Oileanaich eadar-nàiseanta

Fuirich agus ionnsaich ann an àrainneachd nàdarra neo-mhillte

Tha beatha oileanaich beothail agus iol-ghnèitheach a’ feitheamh riut mar oileanach eadar-nàiseanta.   Ionnsaich ann am fear de bhailtean mòra na sgìre, leithid Peairt, Inbhir Nis no Eilginn, no ann am fear de na bailtean nas lugha no coimhearsnachdan eileanach, a’ gabhail a-steach na h-Eileanan Siar agus Tuath.

Carson a dh’ionnsachadh tu an seo?

Is dòcha gun cuidich an àrainneachd bhòidheach againn, taic oileanaich air leth, agus measgachadh de chuspairean thu gus co-dhùnadh a dhèanamh!

Iomlaidean ionnsachaidh

Theirig air iomlaid ERASMUS no rach an sàs ann am Prògram Iomlaid Eadar-nàiseanta.

Ionnsaich thall thairis aig UHI

Dè na feumalachdan inntrigidh?  Faigh a-mach mu na tha an lùib a bhith ag ionnsachadh aig an oilthigh agus mar a chuireas tu a-steach

cuir fios thugainn

international@uhi.ac.uk