A’ comharrachadh 50 bliadhna de ‘Cruthachadh na Coimhearsnachd Croitearachd’ ann an Dòrnach

Bha co-labhairt dà-latha aig Ionad Eachdraidh UHI air an 11mh agus 12mh den Ògmhios ann an Club Sòisealta Dhòrnaich, a’ comharrachadh obair is dreuchd an Àrd-Ollaimh Emeritus, Jim Hunter.

see full size image
Clì gu deas: Mhairi Ferrier (Neach-rannsachaidh Iar-cheumnach aig Ionad Eachdraidh UHI), an Dr Jim Mac a’ Phearsain (Ionad Eachdraidh UHI), an t-Àrd-Ollamh Emeritus Jim Hunter, Evelyn Hunter, an Dr Iain Robastan (Ionad Eachdraidh UHI) agus an Dr Ealasaid Ritchie (Ionad Eachdraidh UHI). Creideas dealbh: Pòl Caimbeul / UHI.

Bha co-labhairt dà-latha aig Ionad Eachdraidh UHI air an 11mh agus 12mh den Ògmhios ann an Club Sòisealta Dhòrnaich, a’ comharrachadh obair is dreuchd an Àrd-Ollaimh Emeritus, Jim Hunter.

Stèidhich an t-Àrd-Ollamh Hunter Ionad Eachdraidh UHI ann an 2005 agus tha e air a bhith na phrìomh fhigear ann an cruth-tìre foghlaim, poilitigeach agus cultarail na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Tha am-bliadhna a’ comharrachadh an 50mh ceann-bliadhna den obair chudromaich aige, ‘The Making of the Crofting Community’, agus thug a’ cho-labhairt sgoilearan, luchd-cleachdaidh cruthachail agus luchd-iomairt bho air feadh an t-saoghail còmhla gus meòrachadh air buaidh an fhoillseachaidh agus dreuchd nas fharsainge an Ollaimh Hunter.

Còmhla ri gluasadan cultarail is poilitigeach leithid ‘A’ Chaora, am Fiadh agus an Ola Dhubh, Dubh’, Runrig, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, agus stèidheachadh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI), thathas den bheachd gu farsaing gun do chuidich ‘Cruthachadh na Coimhearsnachd Croitearachd’ le ath-bheothachadh cultarail is poilitigeach a chumadh air a’ Ghàidhealtachd.

Bha sgrìobhadh, cùrsa-beatha agus iomairt an Ollaimh Hunter cuideachd aig cridhe an leasachaidh air gluasad ceannach fearainn coimhearsnachd, a tha air beatha shòisealta, eaconamach agus chultarail atharrachadh air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Jim Hunter interviewed by Elizabeth Ritchie

Thug a’ cho-labhairt cothrom meòrachaidh air cudromachd mhaireannach ‘Cruthachadh na Coimhearsnachd Croitearachd’, agus aig an aon àm a’ cruthachadh àrd-ùrlar airson deasbad air prìomh chùisean a tha mu choinneamh na sgìre an-diugh, a’ gabhail a-steach fearann, daoine agus coimhearsnachdan, agus na dùbhlain sòisealta, cultarail, eag-eòlasach agus eaconamach san àm ri teachd.

Thuirt an Dr Elizabeth Ritchie, Ionad Eachdraidh UHI:

“’S e eachdraidh sgrùdadh air atharrachadh san fhad-ùine. Gus co-dhùnaidhean math a dhèanamh mun latha an-diugh agus mun àm ri teachd, tha e glic tuigse fhaighinn air pàtranan na h-ùine a bh’ ann roimhe. Tha dreuchd Jim air seo a nochdadh gu soilleir agus tha mi an dòchas gun cuidich a’ cho-labhairt sinn fhìn agus càch agus sinn a’ feuchainn ri bhith beò gu cothromach agus gu ciallach anns na h-àiteachan sa bheil sinn.”

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Jim Hunter:

“Leth-cheud bliadhna bho chaidh ‘The Making of the Crofting Community’ fhoillseachadh, tha e air a bhith na irioslachd dhomh uimhir de luchd-eachdraidh agus feadhainn eile a chluinntinn a’ bruidhinn mun leabhar agam, agus cuideachd a bhith a’ cluinntinn mar a tha na cuspairean a dh’fheuch mi ri fhosgladh fhathast gan cleachdadh, ann an dòigh cho tairbheach. Agus mar chuideigin a tha an-còmhnaidh air a bhith dòchasach mu àm ri teachd na Gàidhealtachd, tha e air a bhith a cheart cho math cluinntinn mu na mòran choimhearsnachdan a tha a’ gabhail uallach airson na tha mun cuairt orra. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dhaibh uile.”

Fhuair a’ cho-labhairt taic bho Past & Present, am Buidheann Rannsachaidh Cruinn-eòlas Eachdraidheil  agus Buidheann Rannsachaidh nan Daonnachdan agus nan Ealan aig UHI (HARC).