Oileanacha
Co-dhiù a tha sibh dìreach a’ tòiseachadh air ur cuid ionnsachaidh no a’ leantainn oirbh, tha an duilleag seo a’ toirt còmhla an fhiosrachaidh agus na taice chudromaich a dh’fhaodadh a bhith a dhìth oirbh.
Tha sinn moiteil gum bi oileanaich gu cunbhalach a’ toirt measadh àrd air UHI ann an suirbhidhean nàiseanta, agus tha sinn dealasach feuch am faigh sibh am fèin-fhiosrachadh as fheàrr a ghabhas.
Ma bhios feum agaibh air cuideachadh aig àm sam bith, tha sinn an seo dhuibh. Is urrainn seirbheisean oileanaich taic a thoirt dhuibh a thaobh sunnd, comhairle mu mhaoineachadh, taic ionnsachaidh agus barrachd.
Gheibh sibh fiosrachadh feumail air feadh na làraich-lìn againn cuideachd. Thoiribh sùil air a’ phost-d oileanaich agaibh gu cunbhalach airson naidheachdan cudromach agus cuairt-litir mhìosail nan oileanach, agus gabhaibh pàirt tro chlubaichean, comainn, obair shaor-thoileach agus tachartasan do dh’oileanaich.
Agus ma tha fios-air-ais no beachdan agaibh airson leasachadh a thoirt air na tha sibh a’ fiosrachadh, faodaidh sibh an cur an cèill uair sam bith tron t-seirbheis Putain Dheirg againn.


Bùth UHI
Thoiribh sùil air a’ bhùth air-loidhne againn, far am faigh sibh caochladh aodaich do dh’oileanaich, luchd-obrach agus seann oileanaich!
Bathar air a dhèanamh gu seasmhach
Bidh am bathar air fad air a dhèanamh gu sònraichte a rèir iarrtais leis an t-solaraiche againn, Teemill. Thagh sinn Teemill air sgàth cho dìcheallach ’s a tha iad a thaobh seasmhachd, is iad a’ cleachdadh cotan organach 100% le teisteanas GOTS, lùth ath-nuadhachail airson cinneasachadh, stuth-pacaidh gun phlastaig agus modail fasain chruinn.
Ma tha rudeigin ann a bu toil leibh faicinn sa bhùth againn, feuchaibh an innis sibh dhuinn le post-d gu conaltradh UHI agus nì sinn ar dìcheall feuch an gabh e dèanamh!

Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HISA)
’S e Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HISA) an comann oileanaich agaibh.
’S ann fo stiùir oileanaich a tha HISA, airson oileanaich UHI uile, agus tha e neo-eisimeileach air UHI. Tha iad an seo a bhith gur riochdachadh agus a’ toirt taic is cumhachd dhuibh, is iad a’ cuideachadh leibh feuch an amais sibh air na daoine is an t-àite agaibh agus na rudan a bhios sibh dìorrasach air an son.
Nuair a thig sibh a-steach do UHI, bidh sibh nur ball de HISA gun feum rud sam bith a dhèanamh. Tha sin a’ ciallachadh gun urrainn dhuibh:
- Gabhail ann am buidhnean, comainn is clubaichean oileanaich
- Pàirt a ghabhail ann an tachartasan agus iomairtean
- Feum a dhèanamh de sheirbheisean comhairle is taice
- Ur beachdan a chur an cèill tro riochdairean cùrsa, oifigearan taghte agus lìonraidhean
Iarraibh tuilleadh fiosrachaidh air an làraich-lìn aca agus leanaibh iad air na meadhanan sòisealta!
