Farpais iomraiteach an Fheadan Airgid a’ tilleadh gu Sabhal Mòr Ostaig

Tha Farpais Pìobaireachd an Fheadain Airgid gu bhith a’ tilleadh gu Sabhal Mòr Ostaig Diciadain 05 Lùnastal 2026.

see full size image
Tha Farpais Pìobaireachd an Fheadain Airgid gu bhith a’ tilleadh gu Sabhal Mòr Ostaig Diciadain 05 Lùnastal 2026.

Tha an fharpais seo am measg nan tachartasan pìobaireachd as cudromaiche a bhithear a’ cumail gach bliadhna, agus thèid a cumail ann an Talla Dhonaidh Chaimbeil air an oidhche, air an latha a thèid Geamaichean an Eilein Sgitheanaich a chumail, tro chom-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig, Comunn na Pìobaireachd agus Uisge-beatha Braiche Singilte Thorabhaig, a tha a’ toirt taic-urrasachd dhan fharpais.

Chaidh an fharpais iomraiteach a chumail airson a’ chiad uair ann an 1967 san Eilean Sgitheanach, gus gàirdeachas a dhèanamh ri ceòl Chloinn MhicCruimein, pìobairean do Cheann-cinnidh Chloinn MhicLeòid, agus tha an fharpais fhathast air a meas mar aon de na prìomh fharpaisean airson ceòl mòr.

’S e An Dr Jack Taylor am britheamh airson farpais na bliadhna sa, agus ’s iad an sianar fharpaiseach:

  • Alastair Brown
  • Sandy Cameron
  • Steven Leask
  • Stuart Liddell
  • Derek Midgley
  • Brodie Watson Massie

Tha gach farpaiseach air àite fhaighinn san fharpais a chionn ’s gun do shoirbhich leotha ann am prìomh fharpaisean pìobaireachd na h-Alba agus cluichidh iad fear de na fuinn pìobaireachd ainmeil aig Clann MhicCruimein fhad ’s a tha luchd-èisteachd fiosrach agus am britheamh ag èisteachd riutha.

Bidh an tachartas air a chraoladh air Radio Skye Diardaoin 06 Lùnastal 2026.

two people holding a chanter awards in a library setting

Thuirt an Dr Decker Forrest, an Stiùiriche Cùrsa airson BA (Urr) Gàidhlig is Ceòl ig Sabhal Mòr Ostaig:

“Tha e na thoileachas mòr dha Sabhal Mòr Ostaig Farpais an Fheadain Airgid a chumail a-rithist, farpais a tha a-nis na thachartas bliadhnail cudromach do mhuinntir an eilein agus do dhaoine ann an saoghal eadar-nàiseanta na pìobaireachd. Seo a’ phrìomh fharpais pìobaireachd airson ceòl Chloinn MhicCruimein, far an cluinnear cuid de na pìobairean as fheàrr san t-saoghal a’ dèanamh taisbeanadh air fuinn, sgeulachdan agus dualchas nam pìobairean Sgitheanach iomraiteach sin.”

Dorsan a’ fosgladh: 7.00f le dùil gun tòisich cùisean aig 7.30f

Tiogaidean: Rim faotainn aig an doras (chan urrainnear an ceannach air-loidhne): Inbhich £10; Lasachadh-prìse £5; Fo 16 – An-asgaidh.

Tha Uisge-beatha Braiche Singilte Thorabhaig, Sabhal Mòr Ostaig agus Comunn na Pìobaireachd a’ toirt taic dhan tachartas.