Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta BA (le Urram)

UCAS code QW53
UHI information line 0845 272 3600

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Is e cothrom air leth a th’ ann an seo do sheinneadairean agus luchd-ciùil comasach cothrom fhaighinn air a’ bheairteas mhòr de dhualchas ceòl traidiseanta na Gàidhlig aig cridhe na Gàidhealtachd.

Is e cùrsa sònraichte a th’ anns a’ chùrsa BA (le Urram) ann an Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta far am faigh thu cothrom ceòl, eachdraidh agus dualchas na Gàidhealtachd a sgrùdadh, taobh a-staigh na co-theacsan nas fharsainge de Ghàidhlig agus cuspairean co-cheangailte.

Ionnsachaidh tu bho fharsaingeachd de luchd-ciùil air thoiseach agus speisealaichean acadaimigeach agus bidh cothrom agad semeastar a chur seachad ann an Canada no Èirinn sa bhliadhna Urraim agad.

Feartan sònraichte

  • Ionnsaich agus cluich ceòl traidiseanta aig cridhe coimhearsnachd Gàidhlig air an Eilean Sgitheanach
  • Leasaich farsaingeachd de sgilean practaigeach a bhios feumail airson cluich nad aonar no ann am buidheann
  • Thoir sùil air a’ cheangal eadar ceòl traidiseanta agus cultar na Gàidhlig
  • Thoir piseach air na sgilean cànain agad
  • Thèid do theagasg le farsaingeachd de luchd-ciùil air thoiseach agus speisealaichean acadaimigeach
  • Gabhaidh tu greis-ghnìomhachais a mhaireas trì seachdainean os làimh sa chiad bhliadhna
  • Cothrom semeastar a chur seachad ann an Èirinn no Canada sa bhliadhna mu dheireadh agad

Feumalachdan inntrigidh

  • 3 teisteanasan àrd-ìre aig ìre C no nas àirde. Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig nam measg NO
  • 2 A level aig ìre C no nas àirde
  • Bidh agad ri tighinn gu agallamh a dhearbhadh do chomas sa Ghàidhlig agus deuchainn chiùil a dhearbhadh do chomas ciùil

Slighean inntrigidh

Year 1 - CertHE

  • Taisbeanadh ciùil 1
  • Teòraidh, cruthachadh agus rianachadh 1
  • Faic An Cùrsa Comais no Gàidhlig agus Conaltradh airson mhodalan eile
  • Greis-ghnìomhachais a mhaireas trì seachdainean

Year 3 - BA

  • Taisbeanadh ciùil 3
  • Òrain Gàidhlig 3
  • Eachdraidh Cèol na Gàidhlig 3
  • Sgilean proifeiseanta, taisbeanaidh agus rianachd
  • Teagasg ciùil 1

Year 2 - DipHE

  • Taisbeanadh ciùil 2
  • Teòraidh, cruthachadh agus rianachadh 2
  • Òrain Gàidhlig 2
  • Eachdraidh Cèol na Gàidhlig 2

Year 4 - BA (Hons)

  • Taisbeanadh ciùil 4
  • Riochdachadh le teama
  • Teagasg ciùil 2
  • Cruinneachadh de dh’obair theòraidh agus rianachaidh
  • Clàradh agus riochdachadh
  • Tràchdas

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?

  • Làn-ùine

Ionnsachaidh tu tro òraidean agus clasaichean aghaidh-ri-aghaidh, agus obair phractaigeach chiùil aig Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach

Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?

  • Làn-ùine: 4 bliadhna @ 40 uairean gach seachdain

Tha an àireamh de dh’uairean gach seachdain a’ ciallachadh na h-àireimh iomlan de dh’uairean a bu chòir dhut cuir seachad air a’ chùrsa, a’ gabhail a-steach ùine a chuireas tu seachad ann an òraidean agus an ùine agad fhèin a chuireas tu seachad air obair agus rannsachadh fa leth.

Càite an urrainn dhomh mo chùrsa a dhèanamh?

