2023 - Chloe Steele

susbaint

Thogadh Chloe Steele ann an Uibhist a Deas, agus chuir i crìoch air BA (le Urram) UHI ann an ceòl gnìomhaichte ann an 2020 aig UHI Innse Gall (no UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall a-nis). ’S e seinneadair Gàidhlig is pìobaire a th’ innte agus bidh e a’ còrdadh rithe a bhith a’ cur phròiseactan coimhearsnachd air dòigh. 'S e clàr de cheòl is òrain Ghàidhlig a th' anns an iomairt as ùire aice, is prothaid bhuaithe ga toirt seachad do charthannas. O chionn ghoirid chuir i crìoch air PGDE UHI ann am foghlam bun-sgoile (Gàidhlig) agus tha i air tòiseachadh air a’ bhliadhna probhaidh aice ann an Sgoil Uibhist a Tuath.

Chaidh Chloe ainmeachadh le Anna-Wendy Stevenson, stiùiriche a’ phrògraim airson BA UHI ann an ceòl gnìomhaichte. Thuirt ise:

“Rugadh agus thogadh Chloe ann an Uibhist a Deas, agus is i a’ chiad neach às na h-Eileanan an Iar a cheumnaich leis an làn-cheum le urram ann an ceòl gnìomhaichte, ag ionnsachadh bhon dachaigh. Tha i dealasach mun choimhearsnachd aice agus tha seo ri fhaicinn gu soilleir sa phròiseact as ùire aice - clàr de dh’òrain is ceòl Gàidhlig air a mhaoineachadh tro urrasachd bho ghnothachas. Chaidh an t-albam a chlàradh aig Ionad Chnoc Soilleir agus tha e a’ taisbeanadh buill den choimhearsnachd. Thèid a chur air bhog san t-Samhain, is prothaid bhuaithe ga toirt seachad do Western Isles Cancer Care mar chuimhneachan air athair nach maireann a caidrich. Tha Chloe na h-eisimpleir air leth den ruigsinneachd, an luach, an deachdadh agus a’ bhuaidh a dh’fhaodas a bhith ri am faotainn tro ionnsachadh le UHI.”

Thuirt Alison Wilson, Stiùiriche Leasachaidh agus Com-pàirt Alumni UHI: 

"Tha sinn air leth toilichte gun deach Chloe agus Graham a thaghadh mar alumni na bliadhna. Is e rud baibheil a th’ ann a bhith a’ faicinn dìorras agus dealas Chloe airson ceòl traidiseanta agus na coimhearsnachd aice. Tha a h-obair air an albam as ùire aice, far a bheil i a’ toirt seachad prothaid do charthannas ionadail, ri a moladh. Tha i na buannaiche airidh agus bheir na coileanaidhean iongantach aice brosnachadh do dh’ oileanaich is alumni eile."

Chloe Steele, outside in the heather

“Is e fìor thlachd is onair a th’ ann an obair chruaidh agam agus an dìorras is an dealas a th’ agam airson mo chultair agus mo choimhearsnachd a bhith air an aithneachadh tron duais seo. Tha mi an dòchas gum bi an fheadhainn a leughas mo sgeulachd air am brosnachadh gus ceangal a dhèanamh ris na freumhan cultarach aca fhèin. Chaidh atharrachadh a thoirt air mo bheatha leis na cothroman a fhuair mi tro bhith ag ionnsachadh aig UHI. Tha iad air cothrom a thoirt dhomh meas agus luach a chur air mo chultar aig ìre phearsanta, dhomhainn agus brìoghmhor. Tha seo air mo chuideachadh le bhith a’ dèanamh mo shlighe agus a’ cumadh an neach a th’ annam an-diugh."

Chloe Steele