaich an RA agus an AE a chuidicheas tu a bhith a’ pàigheadh airson do chuid ionnsachaidh agus cosgaisean bith-beò fhad ’s a bhios tu ag ionnsachadh.
Oileanaich eadar-nàiseanta
Is iad seo na cìsean do dh’oileanaich nach bi gu h-àbhaisteach a’ fuireach anns an RA no anns an Aonadh Eòrpach aig a bheil seòladh ann an Alba tron teirm:
CertHE | 2019-20 | 2020-21 |
---|---|---|
Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna | £6,855 | £7,020 |
Pàirt-ùine (gun structar, gach modal) | £1,140 | 1,170 |
Chan fhaod oileanaich eadar-nàiseanta le sponsaireachd Tier 4 ionnsachadh pàirt-ùine.
Maoineachadh
Dh'fhaodar sgoilearachdan is taic airgid a bhith ri fhaotainn. Cuir fios chun na colaiste airson tuilleadh fiosrachaidh.
Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?
Aon uair ’s gun coilion thu an CertHE ann an Gàidhlig agus Conaltradh, faodaidh gum bi ùidh agad anns na dreuchdan a leanas:
- Teagasg
- Na meadhanan
- Ceòl traidiseanta
- Leasachadh cànain is coimhearsnachd
An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?
Tha an CertHE ann an Gàidhlig agus Conaltradh a’ leigeil leat dol air adhart ris na cùrsaichean a leanas:
- DipHE Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte
- BA (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig
- BA (le Urram) Gàidhlig agus Leasachadh
- BA (le Urram) Gàidhlig agus na Meadhanan
- BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta
- BA (Hons) Gàidhlig le Foghlam
Is there more information available online?
You can use the above QR code to connect directly to the course details.
Cuir a-steach airson Gàidhlig agus Conaltradh CertHE
Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.