An Dr Beth Mouat air a fastadh mar an Deadhan Rannsachaidh is Ùr-ghnàthachais aig UHI
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) air An Dr Beth Mouat fhastadh mar an Deadhan Rannsachaidh is Ùr-ghnàthachais.
Thòisich An Dr Mouat, a tha stèidhichte ann an Sealtainn, san dreuchd air Diluain 20 Giblean. Bidh i ag obair le com-pàirtichean acadaimigeach UHI, deadhain, stiùirichean rannsachaidh agus co-obraichean sheirbheisean proifeiseanta, gus gnìomhachd agus buaidh rannsachaidh a neartachadh air feadh a’ chom-pàirteachais, agus gus leasachadh air ro-innleachd rannsachaidh is ùr-ghnàthachais an oilthighe a stiùireadh, a’ gabhail a-steach an ullachaidh mu choinneamh tagradh REF 2029.
Mar neach-rannsachaidh agus stiùiriche rannsachaidh àrd-eòlach, tha An Dr Mouat a’ toirt dearbhachd làidir leatha a thaobh saidheans mara agus rannsachadh an gnìomh. Bha i a-cheana na Stiùiriche Rannsachaidh, Iomairt agus Buaidh aig UHI Sealtainn, far an tug i seachad ceannardas ro-innleachdail airson rannsachadh, iomlaid eòlais agus ùr-ghnàthachas, ag obair le sgiobaidhean eadar-chuspaireil agus a’ togail chom-pàirteachasan buadhach le gnìomhachas, riaghaltas agus coimhearsnachdan aig ìrean ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta.
Thuirt An Dr Mouat:
“Tha mi air leth toilichte a bhith a’ gabhail na dreuchd brosnachail seo aig UHI. Tha a leithid de shaidhbhreas rannsachaidh is ùr-ghnàthachais àrd-chàileachdail a’ gabhail àite tarsainn a’ chom-pàirteachais, agus tha mi gu mòr a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair le co-obraichean is com-pàirtichean gus ar buaidh a mheudachadh agus a neartachadh, a’ dol air adhart.”
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Brian MacUilleim, Iar-Phrionnsapal Chùisean Acadaimigeach is Rannsachaidh aig UHI:
“Tha sinn fìor mhoiteil gu bheil An Dr Mouat a’ gabhail na dreuchd cudromaich seo. Tha i a’ toirt leatha eòlàs farsaing air UHI agus na com-pàirtichean acadaimigeach, le tuigse àrd-ìre mu thimcheall rannsachadh agus iomlaid fiosrachaidh, eòlas cudromach ann an ceannardas rannsachaidh agus ann an leasachadh comasachd is cumhachd. Tha fios agam gum bi i na sàr-bhuannachd don sgioba.”