Ceann-latha tòiseachaidh

An t-Sultain

Cìsean

Do dh’oileanaich air còmhnaidh ann an Alba no anns an Aonadh Eòrpach/EEA (taobh a-muigh an RA) agus aig a bheil seòladh tron teirm ann an Alba, ’s iad seo na cìsean a tha rim pàigheadh:

2016-17

Làn-ùine (modalan de 120 creideis) gach bliadhna

£1,820

Pàirt-ùine (le structar) (3 x modalan as fhiach 20 creideis) gach bliadhna

£645

Pàirt-ùine (gun structar, gach modal) (gach modal de 20 creideis)

£215

Oileanaich às a’ chòrr den RA

Do dh’oileanaich air còmhnaidh anns a’ chòrr den RA (Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath) agus a’ dèanamh a’ chùrsa seo làn-ùine, ’s iad seo na cìsean a tha rim pàigheadh:

Ìre 2016-17

Bliadhna 1

CertHE

£8,000 gach bliadhna

Bliadhna 2

DipHE

£8,000 gach bliadhna

Bliadhna 3

Ceum

£8,000 gach bliadhna

Bliadhna 4

Urram

saor an asgaidh**

**Tha an ceathramh bliadhna an asgaidh do dh’oileanaich làn-ùine a phàigh airson nan trì bliadhnaichean ron sin aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a-mhàin.

Pàirt-ùine (airson gach modal luach 20 creideas) - £1,340 (2016-17)

Bu chòir cìsean a phàigheadh ro thoiseach a’ chùrsa gach bliadhna acadaimigeach mur tèid aontachadh air modh eile.

Tha àireamh de roghainnean maoineachaidh rim faotainn do dh’oileanaich an RA agus an AE a chuidicheas tu a bhith a’ pàigheadh airson do chuid ionnsachaidh agus cosgaisean bith-beò fhad ’s a bhios tu ag ionnsachadh.

Oileanaich eadar-nàiseanta

Is iad seo na cìsean do dh’oileanaich nach bi gu h-àbhaisteach a’ fuireach anns an RA no anns an Aonadh Eòrpach aig a bheil seòladh ann an Alba tron teirm:

  2016-17
Làn-ùine (modalan luach 120 creideas) gach bliadhna £10,000
Pàirt-ùine (le structar) (3 x modalan luach 20 creideas) gach bliadhna*** £5,040
Pàirt-ùine (gun structar, gach modal) (gach modal luach 20 creideas)*** £1,680

***Chan fhaod oileanaich eadar-nàiseanta le sponsaireachd Tier 4 ionnsachadh pàirt-ùine.

Barrachd fiosrachaidh air cìsean do dh’oileanaich eadar-nàiseanta.

Tha barrantas ri fhaotainn do dh’oileanaich fho-cheuma fhèin-mhaoineachail làn-ùine agus pàirt-ùine eagarach eadar-nàiseanta agus às a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte nach tèid cìsean a chur suas airson ionnsachadh leantainneach is co-dhlùth airson an aon teisteanais, suas ris a’ chrìch-ùine bhun-tomhasaich a cheadaichear airson an teisteanais dom buin a’ chùis.

Maoineachadh

Dh'fhaodar sgoilearachdan is tùsan maoineachaidh a bhith ri fhaotainn. Cuir fios air a' cholaiste airson barrachd fiosrachaidh.

External scholarships and financial support may be available. Contact the relevant UHI partner college for more information.

Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?

Aon uair ’s gun coilion thu an cùrsa BA (le Urram) ann an Gàidhlig agus Ceòl gu soirbheachail, faodaidh gum bi ùidh agad anns na dreuchdan a leanas:

  • Ceòl mar dhreuchd
  • Roinn chultarail na Gàidhlig
  • Na meadhanan Gàidhlig
  • Foghlam

Cuir a-steach airson Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta BA (le Urram)

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2017

Bu chòir do thagraichean eadar-nàiseanta cuir a-steach a' cleachdadh an fhoirm tagraidh eadar-nàiseanta. Luchdaich a-nuas agus clò-bhuail am foirm, lion agus till e chun an t-seòlaidh a tha sgrìobhte air, mas e do thoil e. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn do thagraichean eadar-nàiseanta aig ar duilleig do dh'oileanaich eadar-nàiseanta

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI). Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.

Rannsaich a-rithist