Aithneachadh air ionnsachadh a rinneadh cheana agus tar-aiseag chreideasan

Tha sinn dealasach a thaobh cothrom a leudachdh air foghlam àrd-ìre, agus tha sinn a’ brosnachadh thagraidhean bho oileanaich ri teachd aig nach eil teisteanasan-inntrigidh foirmeil. Mar phàirt den dealas seo, tha an t-oilthigh a’ cur taic ris a’ phrionnsapal a bhith ag aithneachadh ionnsachadh a rinneadh cheana, ge bith càit an do ghabh e àite.

Feum a dhèanamh de theisteanasan agus ionnsachadh neo-fhoirmeil a rinn sibh cheana

Cho fhad ’s a ghabhas an t-ionnsachadh measadh, faodaidh e a bhith air aithneachadh agus gabhaidh cead toirt airson creideas a chur ri prògram-ionnsachaidh foirmeil. Bidh sinn cuideachd a’ brosnachadh oileanaich ri teachd a bhith a’ dèanamh iarrtas gum bi teisteanasan foirmeil a rinneadh cheana air an aithneachadh airson creideas a dh’ionnsaigh theisteanasan sònraichte leinne. Tha seo a’ ciallachadh gun urrainn dhuibh iarrtas a dhèanamh le rud sam bith bho ionnsachadh san àite-obrach a rinneadh cheana gu creideas bho chùrsa aig colaiste no oilthigh eile, ged nach do chuir sibh crìoch air a’ chùrsa gu lèir.

Collage of 3 | Woman writing in a notebook | Glass building | Students outside a university building

Dè tha seo a’ ciallachadh dhomhsa?

Dè tha seo a’ ciallachadh dhomhsa?

Ma ghabh sibh pàirt ann an ionnsachadh cheana, co-dhiù a b’ e ionnsachadh foirmeil a bh’ ann far an d’fhuair sibh teisteanas, no ionnsachadh neo-fhoirmeil (m.e. san obair no sa choimhearsnachd) far nach d’fhuair sibh teisteanas (is e sin nach b’ e cùrsa-ionnsachaidh foirmeil a bh’ ann), b’urrainn dhuibh an t-ionnsachadh seo uisneachadh gus creideas FCTA fhaighinn a dh’ionnsaigh prògram aig an oilthigh. Dh’fhaodadh sibh creideas iarraidh airson modalan sònraichte, no airson bliadhna(ichean) slàn de dh’ionnsachadh. Ma tha creideas agaibh airson aonadan no modalan, ach mura bheil airson teisteanas slàn, faodaidh sibh creideas iarraidh airson meud an ionnsachaidh a rinn sibh.

Ciamar a nì mi tagradh airson AIRC no Tar-aiseag Chreideasan?

Ciamar a nì mi tagradh airson AIRC no Tar-aiseag Chreideasan?

'S e a' chiad cheum tagradh a dhèanamh airson a' chùrsa a thagh sibh aig UHI, le fiosrachadh mun ionnsachadh a rinn sibh cheana. Nì luchd-obrach acadaimigeach sgrùdadh air an tagradh agaibh an uair sin. Ma tha an t-ionnsachadh a rinn sibh cheana stèidhichte air ionnsachadh neo-fhoirmeil, faodaidh gun iarr sinn oirbh barrachd fiosrachaidh a thoirt dhuinn no pìos-obrach AIRC a choileanadh.

Gheibh sibh fios an uair sin mun cho-dhùnadh, agus, ma thèid gabhail ribh, mun ìre inntrigidh airson a' chùrsa agaibh aig UHI, a’ gabhail a-steach creideas sam bith airson an ionnsachaidh a rinn sibh cheana. Cha bhi e mar fhiachaibh oirbh ionnsachadh a dhèanamh leinn, ach ma chuireas sibh romhaibh leantainn oirbh, bidh fios agaibh dè na a chreideas a gheibh sibh airson an ionnsachaidh a rinn sibh cheana.

Dè tha an t-oilthigh ag iarraidh faicinn ann an iarrtas airson aithneachadh air ionnsachadh a rinneadh cheana?

