Sam Baillie a’ cosnadh Duais Alumni na Bliadhna UHI 2026

Tha Sam Baillie à Fìobha air Duais Alumni na Bliadhna UHI 2026 a chosnadh, mar chomharra air na chuir e ri taic slàinte inntinn air feadh na h-Alba agus an dealas leantainneach a th’ aige a thaobh UHI agus nan oileanach aige.

see full size image
Sam Baillie. Creideas an deilbh The Colourful Photographer.

Cheumnaich Sam bho UHI Peairt ann an 2017 le ceum urraim ann an Eachdraidh na h-Alba, agus e ag ionnsachadh le Ionad Eachdraidh UHI. Bho sin, tha e air a bhith ag obair le Gnìomhachd na h-Alba airson Slàinte Inntinn (SAMH) ann an Glaschu, far an robh e a’ cluich pàirt chudromach ann a bhith a’ leasachadh agus a’ leudachadh a’ chothruim a th’ ann air seirbheisean slàinte inntinn air feadh na h-Alba.

Anns an Dàmhair 2025, chluich Sam pàirt chudromach ann a bhith a’ stèidheachadh The Nook, a’ chiad lìonra ann an Alba de ionadan bualaidh a-steach airson taic slàinte inntinn. Tha an iomairt £10m seo air taic a thoirt do chòrr is 5,000 neach mu thràth, a’ gabhail a-steach còrr is 2,200 seisean aon-ri-aon le luchd-dreuchd slàinte inntinn anns na ciad sia mìosan.

Às dèidh fosgladh a’ chiad ionaid ann an Glaschu, dh’fhosgail an dàrna fear ann an Obar Dheathain san Ògmhios 2026, agus tha an treas fear san amharc airson Dùn Èideann ann an 2027. Tha na Nooks air an dealbhadh gus am faod duine sam bith coiseachd a-steach agus taic slàinte inntinn fhaighinn an asgaidh gun liostaichean feitheimh, agus cuideam ga chur air a bhith a’ cruthachadh àrainneachd shàbhailte, gun stiogma.

A bharrachd air an obair aige aig SAMH, tha Sam air ceangal làidir a chumail ri Ionad Eachdraidh UHI. Chuir e ri blogaichean sheann oileanaich, goireasan teagaisg agus stuthan ionnsachaidh air-loidhne, a bharrachd air a bhith a’ gabhail pàirt ann an tachartasan dhreuchdan gus am fèin-fhiosrachadh aige a phàirteachadh ri oileanaich làithreach agus e a’ leigeil fhaicinn na farsaingeachd de chothroman dreuchdail a tha rim faighinn do cheumnaichean sna daonnachdan.

Thuirt Sam fhèin:

“An duais seo fhaotainn, ’s e rud prìseil fhèin a th’ ann dhomh. Le suidheachadh cugallach agus trioblaidean eile a bh’ ann an àm dhomh a bhith ag èireachd suas, cha robh mi uair sam bith a’ cosnadh nan ìrean a b’ fheàrr agus bha mi am bitheantas air dheireadh. An saoghal a bh’ agam agus an t-atharrachadh a bha mi a’ smaointeachadh a b’urrainn dhomh toirt air, bha coltas air a bhith fada na bu lugha san àm sin.

“Le UHI fhuair mi cothrom air foghlam a dh’aindeoin nan ìrean sin. Tha cuimhne agam mar a thug aon òraidiche ùine a’ teagasg dhomh mar a bha puingeachadh ag obair, le foighidinn agus gun bhreithneachadh idir. Is e a tha UHI a’ riochdachadh dhòmhsa, fìor in-ghabhail gun stiogma.

“Tha mi airson gum bi an duais seo a’ sealltainn nach ruig thu leas a bhith aig ceann do chlas no cùl-raon sònraichte sam bith a bhith agad, gus diofar a dhèanamh san t-saoghal seo.

“Mòran taing do Ionad Eachdraidh UHI agus sgioba UHI san fharsaingeachd airson cothrom a thoirt dhomh nuair a bha feum agam air.”

Thuirt Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair UHI:

“Tha sinn moiteil Sam aithneachadh mar bhuannaiche Dhuais Alumni na Bliadhna 2026. Tha na choilean e na eisimpleir brosnachail den bhuaidh a dh’fhaodas a bhith aig ar ceumnaichean. Le bhith a’ cuideachadh a dhèanamh taic slàinte inntinn nas ruigsinniche air feadh Alba, tha e a’ cuideachadh le bhith ag atharrachadh beatha dhaoine agus a’ dèiligeadh ri aon de na dùbhlain as cudromaiche a tha ron chomann-shòisealta againn.

“Tha sinn gu sònraichte taingeil airson a chàirdeas leantainneach ri Ionad Eachdraidh UHI agus airson a fhialaidheachd ann a bhith a’ pàirteachadh na dh’fhiosraich e ri oileanaich làithreach.”

Thèid an duais aige a thoirt do Sham gu foirmeil aig cuirm-cheumnachaidh UHI Peairt air 8 Dàmhair 2026.