Tha UHI fhathast am measg nan oilthighean leis an ìre as àirde ann an Alba ann an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach
Chaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) aithneachadh a-rithist mar aon de na h-oilthighean leis an ìre as àirde ann an Alba airson sàsachd oileanaich ann an Suirbhidh Nàiseanta na Oileanach 2026 (NSS), a’ coileanadh sgòr sàsachd iomlan de 85% agus san 5mh àite am measg nan 18 oilthighean Albannach a tha air an gabhail a-steach san rangachadh.
Tha toraidhean UHI fhathast pios os cionn cuibheasachd roinn na h-Alba de 82%, a’ neartachadh cliù an oilthighe airson eòlas oileanaich àrd-inbhe a lìbhrigeadh air feadh a’ chom-pàirteachais.
Air a chur ri chèile gach bliadhna le Ipsos, bidh an NSS a’ cruinneachadh fios-air-ais bho oileanaich fo-cheum sa bhliadhna mu dheireadh tarsainn na RA. Tha toraidhean na bliadhna seo a’ taisbeanadh cho cunbhalach ’s a tha coileanadh UHI, leis an oilthigh a’ dol thairis air no gu mòr seachad air na comharran-tomhais aige thar gach ceist a chaidh a’ chur, agus a’ leasachadh thoraidhean anns a h-uile cuspair suirbhidh ach a-mhàin a dhà.
Choilean ceithir raointean cuspair 100% de shàsachadh iomlan nan oileanach:
- Eòlas-inntinn
- Stuthan agus Teicneòlas
- Leigheas Co-phàirteach agus Leigheas na roghainn eile
- Saidheansan na Talmhainn
Thuirt Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair UHI:
“Tha sinn air leth moiteil às a bhith fhathast am measg oilthighean na h-Alba leis an coileanadh as fheàrr a thaobh sàsachd oileanaich. Tha na toraidhean seo a’ nochdadh dealas cho-obraichean thar ar com-pàirteachas airson eòlas oileanaich air leth a lìbhrigeadh, agus taic a thoirt do na h-oileanaich againn gus na h-amasan aca a choileanadh.
“Ged a bhios sinn an-còmhnaidh a’ strì ri bhith nas fheàrr, tha e gu sònraichte misneachail gu bheil na h-oileanaich againn a’ leantainn air adhart a’ meas an eòlais aca os cionn cuibheasachd roinn na h-Alba, agus gu bheil sinn a’ leantainn air adhart a’ coileanadh gu làidir thar cha mhòr a h-uile raon den t-suirbhidh. Tha sinn taingeil do gach oileanach a ghabh ùine fios-air-ais a cho-roinn, a chuidicheas sinn gus leantainn air adhart a’ leasachadh an eòlais a tha sinn a’ tabhann.”
Thuirt an t-Ollamh Keith Smyth, Deadhan Ionnsachaidh, Teagaisg agus Oileanaich:
“Tha an Suirbhidh Nàiseanta Oileanach a’ toirt sealladh luachmhor dhuinn air na nithean as cudromaiche do na h-oileanaich againn. Tha e tlachdmhor leasachaidhean fhaicinn thar a’ mhòr-chuid de na cuspairean agus fios a bhith againn gu bheil na h-oileanaich againn a’ cumail air adhart a’ tuigsinn càileachd an ionnsachaidh, an teagaisg agus an taic a gheibh iad air feadh com-pàirteachas UHI.
“Cumaidh sinn oirnn a’ togail air na neartan sin, ag èisteachd gu faiceallach ri fios-air-ais nan oileanach agus sinn ag obair còmhla gus eòlas eadhon nas fheàrr a thoirt do dh’oileanaich tha againn, agus feadhainn a bhitheas againn san àm ri teachd.”
Thuirt Ceann-suidhe Chomann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HISA), Oliver Sweeney:
“Tha mi cho toilichte fhaicinn gu bheil oileanaich UHI air a mheas mar aon de na h-oilthighean as fheàrr ann an Alba airson sàsachd oileanaich. Gu cinnteach chan e gnìomh furasta a tha seo. Aig HISA, tha sinn a’ faicinn bliadhna às dèidh bliadhna an strì a bhios oileanaich a’ dèanamh air feadh a’ chom-pàirteachais, agus tha na h-ìrean àrda seo de shàsachadh oileanaich a’ sealltainn dìreach mar a tha UHI agus an luchd-obrach deònach conaltradh a dhèanamh le oileanaich, gus dèiligeadh ri cùisean agus an t-eòlas oilthighe a dhèanamh airidh air a bhith agad.”
“Mar Cheann-suidhe ùr Oileanaich HISA, tha mi air bhioran a bhith ag obair gu dlùth le oileanaich agus na diofar sgiobaidhean air feadh com-pàirteachas UHI airson togail air na neartan seo. Tha Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach a’ toirt sealladh sgoinneil air na tha ag obair gu math agus na dh’fhaodadh a bhith eadhon nas fheàrr. Cumaidh mise, agus sgioba oifigearan oileanach dìcheallach HISA agus an sgioba taic iongantach againn orra, a’ riochdachadh guth cumhachdach nan oileanach a chuidicheas le bhith a’ cumadh àm ri teachd UHI.”
Chithear toraidhean Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2026 air loidhne.
Tha àiteachan fhathast rim faighinn airson cùrsaichean a thòisicheas san t-Sultain seo. Faigh a-mach tuilleadh mu chùrsaichean aig UHI.