Dè tha an t-oilthigh ag iarraidh faicinn ann an iarrtas airson aithneachadh air ionnsachadh a rinneadh cheana?

Ge b' e dè an dòigh a dh’uisnicheas sibh gus an fhianais a chur an cèill, tha e cudromach beachdachadh air dè cho math 's a tha i a' freagairt air an tagradh agaibh. 'S dòcha gum bu mhath leibh cuideachd measadh a dhèanamh sibh fhèin air an ionnsachadh a rinn sibh cheana a rèir nam prionnsapalan seo, a bhios gan cleachdadh cuideachd leis an fheadhainn a nì measadh air an tagradh agaibh:

  • Freagarrachd, is e sin dè cho math is a tha fhianais a bheir sibh seachad a’ freagairt air toraidhean ionnsachaidh nam modalan sa chùrsa air a bheil sibh a’ cur a-steach. A bheil an fhianais iomchaidh san t-seagh ’s gu bheil i earbsach agus ùghdarrasach? Bidh e comasach do stiùiriche a’ chùrsa comhairle a thoirt dhuibh mu na puingean seo aig ìre an tagraidh.
  • Foghainteachd, is e sin a bheil an fhianais a tha air a taisbeanadh gu leòr mar dhearbhadh air na coileanaidhean a tha air an ainmeachadh? A thaobh ionnsachadh foirmeil, mar as trice nì tar-sgrìobhadh acadaimigeach agus teisteanas feum mar fhianais airson tagradh a dhèanamh. Bidh ionnsachadh neo-fhoirmeil air a mheasadh ann an dòigh eadar-dhealaichte, mar as trice tro ghnìomh-obrach measaidh no pasgan-obrach; bidh e comasach do stiùiriche a’ chùrsa agaibh comhairle a thoirt seachad mun dòigh as freagarraiche.
  • Fìor-dhearbhachd, is e sin an urrainn dhuibh sealltainn gu bheil an fhianais ceangailte gu soilleir ris na h-oidhirpean agaibh fhèin? A thaobh ionnsachadh foirmeil, is ann le teisteanas a bhios seo air a dhearbhadh mar as trice.
  • Ùrachd, is e sin a bheil an t-ionnsachadh buntainneach don àm a tha an làthair? An ann sna còig bliadhna seo chaidh a thachair an t-ionnsachadh a thathar a’ measadh? Mur ann, a bheil argamaid mhath ann a tha a’ sealltainn gu bheil e fhathast buntainneach? Mar stiùireadh, ma tha sibh air a bhith ag obair ann an raon co-cheangailte agus a’ cumail an eòlais agaibh ùraichte, mar as trice gabhaidh argamaid dèanamh airson creideas a thoirt dhuibh, ged as ann o chionn ùine mhòr a fhuaras an teisteanas.

Ma thèid creideas a bhuileachadh oirbh, is ann ann an aonadan de 20 creideas a bhios e air a thoirt seachad leis gu bheil sin a’ freagairt air luach chreideasan mhodalan air cùrsaichean UHI. Faodaidh ionnsachadh a rinn sibh cheana, an dà chuid foirmeil agus gnàth-eòlasach (is e sin gun a bhith teisteanaichte, no air a shuidheachadh san àite obrach), a bhith air a thoirt fa-near airson AIRC. Faodaidh measgachadh de dh’ionnsachadh foirmeil agus gnàth-eòlasach a bhith air a gabhail a-steach san tagradh agaibh.

Cuin a bu chòir tagradh a dhèanamh

Cuin a bu chòir tagradh a dhèanamh

Is e as fheàrr tagraidhean a bhith air an cur a-steach mus tòisich an cùrsa-ionnsachaidh. Mura h-eil seo comasach, faodaidh sibh tòiseachadh air a’ phrògram a thagh sibh cho fhad ’s a thathar a’ tuigsinn, ma dh’fhàilnicheas an tagradh agaibh airson AIRC / Tar-aiseag Chreideasan, gum feum sibh modalan sam bith a choileanadh nach d’fhuaras creideasachadh air an son.